KidsOut World Stories

Àdhamh agus Ionmhas an Dràgoin Eva Fryc    
Previous page
Next page

Àdhamh agus Ionmhas an Dràgoin

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Àdhamh agus Ionmhas an Dràgoin

Sgeulachd às a’ Phòlainn

Treasure Chest

 

 

 

 

 

*

Bha Àdhamh a’ fuireach ann am baile-beag ann an ceann a deas na Pòlainn, faisg air a' bhaile-mòr Krakow. B’ e àm dìnnearach an t-àm a b' fheàrr le Àdhamh dhen latha. Cha b’ ann air sgàth ’s gun robh a mhàthair a’ còcaireachd a’ bhìdh a b’ fheàrr san t-saoghal ach, aig àm dìnnearach, bhiodh an teaghlach uile nan suidhe mun cuairt air an telebhisean agus a’ coimhead air na naidheachdan. Cha b’ urrainn leasan sam bith san sgoil a bhith cho math ris na sgeulachdan air na naidheachdan: daoine brèagha bho àiteachan agus cultaran diofaraichte, mòr-thubaistean nàdarra ann an dùthchannan air nach do thadhail e riamh, agus fiosrachadh mu dhaoine ainmeil agus a’ bheatha iongantach aca. B’ e aon sgeulachd mar seo a dh’atharraich beatha Àdhaimh gu bràth…

Aon fheasgar, dìreach ron a’ bhuain, bha an teaghlach nan suidhe agus ag ithe brot circe agus macaroni a rinn màthair Àdhaimh aig an taigh, agus bha sin a’ còrdadh riutha gu mòr. An uair sin thòisich na naidheachdan. B’ e sgeulachd mu dheidhinn mèirle dhìomhaireach a bh’ anns a’ chiad sgeulachd air na naidheachdan agus thachair seo ann an Caisteal Wawel faisg air Krakow. Tron oidhche, chaidh mèirlich a-steach gu sàmhach agus ghoid iad an t-ionmhas bho uamh Smok!

Bha fios aig a h-uile duine anns a’ Phòlainn air sgeulachd Smok an Dràgon a bha a’ fuireach fo Chaisteal Wawel o chionn mòran bhliadhnaichean. Bha Smok a' fuireach anns na h-uaimhean fon a’ chaisteal agus bhiodh e ag ithe bà an Rìgh. Thuirt an Rìgh gum b' urrainn duine sam bith an nighean aige a phòsadh, ma bha iad làidir gu leòr an dràgon a mharbhadh. Dh’fheuch mòran dhaoine uasal agus ridirean, ach dh’fhaillich orra uile, ach mu dheireadh, mharbh greusaiche sìmplidh an dràgon.

Mar a tha fios aig a h-uile sgoilear, bidh dràgonan a’ cadal air leabaidh de dh’ionmhas òir. Bha leabaidh mar sin ann an uamh Smok agus, nuair a bha an dràgon marbh, cha do ghluais an Rìgh an t-òr oir bha e airson gum biodh dràgonan eile a’ creidsinn gun robh Smok fhathast a’ fuireach fo Chaisteal Wawel. ‘Mar sin,’ dh’èigh an Rìgh, ‘Cha chuir dràgonan dragh orm a-rithist!’

Agus mar sin, dh’fhuirich na buinn òir ann an t-saobhaidh an dràgoin fad nan ceudan bhliadhnaichean, agus le gach Righ ùr a’ creidsinn gun robh an t-òr a’ toirt soirbheachadh do na daoine.

Dh’fhuirich na buinn òir san uamh riamh gus an do ghoid na mèirlich iad, agus b’ ann nuair a bha e a’ gabhail a dhìnnear a fhuair Àdhamh a-mach mun mhèirle.

