KidsOut World Stories

Am Pìobaire Breac    
Previous page
Next page

Am Pìobaire Breac

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

Am Pìobaire Breac

 

 

 

 

 

 

 

 

*

B’ e baile brèagha anns a’ Ghearmailt a bh’ ann an Hamelin. Bha na daoine a bha a’ fuireach ann toilichte.

Ach, aon latha, thàinig na radain! Ceudan dhiubh!

Bha radain-dhonn, radain-dhubh agus radain-ghlas ann. Bha radain bheaga, radain mhòra agus radain anabarrach mòr ann.

“Tha seo uabhasach!” thuirt na daoine.

“Tha seo uabhasach!” thuirt an t-àrd-bhàillidh.

“Dèan rudeigin!” dh’iarr na daoine.

“Ach, dè?” dh’fhaighnich an t-àrd-bhàillidh. Cha robh fios aige dè dhèanadh e.

Bhruidhinn fireannach an uair sin. “’S e glacair-radain a th’ annam. Tha pìob dhraoidheil agam agus leanaidh na radain mi.”

“Bheir sinn mìle not dhut,” thuirt na daoine.

“Bheir sinn còig mìle not dhut,” thuirt an t-àrd-bhàillidh.

“Tha mìle not gu leòr,” thuirt an glacair-radain. 

Thòisich an glacair-radain a’ seinn na pìoba. Dh’fhàg e Hamelin agus chaidh na radain còmhla ris.

Bha radain-dhonn, radain-dhubh agus radain-ghlas ann. Bha radain bheaga, radain mhòra agus radain anabarrach mòr ann. Lean iad uile an ceòl.

Lean na radain e gu oir na h-aibhne agus thuit iad uile a-steach dhan Abhainn Weser.

An ceann ceathrad mionaid, bha an glacair-radain air ais ann an Hamelin.

“Tapadh leat! Tapadh leat!” thuirt na daoine uile.

“Tapadh leat,” thuirt an t-àrd-bhàillidh.

Thuirt an glacair-radain, “Thoir dhomh am mìle not.”

Thòisich na daoine a’ gàireachdainn. “Mìle not? Cha toir sinn ach ceud not dhut.”

Rinn an t-àrd-bhàillidh gàire. “Mìle not? Cha toir sinn ach caogad not dhut.”

Ach cha do rinn an glacair-radain gàire. Thòisich e a’ seinn na pìob dhraoidheil a-rithist. Dh’fhàg e Hamelin.

Gu h-obann, air cùl a’ ghlacair-radain, bha clann Hamelin a’ dannsa.

Dhanns iad tarsainn na beinne agus air falbh gu tìr ùr.

Chaidh a’ chlann a dh’fhuireach ann an tìr àlainn agus bha iad gu math toilichte.

Cha robh am pàrantan ann an Hamelin toilichte ge-tà. Às aonais na cloinne, bha iad brònach, uabhasach brònach.

Enjoyed this story?
Find out more here