KidsOut World Stories

An Leòmhann le na Sùilean Dearga Amina Shirdon    
Previous page
Next page

An Leòmhann le na Sùilean Dearga

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Leòmhann le na Sùilean Dearga

Sgeulachd à Somalia

 

 

  * 

 

 

 

 

 

 

O chionn fhada fhada, bha baile beag ann an Somalia ann an Afraga an Ear. Aig oir a’ bhaile bha talamh beairteach ann far an robh daoine a’ cur bàrr agus a’ togail chaorach. Bha am baile àlainn, ach dh’fhaodadh e cuideachd a bhith glè chunnartach. Uaireannan bha e doirbh am bàrr agus na caoraich a dhìon bho nàbaidhean is mèirlich. Bha cuid a’ seanchas cuideachd mu dhràgonan a thigeadh air an oidhche agus a loisgeadh am bàrr agus a dh’itheadh na caoraich agus na gobhair.

Gus iad fhèin a dhìon bho chunnartan mar sin, thog muinntir a’ bhaile leòmhainn àraidh agus nuair a dh’fhàs iad, bhiodh iad nan geàrdan a’ bhaile. Bha na leòmhainn làidir agus pròiseil. Choimhead iad às dèidh a’ bhàrr agus na beathaichean agus chùm iad am baile sàbhailte. Bha iad dìleas dha chèile agus shabaideadh iad chun a’ bhàis nam biodh feum air.

Bhon toiseach, bha aon chuilean leòmhainn ann a bha diofraichte bho chàch. Eadar-dhealaichte bhon chòrr, rugadh e le sùilean dearga mar theine. Bha na leòmhainn eile a’ faireachdainn an-fhoiseil mun a seo agus thug iad Bahdoon air a’ chuilean leòmhainn a tha a’ ciallachadh ‘fear a rugadh air falbh bho dhachaigh’. Thug iad Bahdoon air a’ chuilean leòmhainn oir bha iad a’ faireachdainn nach buineadh e còmhla riutha sa bhaile.

Cha robh a bheatha furasta do Bhahdoon – cha robh na leòmhainn eile còir ris agus cha d’ fhuair e riamh cuireadh airson cluich còmhla riutha. Bha e aonranach a’ fàs suas agus bha e an-còmhnaidh mothachail gun robh e eadar-dhealaichte. Bha a shùilean dearga a’ ciallachadh gun robh e a’ seasamh a-mach bho chàch agus bha na cuilein leòmhainn ghreannach a’ magadh air.

Mu dheireadh thall, chaidh co-dhùnadh a dhèanamh Bahdoon a thilgeil a-mach bhon treud. Chaidh iarraidh air falbh agus gun tilleadh.

Chaidh Bahdoon bochd dhan a’ choille leis fhèin gus beatha ùr a thòiseachadh. Bha e gu math tùrsach agus gu tric aonranach, ach cha robh duine mun cuairt a bha a’ magadh air a shùilean dearga agus cho eadar-dhealaichte ’s a bha e.

Chaidh bliadhnaichean seachad agus dh’fhàs Bahdoon mòr agus làidir. Bha e uabhasach math air sealg agus rinn e beatha dha fhèin sa choille. Ach nuair a bha e aonranach, choisicheadh e aig oir a’ choille agus choimheadadh e sìos air a sheann bhaile. Chitheadh e na leòmhainn ghaisgeil a’ cumail sùil air a’ bhàrr agus bha e a’ miannachadh gun robh e fhèin ann còmhla riutha.

B’ e oidhche mar sin a bh’ ann nuair a chunnaic Bahdoon an dràgon fiadhaich a’ sgèith a-nuas às an adhar dhorch agus thug e ionnsaigh air a’ bhaile, a’ losgadh thaighean agus bàrr le teine bho bheul. Ghoid e caoraich bhon fhearann sna crògan biorach aige mus deach e à sealladh dhan dorchadas a-rithist.

Rinn na leòmhainn an dìcheall am baile a dhìon, ach bha an dràgon ro luath agus ro làidir. Bhàsaich tòrr leòmhainn a’ chiad oidhche sin fhad ’s a bha Bahdoon a’ coimhead sìos, agus e a’ faireachdainn gun fheum.

