KidsOut World Stories

A’ Bhana-phrionnsa Losgainn    
Previous page
Next page

A’ Bhana-phrionnsa Losgainn

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

A’ Bhana-phrionnsa Losgainn

 

 

 

 

 

 

*

Bha a’ Bhana-phrionnsa Ruby a’ fuireach ann an lùchairt far an robh a pàrantan a’ toirt dhi gach nì a dh’iarradh i. B’ e bàla òir an rud a b’ fheàrr leatha airson cluich. Bu toil leatha mar a bha e a’ deàlradh sa ghrèin nuair a bha i ga thilgeil suas don adhar.

Aon latha, bha i a’ cluich sa ghàrradh leis a’ bhàla nuair a, plub! thuit e a-steach do lòn dhomhainn.

‘O seall!’ dh’èigh i. ‘Am bàla àlainn agam ...’ agus bhris i a-mach a’ rànail.

‘Dè tha ceàrr?’ thuirt guth cròchanach.

A’ coimhead mun cuairt, chunnaic i losgann beag uaine na shuidhe air clach ri taobh an lòin.


‘Mo bhàla àlainn òir,’ fhreagair i agus i a’ gal. ‘Tha e air tuiteam don uisge agus chan urrainn dhomh ruighinn air on a tha e cho domhainn. Dè as urrainn dhomh a dhèanamh?’

‘Gheibh mise dhut e ma tha thu ag iarraidh,’ fhreagair an losgann, ‘ach dè bheir thu dhomh air a shon?’ ‘Rud sam bith,’ thuirt a’ Bhana-phrionnsa Ruby. ‘Bheir mi dhut na seudan agam uile mas e do thoil.’

‘ ’S e tha mi ag iarraidh ann an da-rìribh,’ thuirt an losgann, ‘a bhith mar an caraid as fheàrr a th’ agad. Tha mi airson ithe dhen truinnsear agad, òl às do chupan agus cadal nad leabaidh.’

‘O gu dearbh,’ thuirt a’ Bhana-phrionnsa Ruby, ’s i deònach nì sam bith a ghealltainn airson a bàla fhaighinn air ais.

‘Mus fhaigh mi am bàla dhut, an geall thu?’

‘Geallaidh gu dearbh, ach a-nis greas ort!’

Leum an losgann don lòn agus chaidh e à sealladh sìos don uisge. Bha a’ Bhana-phrionnsa Ruby a’ coimhead le iomagain bho bhruach an lòin. Gu math luath, thòisich builgnean a’ nochdadh san uisge agus suas leum an losgann ’s e a’ cothromachadh a’ bhàla air a shròin.

Ghabh i grèim luath air a’ bhàla agus ruith i air falbh a dh’ionnsaigh na lùchairt.

‘Fuirich rium!’ dh’èigh an losgann, ’s e a’ bocadaich às a dèidh.

Ann an cabhaig, shiolp i tron doras ’s i ga dhùnadh às a dèidh le slaic mus robh cothrom aig an losgann a thighinn faisg.

*

‘Cò mu dheidhinn a tha seo?’ thuirt an rìgh ’s e a’ tighinn sìos an staidhre.

’O, chan eil càil Athair. Dìreach seann losgann beag sliobach a’ feuchainn ri faighinn tron doras.’

‘Carson a bhiodh e ag iarraidh a thighinn an seo?’ dh’fhaighnich an rìgh. ‘Cha toil le losgannan a bhith a-staigh.’

‘Uill Athair, tha an losgann seo airson a bhith na charaid dhomh, ach tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e uabhasach. Tha losgannan cho slìomach agus fuar.’

‘A Bhana-phrionnsa Ruby, dè an dòigh bruidhinn a tha sin.’

Dh’fhàs aodann na Bana-phrionnsa Ruby dearg agus choimhead i ris an talamh.

‘Trobhad, trobhad an seo, a bheil dad sam bith eile ann a dh’fheumas tu innse dhomh?’ dh’fhaighnich an rìgh.

