KidsOut World Stories

An Sgàthan Seunta    
Previous page
Next page

An Sgàthan Seunta

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Sgàthan Seunta

Sgeulachd Spàinnteach

 

 

 

 

Chuir Rìgh Ghranada roimhe pòsadh. An toiseach, chaidh an naidheachd innse dhan a’ ghruagaire, agus an uair sin dhan gheàrd-oidhche, agus an uair sin dhan a’ chaillich bu shine sa bhaile mhòr. Dh’inns an gruagaire dhan a h-uile neach a thàinig ga fhaicinn agus dh’inns iadsan dhan caraidean uile. An oidhche a bha seo, dh’èigh an geàrd-oidhche an naidheachd ann an guth mòr gus an robh na boireannaich òg uile nan dùisg, a’ smaoineachadh mun naidheachd. Bha na cailleachan an-còmhnaidh a’ cur an cuimhne nam boireannaich òg gun robh an rìgh airson pòsadh.

Dh’fhaighnich a’ chailleach dhan ghruagaire, ‘Ciamar a thaghas an rìgh bean?’

Fhreagair e, ‘Tha mi a’ smaointinn gum bi e gu math doirbh dhomh boireannach freagarrach a lorg.’

‘Dhutsa?’ thuirt a’ chailleach. ‘Carson a tha thusa a’ lorg bean dhan rìgh?’

‘Chan eil cead aig duine ach agamsa làmh a chur air aodann an rìgh,’ thuirt e. ‘Agus, a bharrachd air sin, tha sgàthan seunta agam. Ma choimheadas boireannach sam bith nach eil buileach na boireannach math san sgàthan, chithear smalan a pearsa air a h-aodann.’

‘Agus am feum i a bhith gu tur math?’ dh’fhaighnich a’ chailleach.

‘’S e sin an aon rud a dh’fheumas i,’ fhreagair an gruagaire. ‘Faodaidh gach boireannach nas sine na ochd-deug feuchainn, ach feumaidh i a bhith deiseil coimhead san sgàthan agus mi fhèin ri a taobh.’

Chaidh innse fad is farsaing mu na bh’ aig tè ri dhèanamh ma bha i airson a bhith na Bànrigh Ghranada. Ach gu h-iongantach, cha tàinig aon bhoireannach air adhart chun a’ ghruagaire gus coimhead san sgàthan. Chaidh làithean is seachdainean seachad agus cha robh an rìgh dad nas fhaisge air bean fhaighinn. Dh’fheuch cuid a bhoireannaich air am bana-charaidean a brosnachadh gus dhol air adhart chun an sgàthain, ach cha robh duine deònach a dhol air adhart.

Bha an rìgh gu math gasta agus bha gràdh aig muinntir na dùthcha air. Mar sin, bha e iongantach nach robh gin de na boireannaich lurach airson feuchainn ri bhith na bean aige. Chaidh tòrr leisgeulan a thoirt seachad. Bha cuid mar-thà fo ghealladh-pòsaidh. Bha cuid eile ro phròiseil airson tadhal air bùth a’ ghruagaire. Thuirt cuid eile nach robh iad idir airson pòsadh.

Gach madainn, chanadh an rìgh ris a’ ghruagaire an tàinig tè a choimhead san sgàthan, ach bha an fhreagairt an-còmhnaidh an aon rud – bha tòrr a’ coimhead bhon t-sràid air eagal ’s gun deigheadh tè eile a-steach, ach cha deach tè dhiubh fhèin a-steach idir.

‘Obh, Obh. Granada, Granada!’ dh’èigh an rìgh. ‘Nach eil boireannach idir ann a tha airson mo phòsadh. Chan eil e doirbh do rìghrean eile pòsadh. Dè tha ceàrr ormsa?’

‘Ur Mòrachd,’ fhreagair an gruagaire, ‘tha aon bheachd agam. Tha bana-chìobair a’ fuireach sa bheinn agus ’s dòcha gum biodh i deònach coimhead san sgàthan. Ach am biodh sibh fhèin deònach cuideigin cho bochd a phòsadh?”

‘Iarr oirre tighinn,’ fhreagair an rìgh. ‘Air beulaibh na cùirte, leigidh sinn leis a’ bhana-chìobair shocair coimhead san sgàthan.’

Is mar sin, thug an gruagaire a’ bhana-chìobair chun na cùirte. Chaidh innse air feadh a’ bhaile gun robh i airson feuchainn leis an sgàthan agus cha b’ fhada gus an robh an talla rìoghail làn de bhoireannaich uasal is ridirean an rìgh.

Nuair a ràinig a’ bhana-chìobair, bha i a’ faireachdainn caran diùid mun cuairt a leithid de bheairteas. Chuir an rìgh fàilte bhlàth oirre agus thuirt e ma bha i airson a bhith na bean aige, gum biodh aice ri coimhead san sgàthan. Ma bha i riamh air rud dona a dhèanamh, shealladh an sgàthan an aon àireamh de spotan ris na droch rudan a rinn i.

’Ur Mòrachd,’ fhreagair a’ bhana-chìobair, ‘nì a h-uile duine mearachdan agus tha mis’ an aon rud. Tha mi fhèin air mearachdan a dhèanamh le mo threud, ach tha mi a’ smaointinn gun tug iad mathanas dhomh oir, gach latha, leigidh iad leam coimhead às an dèidh agus ma tha dùil aca ri cunnart, thig iad thugamsa airson dìon. Tha meas agam air mo chaoraich agus nì mi mo dhìcheall dhaibh. Chan eil miann agam idir a bhith nam bhànrigh, ach chan eil eagal orm coimhead san sgàthan sheunta sin.’

Choisich i a-null chun an sgàthain agus choimhead i a-steach ann. Ruadhaich i beagan, ’s dòcha air sgàth ’s a faileas fhèin.

Chruinnich na boireannaich eile timcheall oirre. Nuair a chunnaic iad nach robh spotan idir ri fhaicinn air aghaidh an sgàthain, rug iad air an sgàthan agus chuir iad mun cuairt bho thè gu tè e. ‘Seallaibh!’ dh’èigh iad, ‘chan eil spotan air nuair a choimheadas duin’ againn san sgàthan. Chan e sgàthan seunta a tha seo – ’s e mealladh a th’ ann!’

Ach thuirt an rìgh, ‘A bhoireannaich, tha sibh ceart nach eil draoidheachd sam bith san sgàthan, ach nam biodh sibhse cho misneachail mur pearsa ’s a tha a’ bhana-chìobair, a tha a-nis gu bhith na bànrigh agam, cha bhiodh sibh air diùltadh coimhead. Tha fios agam a-nis gur e an tè seo an tè as fheàrr.’

Enjoyed this story?
Find out more here