Bha an neach-naidheachd aig Caisteal Wawel. Bha i a’ dèanamh agallamh ri oifigear poilis. Thuirt an t-oifigear: ‘Tha sinn dhen bheachd gun tàinig na mèirlich dhan chaisteal tron latha, a’ leigeil orra gur e luchd-turais a bh’ annta. Feumaidh gun robh iad am falach san dorchadas agus gun do dh’fhuirich iad gus an robh an caisteal dùinte airson an latha. Bha dà mhàileid aca, agus tha sinn a’ smaointinn gun tug iad leotha na b’ urrainn dhaibh de dh'òr. 'Seo,’ thuirt e, agus e a’ sìneadh a làimh gu àite air làr a’ chaisteil ‘uile ’s a tha air fhàgail de na buinn òir.’

Sheall an camara beagan bhuinn a bha air fhàgail air an làr.

Bha neach-faire a' chaisteil na sheasamh ri taobh an oifigeir-poilis, agus bha e a’ coimhead glè bhrònach. Bha e a’ crathadh a chinn agus ag ràdh gun robh e gu math mì-fhortanach dhan chaisteal agus do bhaile-mòr Krakow.

Rinn athair Àdhaimh ospag: ‘Tha a h-uile mìr ionmhais air falbh!’

‘Dè thachras ma thig dràgon eile agus gum faic e gu bheil an t-ionmhas air falbh?’ dh’fhaighnich Àdhamh. 

‘Bidh fios aca nach eil Smok an sin a-nis! ‘S dòcha gun tèid ionnsaigh a thoirt air a’ chaisteal agus gum faigh sinn dràgon ùr às dèidh a leithid dè dh'ùine.'

Rinn Basia, piuthar as sine Àdhaimh, gàire rithe fhèin agus thuirt i: ‘Uill, feumaidh an Rìgh a dhol dhan bhanca airson barrachd bhuinn fhaighinn mus bi e ro fhadalach.’

Rinn an teaghlach gàire agus chùm iad orra ag ithe a’ bhrot bhlasta aca. Shaoil Àdhamh nach robh duine a’ creidsinn ann an dràgonan a-nis, agus mar sin ’s dòcha nach robh adhbhar ann dragh a bhith air.

*

An-ath-latha, dhùisg Àdhamh glè thràth còmhla ris an teaghlach. Bha a phàrantan, a bhràithrean agus a phiuthar bu shine a’ dol a-mach dha na h-achaidhean airson a’ bhuain a thoirt a-steach. Bhiodh iad air falbh fad an latha. Bha na h-achaidhean fada air falbh bhon taigh-tuathanais aca agus mar sin bha aca ri falbh glè thràth. Bhiodh e na obair chruaidh dhan h-uile duine.

Aig àm na buana, bhiodh diofar dhaoine bhon teaghlach a’ feitheamh aig an taigh airson sùil a chumail air beathaichean an tuathanais agus airson an sabhal ullachadh airson am bàrr a stòradh. Bha aca cuideachd ris an dìnnear a dheasachadh dhan teaghlach acrach nuair a thilleadh iad dhachaigh. Am-bliadhna, b’ e Àdhaimh a bha a’ fuireach.

Nuair a dh’fhalbh an teaghlach aige ann an tractar, chruinnich Àdhamh biadh nam beathaichean agus chaidh e dhan stàball airson feur a thoirt dha na h-eich. An uair sin, bhleoghainn e na mairt agus thug e a-mach iad dhan achadh.

B’ e an sabhal a sgioblachadh an ath rud.

Dh’fhosgail Àdhamh na dorsan mòra agus chaidh e a-steach. An uair sin, chunnaic e solas neònach, òir a’ deàrrsadh bhon fhaileas aig taobh eile an t-sabhail. ‘Saoil, dè tha siud,’ smaoinich e, agus chaidh e a choimhead.

Fhad ’s a bha e a’ coiseachd a dh’ionnsaigh an t-solais dheàlraich, cha b’ urrainn dha a chreidsinn na chunnaic e air làr an t-sabhail… Òr! Màileid fhosgailte làn òir! Agus ri taobh sin, bha màileid eile, ach bha an tè seo fhathast dùinte. Chuir seo iongnadh air Àdhamh. Bha e cinnteach gum b’ e seo an t-òr bho uamh Smok.

