KidsOut World Stories

An t-Sreang Chlòimhe Fhada, Fhada Mesude Orgut    
Previous page
Next page

An t-Sreang Chlòimhe Fhada, Fhada

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An t-Sreang Chlòimhe Fhada, Fhada

Sgeulachd Thurcach

 

a ball of red wool

 

 

 

 

 

 

*

Uair a bha siud, bha cailleach ann a bha a' fuireach ann am baile monaidh anns an Tuirc. Bha triùir nighean aig a' chaillich. B' e Yersen, Yolsen agus Yonsen na h-ainmean a bh' orra. Bha an teaghlach glè bhochd agus, a h-uile latha, bhiodh iad a' dèanamh bhratan-ùrnaigh mòra dearga leis an ainm kilims. Rinn iad na bratan-ùrnaigh de chlòimh chaorach gus am faigheadh iad airgead gu leòr airson biadh agus aodach.

Aon latha, cho-dhùin na trì peathraichean gun robh iad airson teicheadh bhon bhaile bheag chadalach aca, far nach robh mòran a’ tachairt idir. Bha iad airson a dhol a-mach dhan t-saoghal mhòr iongantach gus beatha ùr a thòiseachadh. Bha iad ag iarraidh a dhol air mòran dhàna-thursan.

Lorg na peathraichean am màthair aig a’ bheart-fhighe, agus ghlac iad i teann airson beannachd fhàgail aice. Chuir am màthair a gàirdeanan timcheall nam peathraichean agus thuirt i: 'Mo nigheanan, ma tha agaibh ri falbh, falbhaibh, ach tha aon rud a dh'fheumas sibh a dhèanamh dhòmhsa mus fàg sibh am baile beag seo.'

Leis na faclan seo, thug am màthair a-mach trì snàithlein chlòimhe agus thug i fear dha gach nighean mu seach. 'Cuiridh mi na snàithlein chlòimhe seo air ur casan,' thuirt am màthair, 'agus chì mi ma bhios na snàithlein chlòimhe a' gluasad. Ma bhios iad a' gluasad, bidh sin a' ciallachadh gu bheil sibh a-muigh air dàna-thursan, agus bidh sin math. Ach mura h-eil iad a' gluasad, tarraingidh mi na sreangan gus an till sibh gu àite ur breith.'

Dh'aontaich gach piuthar ri iarrtas am màthar; shìn gach tè a cas gus am b' urrainn am màthair an t-sreang chlòimhe a cheangal.

Mus dh’fhalbh iad air an dàna-thuras mhòr aca, thug gach piuthar leatha rudeigin a dh'fhaodadh a bhith feumail anns a’ bheatha ùra aca. Thug Yersen kilim beag leatha, airson ma bha i airson taigh ùr a dhèanamh nas brèagha. Chuir Yolsen oirre na brògan cruaidh aice, airson ma bha aice ri coiseachd astar mòr air a turas. Agus thug Yonsen leatha combaist a h-athar, airson ma bha i idir a' faireachdainn air chall.

An uair sin, thòisich na peathraichean air an dàna-thuras aca, a' siubhal dhan ear; làmh ri làimh, gualann ri gualainn air latha grianach, gun sgòth.

Nuair a bha iad iomadh mìle bhon bhaile bheag, thàinig na peathraichean gu tobar agus chaidh iad a-null thuice, oir bha am pathadh orra. Ach dìreach nuair a bha iad an ìmpis òl às an tobar, nochd cailleach, a chuir eagal air na peathraichean.

Rinn a' chailleach gàire ris an triùir pheathraichean agus dh'fhaighnich i dhaibh, 'Dè tha sibh a' lorg air na dàna-thursan agaibh? Dè tha sibh a' sireadh?'

B' e Yersen a' chiad tè a fhreagair.

'Tha mi a' sireadh dachaigh shnog,' thuirt i le misneachd.

An uair sin, fhreagair Yolsen, is thuirt i ris a' chaillich, 'Tha mi a' sireadh neart gu leòr gus an urrainn dhomh coiseachd air na rathaidean fada.'

Bha dàil ann mus an do fhreagair Yonsen.

An uair sin thuirt i ris a' chaillich, 'Chan eil fhios agam dè tha mi a' sireadh, tha mi dìreach cinnteach gu bheil mi airson an t-àite seo fhàgail agus àite ùr a lorg.'

Rinn a’ chailleach gàire nuair a chuala i seo agus thuirt i ris an triùir pheathraichean, 'Ma tha sibh airson na rudan seo a lorg, feumaidh sibh sibh fhèin a shaoradh bhon h-uile càil eile.' Agus leis na faclan seo, thug i siosar a-mach às a pòcaid agus gheàrr i an t-sreang chlòimhe a bha air casan nam peathraichean.

Ach an àite a bhith a’ faireachdainn saor agus gun cheangal ris an dachaigh, thug na peathraichean thuca na snàithlein aca agus chùm iad iad cho teann 's a b' urrainn iad.

B' e faireachdainn neònach a bh' ann gu dearbh, ach cha robh fios aig na peathraichean dè an ath rud a bh' aca ri dhèanamh.

Air ais san taigh beag aca, cha b’ fhada gus an do mhothaich am màthair nach robh na snàithlein chlòimhe a’ gluasad. Ach an àite na nigheanan aice a tharraing air ais don taigh, cho-dhùin a' mhàthair gun robh i airson an snàithlean a leantainn gus am faiceadh i càit an do stad na nigheanan aice. Mhothaich i gun robh na snàithlein chlòimhe fhathast mòr, agus mar sin smaoinich i rithe fhèin nach b' urrainn dha na nigheanan aice a bhith air siubhal astar fada.

Mu dheireadh thall, ràinig a' mhàthair an tobar, iomadh mìle bhon bhaile bheag. Nuair a ràinig i an tobar, mhothaich i dha na nigheanan aice nan cadal. Bha gach tè le grèim aice air na snàithlein.

Shìn am màthair choibhneil a-mach a làmh agus thug i na snàithlein chlòimhe bho gach nighean mu seach. Ann an àite nan snàithlein chlòimhe, chuir i trì notaichean, agus air gach nota, bha an aon rud sgrìobhte. Bha e ag ràdh, 'Chan eil e gu diofar dè nì thu, tha na thachras dhut an-còmhnaidh fìor.'

Dè smaoinich na nigheanan dhen nota seo, cha bhi fios againn. Dè rinn iad nuair a dhùisg iad, cha bhi fios againn.

'S dòcha gur e do cho-dhùnadh-sa a th’ ann dè thachair do gach tè...

Enjoyed this story?
Find out more here