KidsOut World Stories

An Cìobair Beag Mary Smith    
Previous page
Next page

An Cìobair Beag

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

An Cìobair Beag

 

 

 

 

 

 

 

 

*

B’ e cìobair òg a bh’ ann am Peadar. Bha e a' coimhead às dèidh chaoraich agus uain. 

Bha e a' fuireach air a’ bhruthach còmhla ri a threud gach latha, bho mhadainn gu feasgar. B’ e latha fada a bh’ ann agus bha e tric dòrainneach do Pheadar.

An toiseach, chluicheadh e an fhìdeag. Ach an ceann greis dh'fhàsadh e sgìth dhith.

An uair sin, thogadh e taigh le clachan mòra. Ach an ceann greis dh'fhàsadh e sgìth dheth.

An uair sin, chluicheadh e le duilleagan san allt. Ach an ceann greis dh'fhàsadh e sgìth dheth.

Bha na làithean a’ faireachdainn uabhasach fada. 

Aon latha, thàinig beachd gu Peadar. Bha e airson gun tigeadh daoine a bhruidhinn ris.

Dh’èigh e aig àird a chlaiginn: “Cuidich mi! Cuidich mi! Tha am madadh-allaidh an seo!”

Bha na tuathanaich ag obair faisg anns na h-achaidhean. Ruith iad gus am balach a shàbhaladh. 

Bha Peadar a’ gàireachdainn. “Ha! Ha!” thuirt e. “Chan eil madadh-allaidh ann.”

Bha na tuathanaich diombach.

Feasgar, bha Peadar a’ faireachdainn gun robh cùisean dòrainneach a-rithist.

Dh’èigh e aig àird a chlaiginn: “Cuidich mi! Cuidich mi! Tha am madadh-allaidh an seo!”

Thàinig na tuathanaich nan ruith a-rithist. An turas seo, bha iad uabhasach diombach nuair a lorg iad Peadar a’ gàireachdainn.

“Ha! Ha!” thuirt e. “Chan eil madadh-allaidh ann.”

An oidhche ud, thàinig madadh-allaidh.

Dh’èigh Peadar le eagal: “Cuidich mi! Cuidich mi! Tha am madadh-allaidh an seo!”

Ach cha do chreid duine e. Cha tàinig duine.

Ghoid am madadh-allaidh dà uan agus chuir e eagal mòr air na caoraich.

Bha Peadar ann an trioblaid leis an tuathanach. 

“Ma bhios tu ag innse bhreugan,” thuirt an tuathanach, “cha chreid duine thu nuair a dh’innseas tu an fhìrinn.”

Enjoyed this story?
Find out more here