Thug an dràgon ionnsaigh an-ath-oidhche a-rithist, agus a-rithist agus a-rithist, gus an robh eagal cho mòr air muinntir a’ bhaile ’s nach tigeadh iad a-mach às na taighean aca. Bha tòrr de na beathaichean a-nis air bàsachadh agus bha na leòmhainn air fulang gu mòr nuair a dh’fheuch iad air am baile a dhìon; chaidh a’ mhòr-chuid a mharbhadh agus bha an còrr air an leòn. Cha sheasadh am baile ri mòran dhen chòrr ionnsaighean bhon dràgon, agus bha cuid air am baile fhàgail mar-thà a’ sireadh sàbhailteachd sa choille. 

Air a’ chòigeamh latha, cha b’ urrainn Bahdoon coimhead air an fhulang càil na b’ fhaide agus, mar sin, gheall an leòmhann gaisgeil na daoine agus na leòmhainn eile a dhìon a dh’aindeoin ’s na rinn iad air nuair a bha e na b’ òige.

An oidhche sin, shnàig Bahdoon sìos na b’ fhaisge air a’ bhaile fo sgàil nan craobhan àrda a bha ri taobh na coille. Chùm e aon shùil air an adhar dhorcha fad na h-ùine, ag èisteachd airson clapadh sgiathan an dràgoin san adhar shàmhach. Bha e a’ faireachdainn làidir agus daingeann, agus thuirt e ris fhèin gun robh e a’ dol a chur às dhan dràgon an oidhche sin gus sìth ath-stèidheachadh sa bhaile ghràdhaichte aige a-rithist.

Gu h-obann, chuala Bahdoon clapadh sgiathan os a chionn. Choimhead e suas dhan adhar dhorcha agus chunnaic e sgàil-dhealbh dhen dràgon fhiadhaich a’ tighinn a-nuas a dh’ionnsaigh a’ bhaile: bha a chrògan fada a’ deàrrsadh mar airgead ann an solas na gealaich, bha a shùilean acrach is eagalach a’ sganadh na talmhainn airson biadh a bharrachd.

B’ ann an uair sin a chruinnich Bahdoon a neart, a ghaisgeachd agus a lùths uile. Nuair a thàinig an dràgon a-nuas os cionn a’ bhaile, thug Bahdoon ionnsaigh bhon a’ choille is bheuc e le uile neart a chridhe. Cha robh an dràgon an dùil ris a seo agus bha an t-eagal air a’ faicinn nan sùilean dearga a’ tighinn a thoirt ionnsaigh bhon a’ choille. Thog beucadh an leòmhainn ghaisgeil eagal ann an cridhe fuar an dràgoin.

Leum Bahdoon suas àrd agus fhuair e grèim air earball an dràgoin agus shlaod e a’ bhèist a-nuas. Bha an leòmhann gaisgeil agus an dràgon fiadhaich glacte còmhla a’ sabaid, ach gu luath chaill an dràgon a neart an aghaidh nàmhaid cho sgileil.

Bha Bahdoon ro làidir agus ro ghaisgeil airson an dràgoin, nach robh an dùil ri nàmhaid mar seo. Dheàrrs sùilean dearga Bhahdoon san oidhche fhad ’s a shabaid e ris an dràgon, agus gu luath thàinig muinntir a’ bhaile a-mach às na taighean aca gus Bahdoon a bhrosnachadh. Shabaid an leòmhann treun fiu ’s nas cruaidhe.

Mu dheireadh thall, bhuannaich Bahdoon an t-sabaid agus bhàsaich an dràgon. Bhiodh am baile sàbhailte a-rithist agus thigeadh iadsan a theich air ais dhan choille. Dh’fhaodadh iad bàrr a chur a-rithist agus uain ùra a thogail gus am biodh bainne ’s càise aca ri ithe a-rithist.

Chuir am baile agus na leòmhainn eile fàilt’ air Bahdoon agus b’ e am fear bu chliùitiche sa bhaile. Bha na leòmhainn eile uabhasach duilich gun do chuir iad air falbh e às a’ bhaile, agus bha fios aca a-nis nach robh còir aca a bhith a’ magadh air a chionn ’s gun robh e eadar-dhealaichte. 

Airson a’ chiad triop na bheatha, bha Bahdoon a’ faireachdainn gun robh e a’ buntainn dhan àite agus bha e toilichte san dachaigh aige. 

Enjoyed this story?
Find out more here