‘Feumaidh gun robh na mèirlich a’ teicheadh agus gun do dh’fhalaich iad na màileidean an seo gus nach lorgadh na poilis iad,’ smaoinich e.

Ruith Àdhamh air ais dhan taigh a dh’innse dhan teaghlach mu na lorg e. Ach nuair a ràinig e an taigh, chuimhnich Àdhamh nach robh iad ann. Mar sin, ruith e chun a’ fòn agus thog e e… ach stad e a-rithist. Cò thuige am fònadh e? Cha robh àireamh fòn aige airson a’ chaisteil. B' urrainn dha fònadh gu na poilis, smaoinich e, ach ’s dòcha nach creideadh iad e. Chuir e am fòn sìos agus smaoinich e greis.

Gu h-obann, bha fios aig Àdhamh na bha aige ri dhèanamh. Ruith e air ais chun an t-sabhail agus chruinnich e na buinn òir còmhla agus dhùin e a’ mhàileid. An uair sin, tharraing e am bara-cuibhle às an stàball agus, às dèidh gu leòr puthadaich, chuir e an dà mhàileid dhan bhara-cuibhle.

Cha robh e a’ dèanamh fiughair ris an ath phàirt den phlana. Bha aige ris am bus fhaighinn gu Krakow agus an t-òr a chur air ais e fhèin. Cha robh Àdhamh riamh air bus, agus cha robh e riamh ann am baile mòr Krakow anns an robh na mìltean dhaoine, trafaig fuaimneach agus togalaichean àrda. Bha Àdhamh a’ faireachdainn nearbhasach, ach bha e ag iarraidh a bhith tapaidh agus an t-òr a thoirt air ais gu saobhaidh Smok, ‘Co-dhiù,’ thuirt e, ‘feumaidh cuideigin an caisteal a shàbhaladh bho na dràgonan.’

*

Bha sileagan airson airgead-pòcaid aig Àdhamh agus thug e seo a-mach bho bhonn na leapa aige. Chuimhnich e mun t-seacaid aige, agus thug e seo far cromag a bha air cùl an dorais. An uair sin, ghlas e doras an taigh-tuathanais agus ruith e dhan t-sabhal airson a’ bhara-cuibhle. Nuair a bha e cleachdte ris a’ bhara-cuibhle, a bha gu math trom gu dearbh, thòisich e air an turas aige chun an stad-bhus a bha aig taobh eile a’ bhaile-bheag.

Cha robh càil a dh’fhios aig Àdhamh cuin a bhiodh an ath bhus ann. Bha e an dòchas nach fheumadh e feitheamh fada oir bha e a’ faireachdainn nearbhasach mu thràth mun turas, agus fiu’ s an robh e ceart gu leòr am bara-cuibhle a thoirt air a' bhus. An uair sin, thàinig am bus a-nuas an rathad agus stad e an sin, dìreach air beulaibh Àdhaimh.

Dh’fhosgail na dorsan agus choimhead an dràibhear air a’ bhalach bheag agus an uair sin air a’ bhara. Cha robh fios aig Àdhamh dè dhèanadh e. Às dèidh mionaid no dhà, thuirt an dràibhear, ‘A bheil thu a’ tighinn air a' bhus no nach eil?’

‘Am faod mi am bara-cuibhle a thoirt air a’ bhus?’ dh’fhaighnich Àdhamh.

Stad an dràibhear. Cha b’ e seo a’ chiad turas a dh’fhaighnich cuideigin bhon bhaile bheag seo am b’ urrainn dhaibh bara-cuibhle a thoirt air a’ bhus. Gu fhortanach dha Àdhamh, cha robh am bus làn le feòir no cearcan beò. Aon uair, leig an dràibhear fiù ’s caora air bòrd còmhla ri seann chailleach, ach bha aice ri dà thiogaid a cheannach.

‘Siuthad ma-thà,’ thuirt an dràibhear. ‘Ach dèan cabhag.’

