KidsOut World Stories

Cormoran: Am Fuamhaire Còrnach    
Previous page
Next page

Cormoran: Am Fuamhaire Còrnach

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

Giglets Cloud logo

Cormoran: Am Fuamhaire Còrnach

 

 

 

 

 

 

 

Tha eilean beag sa Chòrn ris an canar Cnoc Naomh Mìcheil. Chan fhaigh thu ann ach le coiseachd ann aig muir-tràigh. Aig àm muir-làn, chan fhaigh thu ann ach le bàta. Tha Cnoc Naomh Mìcheil anabarrach cas agus creagach, le cala beag, baile beag, agus caisteal aig mullach a’ chnuic. Bidh cuid ag ràdh nach b’ e eilean a bh’ ann an Cnoc Naomh Mìcheil an-còmhnaidh agus gun robh e aig aon àm air a chuairteachadh le coille agus gu bheil a’ choille sin a-nis fon mhuir. Bidh cuid ag ràdh gun deach an Cnoc a thogail le fuamhaire.

B’ e  Cormoran an t-ainm a bh’ air an fhuamhaire. Bha e beò o chionn fhad an t-saoghail agus cha robh e an-còmhnaidh còir. Bha Cormoran fìor mhòr, nas motha na gin de na craobhan sa choille a bha mun cuairt. Bha feusag mhòr mholach air agus sùilean beaga olc ann.

Bha Cormoran a’ fuireach sa choille còmhla ri a bhean, Cormelian. Bha i cha mhòr cho àrd ri Cormoran agus bha i glè mhoiteil às an aparan mhòr a bha i fhèin air a dhèanamh.

Aon latha thuirt Cormoran rithe: ‘Tha mi airson caisteal a thogail à clach-ghràin.’

Sgrìob Cormelian a ceann. Bha a falt cha mhòr cho molach ri feusag Chormoran.

‘Ò gu dearbh a ghràidh, ach tha a’ chlach-ghràin fada air falbh sa chuaraidh. Carson nach tog sinn i le clach uaine? Cha bhi cho fada againn ri dhol ga faighinn.’

Ach cha robh Cormoran den bheachd gum biodh clach uaine math gu leòr airson a' chaisteil aige.

‘Na bi cho leisg!’ dh’èigh e rithe. ‘Cleachdaidh sinn clach-ghràin! Tha clach-ghràin math agus làidir. Thèid sinn don chuaraidh gach latha gus am bi gu leòr chlachan againn airson caisteal a thogail. Bidh e fiù nas motha na sinne! Faodaidh tu na pòcaidean nad aparan a chleachdadh airson na clachan a chumail.’

‘Seadh, a ghràidh ... ach nach bris an t-aparan agam?’

‘Na bi cho gòrach. Dèan d’ obair!’ dh’èigh Cormoran.

Mar sin, thòisich Cormoran agus Cormelian ag obair còmhla agus a’ càrnadh nan clachan-gràin air ùrlar na coille. Ro dheireadh a’ chiad seachdain, chaidh aca air gu leòr ulpagan fhaighinn airson bunait a' chaisteil aca a chruthachadh, ach cha tàinig e suas ach gu an adhbrannan.

‘Tha seo a’ dol a thoirt ùine mhòr,’ smaoinich Cormelian.

A-nis, chan e a-mhàin gun robh Cormoran mì-mhodhail agus suarach, bha e leisg cuideachd. Fad an fheasgair theth, shuidheadh e ann an dubhar na craoibhe a b’ fheàrr leis agus dhèanadh e norrag.

An dàrna seachdain agus i sgìth bhon chiad seachdain, smaoinich Cormelian rithe fhèin: ‘Tha a’ chlach uaine mòran nas aotruime a giùlan. Ma chuireas mi am falach i fon chloich-ghràin, tha mi cinnteach nach toir Cormoran an aire. Cha bhiodh feum againn air caisteal sa chiad àite nam faigheadh e dìreach air adhart leis na nàbaidhean.’

Mar sin chruinnich Cormelian a’ chlach uaine, chuir i a’ chlach na h-aparan agus choisich i a-null chun a’ chàirn de dh’ulpagan a thigeadh gu bhith, latha brèagha air choreigin, na Chnoc Naomh Mìcheil, nuair a dhùisg Cormoran e fhèin gu h-obann le srann mhòr.

