KidsOut World Stories

Na Trì Èisg Anonymous    
Previous page
Next page

Na Trì Èisg

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

 

Na Trì Èisg

 

 

 

 

 

 

 

Uair a bha siud, bha trì èisg a' fuireach ann an lòn. Aon fheasgar, chaidh iasgairean seachad air an lòn agus chunnaic iad na h-èisg.

‘Tha an lòn seo làn èisg’, thuirt iad ri chèile. ‘Cha robh sinn riamh ag iasgach anns an lòn seo. Feumaidh sinn tighinn air ais madainn a-màireach le lìn agus feumaidh sinn na h-èisg seo a ghlacadh!'

Nuair a chuala an t-iasg bu shine an naidheachd seo, bha an t-eagal air.

Dh'èigh e ris na h-èisg eile agus thuirt e, ‘An cuala sibh na thuirt an t-iasgair? Feumaidh sinn an lòn seo fhàgail a-nis. Bidh iad a' tilleadh a-màireach agus glacaidh iad sinn!’

Dh'aontaich an dàrna iasg. ‘Tha thu ceart,’ thuirt e. ‘Feumaidh sinn an lòn seo fhàgail.’

Ach bha an t-iasg a b’ òige a' gàireachdainn. ‘Na gabhaibh dragh,’ thuirt e. ‘Tha sinn air a bhith a' fuireach anns an lòn seo fad ar beatha, agus cha tàinig iasgair an seo riamh. Carson a thilleadh na h-iasgairean? Tha mi airson fuireach an seo. Tha deagh fhortan agam, agus bidh mi sàbhailte.’

Dh'fhàg an t-iasg bu shine an lòn leis an teaghlach aige.

Tràth an-ath-mhadainn, chunnaic an dàrna iasg na h-iasgairean a' coiseachd faisg air an lòn. Mar sin, dh'fhàg an dàrna iasg an lòn leis an teaghlach aige.

Ach fhathast, dh'fhuirich an treas iasg anns an lòn. Bha e cinnteach gum biodh e sàbhailte oir bha deagh fhortan aige.

Ràinig na h-iasgairean an lòn, agus ghlac iad a h-uile iasg a bha fhathast anns an lòn.

Cha do chuidich deagh fhortan an treas iasg e - ghlac na h-iasgairean e agus bhàsaich e.

Tha leasan moralta anns an sgeulachd seo: ma chì thu trioblaid a' tighinn, feumaidh tu rudeigin a dhèanamh gu luath!

Enjoyed this story?
Find out more here