Às dèidh barrachd putaidh agus puthadaich, phut Àdhamh am bara air a’ bhus agus lorg e àite-suidhe gu luath aig a’ chùl.

‘Nach do dhìochuimhnich thu rudeigin?’ dh’eigh an dràibhear bho aghaidh a’ bhus.

Choimhead Àdhamh ris an dràibhear, a’ smaointinn dè idir a bha e a’ ciallachadh.

‘Cha tug thu airgead dhomh fhathast!’

Seadh! Bha aige air tiogaid a cheannach. Leum Àdhamh às an t-suidheachan aige agus a-null chun an dràibheir. Thug e dha an sileagan de dh’airgead-pòcaid agus dh’iarr e tiogaid gu Caisteal Wawel. Dh’fhosgail an dràibhear an sileagan agus thug e a-mach an t-airgead airson turas gu Krakow. Tharraing e tiogaid às an inneal agus thug e do dh’Àdhamh i, còmhla ris an t-sileagan de airgead-pòcaid a bha air fhàgail. Choisich Àdhamh air ais dhan t-suidheachan aige ri taobh a’ bhara agus shuidh e.

Nuair a bha am bus a’ dol a-mach às a’ bhaile bheag, choimhead Àdhamh air na màileidean a bha anns a’ bhara. Cha do choimhead e a-mach an uinneag oir bha e mì-chinnteach mu bhith fàgail a’ bhaile agus a’ dol air turas leis fhèin. Bha Àdhamh eòlach air a h-uile duine anns a’ bhaile bheag aige fhèin, ach ann baile mòr mar Krakow, cha robh e eòlach air duine agus dh’fhaodadh e a dhol air chall.

*

Bha am bus gu math slaodach, agus a’ stad tric airson barrachd dhaoine a leigeil air.

‘Tha seo a’ toirt ùine mhòr,’ smaoinich Àdhamh.

Mu dheireadh thall, dh’fhàs e sgìth a’ cumail sùil air na màileidean. Bha e a-nis a' faireachdainn nas gaisgeile, agus mar sin, choimhead e a-mach an uinneig. Cha robh fios aige càit an robh e, agus bha an t-eagal air nach biodh fios aige air an t-slighe dachaigh. Bha an sealladh diofaraichte. Cha robh e uaine no fosgailte. Bha e a-nis làn de thogalaichean liath, àrda. An àite crodh ann an achaidhean, chunnaic e mòran dhaoine a’ coiseachd air na sràidean mòra.

Bha an t-eagal air Àdhamh. ‘Cò às a thàinig na daoine seo?’ smaoinich e.

Gu h-obann, stad am bus agus dh’eigh an dràibhear ri Àdhamh gun do ràinig iad. Caisteal Wawel! Mu dheireadh bha e ann!

Phut Àdhamh am bara suas gu na geàrdan a bha nan seasamh ri taobh nan geataichean mòra. Os cionn nan geataichean, chunnaic Àdhamh an caisteal àibheiseach. Bha e glè mhòr agus caran eagalach.

‘A’ dol air saor-làithean?’ dh’fhaighnich geàrd le gàire beag.

‘Chan eil,’ thuirt Àdhamh. ‘Tha rudeigin agamsa a bu chòir a bhith anns a’ chaisteal agus tha mi an seo airson a thoirt air ais… gus nach faigh sibh barrachd dhràgonan.’

Choimhead na geàrdan air na màileidean, agus air ais air Àdhamh. Bha iad airson gum fàgadh Àdhamh, ach dh’fhosgail an neach-tasgaidh na geataichean. Dh’aithnich Àdhamh an neach-tasgaidh bho na naidheachdan. Dh’fhosgail am balach beag aon de na màileidean agus thug e a-mach aon bhonn òir. Thug e am bonn òir dhan an neach-tasgaidh, agus e a’ faireachdainn buadhmhor, agus thuirt e, ‘Tha mi a’ creidsinn gur ann leibhse a tha seo.’

