KidsOut World Stories

A’ Bhana-phrionnsa agus am Peasair    
Previous page
Next page

A’ Bhana-phrionnsa agus am Peasair

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

A’ Bhana-phrionnsa agus am Peasair

Sgeulachd Dhuitseach

 

 

 

 

 

*

Bha prionnsa ann uaireigin a bha glè glè mhionaideach. Cho-dhùin e gun robh an t-àm ann dha pòsadh, ach dh’fheumadh a’ bhean a gheibheadh e a bhith na fìor bhana-phrionnsa a bha a cheart cho mionaideach ris fhèin. Bha e den bheachd gun robh a bhith mionaideach na shoidhne air rìoghalachd.

Ach càit an lorgadh e tè? Thòisich e a’ sireadh fada is farsaing air feadh na dùthcha. Ach cha do shoirbhich e idir. Bha e cho mionaideach agus gun robh e ag ràdh mu gach bana-phrionnsa: ‘Tha an tè ud ro reamhar’ no ‘Tha an tè ud ro chaol’ no ‘Tha an tè ud ro àrd’ no ‘Tha an tè ud ro bheag’ no ’Tha fàileadh dhen tè ud’ no ‘Tha falt uaine air an tè ud’ no ‘Tha falt gorm air an tè ud’.

Agus mar sin air adhart agus air adhart. Cha robh e riaraichte uair sam bith, ach bha e fhathast ag iarraidh bean a bha na fìor bhana-phrionnsa. Càit an lorgadh e tè? Ann an sù? Ann am fail-mhuc? San stàball? Bha a mhàthair agus athair, an rìgh agus a’ bhanrigh, gus toirt thairis. Cha robh fios aca càit eile an coimheadadh iad.

*

Bha dragh orra fhathast mu dheidhinn aon oidhche nuair a bha stoirm uabhasach ann, agus tro bheucadh na gaoithe agus an uisge, chuala iad gnogadh beag socair aig an doras.

A-muigh, robach agus le falt fliuch, bha sealladh glè bhrònach.

‘Leigibh a-steach mi às an fhuachd agus às an uisge, mas e ur toil e. ’S e fìor bhana-phrionnsa a th’ annam,’ thuirt an nighean.

Leig iad a-steach i oir cha bu chòir do fhìor bhana-phrionnsa a bhith fuar agus fliuch. Ach nuair a choimhead iad ceart rithe, cha robh i idir coltach ri bana-phrionnsa fhìor. Bha a falt sgèideach, bha a h-aodach reubte agus fliuch, bha a brògan salach le poll agus bog fliuch agus cha robh crùn air a ceann (mar bu chòir a bhith air a h-uile bana-phrionnsa).

Thòisich na boireannaich san lùchairt uile a’ cagair air a cùlaibh:

‘Chan e fìor bhana-phrionnsa a tha seo idir; cha bhiodh fìor bhana-phrionnsa gu bràth ann a leithid seo de staid. Cò tha i a’ smaoineachadh a th’ innte?’

Ach bha a’ bhanrigh coibhneil agus cho-dhùin i gum bu chòir amar blàth agus leabaidh a thabhann dhi airson na h-oidhche, ach bha i a’ smaoineachadh gu dìomhair rithe fhèin, gun innse don rìgh no don phrionnsa, gus an dearbhadh i nach b’ e fìor bhana-phrionnsa a bh’ innte.

Às dèidh an amair, bha an nighean a’ coimhead nas coltaiche ri fìor bhana-phrionnsa, ach bha an deuchainn ri tighinn fhathast.

Dh’òrdaich a’ bhanrigh do na searbhantan leabaidh a dhèanamh suas le, cha b’ e aon no a dhà no a trì ach fichead bobhstair, uile air an càrnadh air muin a chèile. Ach nas cudromaiche na sin, peasair beag bìodach uaine a chur fon bhobhstair aig a’ bhonn.

Carson a bha i ag iarraidh seo?

An-ath-mhadainn, nuair a thàinig an nighean gu a bracaist còmhla riutha, bha i a’ coimhead glè glè sgìth.

‘Ciamar a chaidil thu a-raoir?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.

‘Ur mòrachd, shreap mi suas chun a’ bhobhstair a b’ àirde agus dh’fheuch mi ri mi fhìn a shocrachadh. Ach fad na h-oidhche, bha mi a’ tionndadh ’s a’ cur charan oir bha mi cho mì-chofhurtail. Cha robh sin gu feum sam bith. Ge bith dè cho tric ’s a dh’fheuch mi, cha b’ urrainn dhomh cadal. Feumaidh gun robh rudeigin cruaidh air a ghlacadh fo na bobhstairean agus chùm e mi nam dhùisg fad na h-oidhche.’

‘Ò, mo ghràdh ort,’ thuirt a’ bhanrigh. ‘Feumaidh gur e fìor bhana-phrionnsa a th’ annad. Cha bhiodh neach sam bith eile ach bana-phrionnsa cho grinn agus gum fairicheadh i peasair beag bìodach uaine fo na bha an siud de bhobhstairean.’

Bha am prionnsa air a dhòigh glan. Bha a ghrèidhearan agus a ridirean agus a sguibhirean agus a chòcairean agus na h-eich aige, a bha air a bhith a’ coimhead air feadh na dùthcha airson fìor bhana-phrionnsa, dìreach air an dòigh – gheibheadh iad fois mu dheireadh thall. Bha an rìgh ’s a’ bhanrigh air an dòigh cuideachd, oir mu dheireadh thall, bha iad a’ faicinn gun robh am mac, am prionnsa, toilichte.

Phòs am prìonnsa agus an fhìor bhana-phrionnsa agus bha iad toilichte gu bràth às dèidh sin, agus iad glè glè mhionaideach còmhla.

 

 

Taing

Sgrìobhadair

Niz Smith agus Avril Lethbridge  

Leughadair

Patsi Mackenzie

Ceòl Cuspair

 'So Beautiful commercial cut' le SoundWizard bho Audiojungle.net

Ealain

 Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here