KidsOut World Stories

Leasan air Caoibhneas Liiban Ahmed    
Previous page
Next page

Leasan air Caoibhneas

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Leasan air Caoibhneas

Sgeulachd à Somalia

 

 

 

 

 

*

Bha an càmhal agus an sionnach nan deagh charaidean agus nan deagh mhèirlich. Aon latha, cho-dhùin an dithis charaidean a dhol tarsainn na h-aibhne oir bha iad airson siubhal gu tuathanas gus biadh a ghoid. Cha b' urrainn dhan t-sionnach bheag snàmh. Mar sin, thuirt an càmhal ri charaid, 'Theirig suas air mo dhruim agus snàmhaidh mi tarsainn na h-aibhne.'

Agus mar sin dhìrich an sionnach air druim a' chàmhail, agus shnàmh an càmhal làidir tarsainn na h-aibhne chun an taoibh eile.

Nuair a bha iad air an taobh eile, rinn an càmhal agus an sionnach an slighe chun an tuathanais. Nuair a ràinig iad an tuathanas mu dheireadh thall, ghlac an sionnach cearc fhad 's a bha an càmhal a' cladhach airson glasraich ùra. 

Dh'ith an sionnach acrach a’ chearc gu luath agus thuirt e ri charaid, an càmhal, 'Nuair a chuireas mi crìoch air mo bhiadh, ’s àbhaist dhomh seinn.' 

'Na seinn fhathast,' thuirt an càmhal fhad 's a bha e ag ithe a dhìnnear de ghlasraich. 'Chan eil mi deiseil dhe mo dhìnnear fhathast agus ma bhios tu a' seinn, cluinnidh an tuathanach thu. Cuiridh mi crìoch air mo dhìnnear an toiseach agus faodaidh tu seinn nuair a tha sinn air an t-slighe dhachaigh.'

Ach cha tug an sionnach feart air na thuirt a charaid agus thòisich e a' seinn aig àird a chlaiginn. Chuala an tuathanach seo, agus ruith e a-mach às an taigh aige le bata mòr.

'Seallaidh mise dhuibh dè thachras do mhèirlich!' dh'èigh an tuathanach feargach.

Ach air sgàth 's gun robh an sionnach cho beag agus cho luath, b' urrainn dha teicheadh bhon tuathanach. Ach bha an càmhal glè shlaodach, agus bha e fhathast ag ithe a dhìnneir, agus mar sin, chan fhaca e an tuathanach gus an robh e ro fhadalach.

Bhuail an tuathanach an càmhal leis a' bhata. Bhuail e an càmhal air a chasan agus air a dhruim mus do theich e.

Nuair a ràinig an càmhal an abhainn, bha e ann am pian agus bha e gu math troimh-a-chèile le charaid, an sionnach.

'Carson a sheinn thu nuair a bha fios agad gun cluinneadh an tuathanach thu? ’S math a chitheadh tu nach robh mi deiseil dhe mo dhìnnear,' dh'fhaighnich an càmhal.

'Air sgàth 's gur ann mar sin dìreach mar a tha mi,' thuirt an sionnach, ag innse na fìrinn. 'A-nis, leig mi suas air do dhruim oir feumaidh sinn a dhol thairis na h-aibhne.'

An uair sin, choisich an càmhal ri taobh na h-aibhne agus a-steach dhan uisge. Thoisich e a' snàmh chun an taoibh eile leis an t-sionnach air a dhruim. 

Nuair a bha an càmhal ann am meadhan na h-aibhne, far an robh an t-uisge na bu dhoimhne agus far an robh an sruth na bu làidire, sguir e a shnàmh agus thuirt e ris an t-sionnach, 'Nuair a chrìochnaicheas mi mo dhìnnear, ’s àbhaist dhomh a dhol dhan amar.'

'Na teirig dhan amar fhathast!' dh'èigh an sionnach. 'Chan urrainn dhomh snàmh, agus ma thèid thu dhan amar, tuitidh mi dhan uisge!'

'Tha mi duilich,' thuirt an càmhal, 'ach bidh mi a' dol dhan amar às dèidh ithe. 'S ann mar sin dìreach a tha mi.' 

Agus le sin, chaidh druim a' chàmhail dhan uisge agus thuit an sionnach sìos. Thòisich e a' stealladh gus a' strì an aghaidh an t-sruth làidir.

'Cuidich mi!' dh'èigh an sionnach eagalach. 'Tha mi a' dol fodha!'

Chuir an càmhal ceist air an t-sionnach, 'A bheil thu duilich gun robh thu cho fèineil agus gun d’ fhuair an tuathanach grèim orm ?'

'Tha! Tha mi cho duilich!' dh'èigh an sionnach mus do thuit e fon uisge.

Bha an càmhal feargach, ach bha iad fhathast nan deagh charaidean, agus shlaod e an sionnach suas agus a-mach às an uisge agus air ais air a dhruim. An uair sin, shnàmh an càmhal tarsainn chun an taoibh eile agus dh'fhàg iad an t-uisge agus chaidh iad air an fheur bhlàth. 

Bha an sionnach a' tuigsinn gun robh e air a bhith gu math fèineil agus thuirt e ri charaid, 'Tha mi cho duilich airson na rinn mi. Faodaidh tu earbsa a chur annam gu bràth tuilleadh.'

'Agus tha mi duilich gun robh agam ri leasan a thoirt dhut an-diugh, ach uaireannan feumar sin a dhèanamh.'

An uair sin, thòisich an dithis charaidean a' gàireachdainn agus shìn iad air an fheur bhlàth. Bha a' ghrian cho blàth ’s gun robh am bian aca tioram mu thràth. Dh'ionnsaich an sionnach leasan gu math cudromach an latha ud. Dh'ionnsaich e nach robh e math caraid a bhrathadh, agus ma tha nì thu droch rud air duine, gur dòcha gun dèan iadsan droch rud ortsa. B' e deagh leasan a bh’ ann gu dearbh.

Enjoyed this story?
Find out more here