Bha an neach-tasgaidh cho toilichte! Cha b’ urrainn dha a chreidsinn nuair a thuirt Àdhamh gun robh na màileidean anns na saibhlean aige. Dh’inns Àdhamh dhan neach-tasgaidh cuideachd gun d’ fhuair e am bara-cuibhle agus an t-airgead-pòcaid aige, agus gun do shiubhail e air a’ bhus gu Krakow. Rud nach do rinn e riamh. A-nis bha mòran dhaoine mun cuairt air Àdhamh agus an neach-tasgaidh agus bha iad ag iarraidh sgeulachd Àdhaimh a chluinntinn. Bha iad uile toilichte leis a’ bhalach bheag.

An uair sin, thog na geàrdan na màileidean, agus còmhla ri Àdhamh, lean iad an neach-tasgaidh tron chaisteal gu uamh Smok.

Cha robh Àdhamh riamh air a bhith ann an caisteal fìor roimhe. Cha robh e riamh eadhon air a bhith taobh a-muigh caisteal fìor roimhe. Choimhead e mun cuairt fhad ’s a bha e a’ coiseachd tro sheòmraichean mòra le sìoda agus seann dealbhan. Bha gach seòmar a’ coimhead nas motha agus nas brèagha na am fear mu dheireadh.

Mu dheireadh thall ràinig a h-uile duine beul na h-uamha agus chaidh iad a-steach. Bha e na bu dhuirche agus na b' fhuaire nuair a chaidh iad sìos, ach fhathast chùm iad air adhart gus an do ràinig iad an uamh fhèin.

‘Tha e dìreach mar a bha e air an telebhisean a-raoir,’ thuirt Àdhamh ri duine sam bith a bha ag èisteachd.

Dh’fhosgail na geàrdan na màileidean agus thilg Àdhamh agus an neach-tasgaidh na buinn òir tarsaing an làir le toileachas. Bha an neach-tasgaidh a’ gàireachdainn le faochadh. Agus bha Àdhamh a’ gàireachdainn oir bha e cho moiteil gun robh a h-uile rud ceart gu leòr agus gun robh an caisteal sàbhailte.

‘Cha bhi dràgonan eile ann a-nis,’ smaoinich e.

Nuair a bha a h-uile bonn air ais mar a bu chòir, leig Àdhamh beannachd leis a h-uile duine. Bha astar gu math fada aige ri dhol gus tilleadh dhachaigh. Ach cha robh an neach-tasgaidh a’ smaointinn gun robh seo math gu leòr.

‘Is tusa am balach as tapaidhe anns a' bhaile mhòr air fad,’ thuirt an neach-tasgaidh. ‘Bu chòir dhut fuireach an seo airson greis gus an toir sinn taing dhut.’

Bha Àdhamh ag iarraidh fuireach, ach bha e a’ smaointinn mun dachaigh aige, an teaghlach aige agus an turas fada a bha roimhe fhathast. Thuirt e, ‘Bu toigh leam fuireach, ach feumaidh mi an sabhal ullachadh airson na buana agus feumaidh mi an dìnnear ullachadh airson na h-oidhche. Cha bhi fios aig mo theaghlach càit a bheil mi agus bidh iad feargach nach do rinn mi an obair agam.’

‘Na gabh dragh,’ thuirt an neach-tasgaidh. ‘Rinn thu rud iongantach airson a’ bhaile mhòir. Nise, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh air do shon-sa. Lean mise!’

Agus le sin, chaidh iad suas staidhre dhorcha agus a-mach tarsaing prìomh thalla a’ chaisteil. Fhad ’s a bha iad a’ coiseachd, thug an seann duine òrdugh dha na geàrdan, agus an uair sin, chuir iad na h-òrduighean sin a-steach do na rèidiothan aca. Gu h-obann bha an caisteal air fàs trang.

Nuair a ràinig Àdhamh agus an neach-tasgaidh geataichean a’ chaisteil, bha limousine gleansach, dubh agus truga mhòr a’ feitheamh an sin.