‘Dè tha thu a’ smaoineachadh a tha thu a’ dèanamh?’ dh’èigh e. ‘Thuirt mi riut gun chlach sam bith a chruinneachadh ach clach-ghràin! Cuir a’ chlach uaine sin air ais far an d’ fhuair thu i!’ 

Leig Cormelian osna aiste, ach on nach robh i ag iarraidh argamaid, chuir i a’ chlach air ais na h-aparan. 

Air a slighe air ais sìos an cabhsair, bhris sreangan an aparain aice agus thuit a’ chlach uaine chun na talmhainn. Bha Cormoran a’ gearan ’s a’ priobadh a shùilean, ach on nach tuirt e smid, cho-dhùin Cormelian a’ chlach fhàgail an sin. Cha robh i san rathad air neach sam bith co-dhiù.

’S e Creag a’ Chaibeil a t-ainm a th’ air a’ chàrn seo de chlach uaine a-nis agus is ann an sin a bhios daoine a’ faighinn na h-aiseig gu Cnoc Naomh Mìcheil aig muir-làn. 

Chuir Cormelian agus Cormoran crìoch air a' chaisteal mu dheireadh thall, a bha na tùr àrd os an cionn.

‘Math fhèin,’ arsa Cormoran. ‘A-nis, chan fheum dragh a bhith orm mu nàbaidhean bleideach sam bith.’

Nuair a chunnaic muinntir a’ bhaile an Cnoc bho na h-uinneagan aca, dh’èigh iad: ‘Cò chuireas stad air an fhuamhaire seo? Cha bhi beathach cruidh no caora sàbhailte a-nis leis gum faod Cormoran an toirt don chaisteal aige! Bàsaichidh sinn leis an acras!’

Bha Jack, balach sa choimhearsnachd, seachd sgìth den fhuamhaire fheargach seo a’ goid an stuic aige. Chuir e roimhe rudeigin a dhèanamh. Aon oidhche, dh’èalaidh e a-mach agus shuidhich e inneal-glacaidh mar leasan don fhuamhaire.

Chladhaich Jack sloc mòr mòr faisg air a’ chabhsair agus chòmhdaich e an sloc le connlach agus geugan airson fhalach.

Nuair a bha e deiseil, choisich Jack suas gu doras-aghaidh Cnoc Naomh Mìcheil agus shèid e an dùdach aige.

Às a chiall leis an fheirg gun deach a dhùsgadh bho aon eile de na norragan aige, leum Cormoran a-mach às a' chaisteal aige.

‘Dè tha thu a’ smaoineachadh a tha thu a’ dèanamh le do leithid a' ghlaodhaich?’ bha am fuamhaire a’ glaodhaich.

‘Cuiridh mi geall nach glac thu mi!’ dh’èigh Jack agus e cho treun.

‘Thèid mise às do dhèidh agus glacaidh mi thu, agus an uair sin bidh aithreachas ort gun do dhùisg thu mi às mo chadal!’

‘Thig an seo agus beir orm, ma-thà!’ thuirt Jack, ’s e a’ ruith air ais sìos an cabhsair.

Bha Jack luath, ach bha casan na b’ fhaide air Cormoran agus ann an tiotan bha e air a shàilean. Leis gach ceum de chas mhòr an fhuamhaire, bha an talamh a’ dol air chrith agus bha na craobhan a’ crathadh.

San diog mu dheireadh, thionndaidh Jack dhen chabhsair, agus nuair nach b’ urrainn don fhuamhaire mhòr luideach stad ann an àm, thuit e sìos don t-sloc. 

‘Argh!’ dh’èigh Cormoran.

Choisich Jack gu oir an t-sluic agus choimhead e sìos.

‘Tha mi an dòchas gun ionnsaich thu leasan bhon seo!’ thuirt e. ‘Cha bu chòir do fhuamhairean a bhith a’ goid an stuic againn!’

Chaidh Jack air adhart le bheatha de thursan dàna san robh e a’ dèiligeadh ri fuamhairean borb. Is dòcha gu bheil sibh air cluinntinn mu dheidhinn Jack agus a' chroabh phònair? A thaobh Cormoran agus Cormelian, cha do chuir iad dragh air an nàbaidhean gu bràth tuilleadh às dèidh sin.

Enjoyed this story?
Find out more here