KidsOut World Stories

An Leòmhann agus a’ Chaora Mareia Abed    
Previous page
Next page

An Leòmhann agus a’ Chaora

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Leòmhann agus a’ Chaora

Sgeulachd Farsaidh

 

 

 

 

 

*

Uair a bha siud, bha leòmhann ann a bha an-còmhnaidh a’ bòstadh cho gaisgeil ’s a bha e, cho làidir agus cho seòlta. ‘Chan eil beathach san dlùth-choille seo a tha nas trèine na mise,’ bhiodh e a’ bòstadh ris a h-uile duine a dh’èisteadh. ‘’S mi an leòmhann as motha agus as fheàrr, agus chan eil eagal orm bho beathach sam bith!’ dh’èigh e.

Ach cha robh seo gu tur fìor. Bha eagal mòr air an leòmhann bho radain, ach cha robh e airson gum biodh fios aig beathach eile air seo, air eagal ’s gum biodh iad a’ magadh air. 

Bha caora bheag ann cuideachd a bha gu math socair agus sàmhach. Cha do rinn a’ chaora bost no uaill à dad oir cha robh a’ chaora a’ smaointinn gun robh i treun no làidir no seòlta. Air sgàth ’s gun robh a’ chaora cho sàmhach, uaireannan bhiodh an leòmhann a’ magadh oirre agus ag èigheachd ainmean oirre. ‘Tha thu nad bheathach beag sgàthach,’ thuirt an leòmhann. ‘Tha thu ro shàmhach agus ro fhiamhach. Bu chòir dhut a bhith nas coltaiche riumsa.’

Cha tug a’ chaora shocair feart air a’ mhagadh. Chùm i oirre san aon dòigh. ‘’S dòcha gu bheil mi sàmhach,’ smaoinich a’ chaora, ‘ach tha caraidean agam co-dhiù agus cha bhi mi a’ bòstadh mu mo dheidhinn fhèin neo a’ toirt breith air daoine eile.’

Aon latha, nuair a bha a’ chaora a’ coiseachd tron dlùth-choille, chuala i an leòmhann ag èigheachd aig àrd a chlaiginn, ‘Cuidich mi! Cuidich mi!’

Ruith a’ chaora bheag a’ dh’ionnsaigh an leòmhainn, gus an do lorg i a’ bhèist mhòr, an grèim air a’ gheugaig a b’ ìsle de chraobh. ‘Cuidich mi, a chaora bhig!’ bha an leòmhann a’ guidhe.

‘Dè tha ceàrr?’ dh’fhaighnich a’ chaora a’ coimhead air an talamh airson faicinn dè fon ghrèin a chuir eagal cho mòr air an leòmhann.

‘Radain!’ dh’èigh an leòmhann agus le earball, chomharraich e dhan a’ chaora far an robh teaghlach radain a’ lorg biadh aig bonn na craoibh.

Throt a’ chaora bheag a-null chun nan radain agus gu socair, phut i na radain air falbh bho bhonn na craoibh. ‘Thallaibh an-dràsta,’ thuirt a’ chaora. ‘Tha sibh a’ cur eagal air an leòmhann.’

Agus le sin, dh’fhalbh na radain uile a lorg tuilleadh bìdh.

Nuair a bha an leòmhann cinnteach gun robh na radain air falbh, leig e às a’ gheugag. Dh’fheuch e ri e fhèin a dhèanamh na bu mhotha, mar nach robh eagal sam bith air a bhith air. Ach cha robh a’ chaora a’ creidsinn na bha an leòmhann a’ feuchainn ri dhèanamh.

‘Carson a tha eagal cho mòr ort bho radain?’ dh’fhaighnich a’ chaora bheag.

‘Tha iad sleamhainn agus slìomach agus salach,’ thuirt an leòmhann.

‘Chan eil sin fìor,’ thuirt a’ chaora le gràcalas. ‘Ciamar a tha fios agad cò ris a tha iad coltach mura do bhruidhinn thu riutha riamh?’

Smaoinich an leòmhann mun a seo airson greis agus, mu dheireadh thall, dh’aidich e nach robh e riamh air bruidhinn ris na radain ach gun robh an t-eagal air co-dhiù. ‘Tha thu ceart, a chaora bhig,’ thuirt an leòmhann, ‘Cho-dhùin mi gun robh radain sleamhainn agus slìomhach agus salach, dìreach mar a thuirt mi gun robh thu fhèin socair agus sàmhach, ach chan eil sin fìor. Tha thusa treun agus làidir, ’s dòcha am beathach as trèine agus as làidire san dlùth-choille!’

Thug a’ chaora taing don leòmhann airson nam faclan coibhneil, ach dh’aidich i gur dòcha nach robh sin fìor. Rinn an dithis gàire agus dh’aidich a’ chaora gun robh e èibhinn a bhith a’ faicinn leòmhann treun a’ cumail grèim air craobh leis an eagal.

Bhon latha sin air adhart, bha a’ chaora agus an leòmhann nan deagh charaidean, agus dh’ionnsaich an leòmhann bhon a’ chaora gun robh e nas fheàrr gun breith a thoirt air daoine air sgàth an coltais.

Enjoyed this story?
Find out more here