Bha geàrdan a’ chaisteil, anns an aodach obrach dhearg is òr aca , a’ sreap a-steach dhan truga agus a’ giùlan bhogsaichean mòra agus bhogsaichean beaga. Bha dràibhear ann, le aodach obrach spaideil, agus dh’fhosgail e doras an limousine. Ghnog an dràibhear a bhonaid ri Àdamh nuair a thàinig e a-steach.

Bha an turas air ais dhan bhaile bheag fada nas luaithe na an turas air a’ bhus dhan a’ bhaile mhòr, agus cha robh feum aige air airgead-pòcaid a chleachdadh!

Cha b’ fhada gus an do ràinig iad am baile beag agus, ann an ùine ghoirid, bha iad a’ dràibheadh air an rathad gu taigh Àdhaimh.

Chunnaic Àdhamh a theaghlach nan seasamh taobh a-muigh an taighe. Bha iongantas orra nuair a chunnaic iad an limousine, an truga agus na geàrdan anns an aodach obrach dhearg agus òr aca.

Nuair a stad a h-uile duine agus a thàinig Àdhamh a-mach às an limousine, ruith an teaghlach air fad gu Àdhamh: bha a h-uile duine a’ bruidhinn aig an aon àm agus mar sin bha e doirbh do dh’Àdhamh an tuigsinn agus fiu ’s nas duilghe na ceistean aca a fhreagairt.

Dìreach nuair a bha Àdhamh a' faireachdainn brònach bhon nach do rinn e an obair aige, mhìnich an neach-tasgaidh gun do thill Àdhamh na buinn òir a bha a dhìth chun a’ chaisteil.

‘Tha Àdhamh agaibhse gu math tapaidh,’ thuirt an neach-tasgaidh agus chuir an teaghlach aig Àdhamh fàilte air. ‘Tha sinn uile aig a’ chaisteal glè thaingeil.’

Bha màthair agus athair Àdhaimh cho toilichte nuair a chuala iad na rinn Àdhamh agus cho tapaidh ’s a bha e.

An uair sin thuirt an neach-tasgaidh: ‘Tha fios agam gu bheil feum agaibh air obair a dhèanamh air an tuathanas. Na gabhaibh dragh mu dheidhinn dad sam bith mas e ur toil e.’ Agus le sin, thionndaidh e ris na geàrdan agus rinn e gluasad-bodhaig.

Chaidh na geàrdan ann an trì buidhnean. Ruith a’ chiad bhuidheann chun an t-sabhail agus thòisich iad a’ sgioblachadh àite airson na buana, agus thòisich buidheann eile a’ toirt ana buana às an tractar. Ruith an treas buidheann chun an taighe agus thog iad am bòrd-bìdh a-mach don ghàrradh. Chuir iad air clò, truinnsearan, glainnichean agus uidheam-ithe a thug iad às a’ chaisteal.

Thàinig biadh air truinnsearan mòra às an truga agus chuir na geàrdan iad air a’ bhòrd.

Shuidh teaghlach Àdhaimh aig a’ bhòrd agus dh’òl an neach-tasgaidh an slàinte. Bha na geàrdan uile mun cuairt agus smaoinich Àdhamh ris fhèin: ‘Feumaidh gur ann mar seo a bhios na h-uaislean.’

Bha an teaghlach a’ gàireachdainn agus ag ithe còmhla, fhad ’s a bha Àdhamh ag innse mu na togalaichean àrda ann an Krakow, an sluagh, an caisteal agus an limousine.

B’ e latha mìorbhaileach a bh’ ann gu dearbh. Agus fhad ’s a bha Àdhamh ag ithe a’ bhìdh bhlasta, thuirt e ris fhèin nach dìochuimhnicheadh e an turas a ghabh e. Ach bha e gu math toilichte gur e a bhràthair a bhiodh a’ fuireach aig an taigh an-ath-bhliadhna fhad ’s a bhiodh Àdhamh còmhla ris an teaghlach sna h-achaidhean buana.

Enjoyed this story?
Find out more here