‘Uill Athair, gheall mi dha gum bithinn nam charaid dha nam faigheadh e mo bhàla òir spèisealta air ais agus e air tuiteam don lòn dhomhainn. Ach b’ fheàrr leam nach robh mi air gealltainn oir tha e cho gràineil.’

‘Mo phàiste chòir’ thuirt an rìgh, ‘feumar geallaidhean a chumail. Nach eil mise air a bhith an-còmhnaidh ag innse dhut gun ghealladh a dhèanamh nach urrainn dhut a chumail?’

‘Ach Athair ...’

‘Chan eil m’ eudail, feumaidh tu ionnsachadh. Leig an losgann a-steach a-nis agus dèan a h-uile nì a thuirt thu a dhèanadh tu.’

Gu h-ain-deònach dh’fhosgail a’ Bhana-phrionnsa Ruby an doras agus leum an losgann a-steach.

*

Am feasgar sin nuair a thàinig àm dìnneir, dh’fhàg a’ Bhana-phrionnsa Ruby an losgann na shuidhe air an làr.

‘Tog mi, tog mi,’ dh’èigh e, ‘gus an urrainn dhomh ithe bhon truinnsear agad agus òl às a’ chupan agad.’

Dh’fheuch a’ Bhana-phrionnsa gun leigeil oirre mu dheidhinn ach an uair sin chunnaic i gun robh an rìgh ga coimhead.

‘O glè mhath ma-thà, ma dh’fheumas tu.’ Agus chrom i sìos agus thog i an losgann chun a’ bhùird. ’Ghèa!’ thuirt i ’s i a’ suathadh a làmhan air an sgiort aice – bha an losgann cho slìomach.

Chòrd a biadh agus a deoch ris an losgann agus e ag ithe bhon truinnsear aice agus ag òl às a’ chupan aice, ach cha do dh’ith agus cha do dh’òl a’ Bhana-phrionnsa Ruby nì sam bith. Ann an da-rìribh, bha i a’ faireachdainn gu math tinn.

An oidhche sin, leum an losgann suas an staidhre às a dèidh gu a seòmar-cadail far an do chrùb e sìos san leabaidh aice, gu a grain mhòr. Laigh a’ Bhana-phrionnsa Ruby cho fada air falbh bhuaithe ’s a b’ urrainn dhi. An robh an còrr de a beatha gu bhith mar seo?

An ath mhadainn mar a bha briseadh-an-latha ag èaladh a-steach tron uinneig aice, dhùisg i agus shìn i i fhèin. Thionndaidh i gu far an robh an losgann air a bhith na chadal ach, O an t-aoibhneas, cha robh e idir ann! A’ coimhead suas, chunnaic i duine òg eireachdail na sheasamh ri taobh na h-uinneige fhosgailte.

‘Tapadh leat,’ thuirt e ’s e a’ tionndadh. ‘Tha thu air an geasa a bhriseadh. Chuir bana-bhuidseach mallachd orm agus thionndaidh i mi gu losgann, thuirt i gum bithinn mar sin gu bràth mura tigeadh bana-phrionnsa bhòidheach gu bhith mar an caraid as fheàrr agam agus gun leigeadh i leam ithe bhon truinnsear aice, òl às a’ chupan aice agus cadal san leabaidh aice. Gus am faca mi thusa, bha dùil agam gum bithinn nam losgann gu bràth.’

Bhon latha sin agus às a dhèidh, thàinig a’ Bhana-phrionnsa Ruby agus an duine òg gu bhith nam fìor dheagh charaidean agus cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nam pòsadh iad, nuair a dh’fhàsas iad mòr, agus gum biodh iad beò ann an toileachas gu bràth às dèidh sin.

 

 

Taing

Sgrìobhadairean

Niz Smith agus Avril Lethbridge 

Eadar-theangachadh

Beathag Mhoireasdan

Leughadair

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl Cuspair

 Dreamy Valse le SoundRoseStudio bho Audiojungle.net

Creideasan Ìomhaigh

Shutterstock

 

 

Enjoyed this story?
Find out more here