KidsOut World Stories

An Leòmhann Leònte    
Previous page
Next page

An Leòmhann Leònte

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Leòmhann Leònte

Sgeul Spàinneach

 

 

 

 

 

*

Aig aon àm, bha nighean glè bhochd aig an robh obair a’ buachailleachd a’ chruidh bhon bhaile a-mach don achadh, far am biodh iad ag ithe feur ann an grian an fheasgair.

Aon latha agus i a’ coiseachd air ais don bhaile leis a’ chrodh aig dol-fodha na grèine, chuala i fuaim gearanach a’ tighinn bho na preasan ri taobh an rathaid. Nuair a chaidh an nighean a dh’fhaicinn dè am fuaim a bh’ ann, chunnaic i gur e leòmhann a bh’ ann a bha air e fhèin a ghortachadh le dris steigte san spòig aige. Ged a bha eagal mòr oirre, shuidh an nighean sìos ri taobh an leòmhainn agus air a socair shlaod i an dris a-mach às an spòig aige. Bha an leòmhann glè thaingeil don nighinn agus dh’imlich e a h-aodann mar dhòigh air taing a thoirt dhi.

Bha an nighean toilichte an leòmhann mòr a chuideachadh agus chaidh i sìos an rathad airson an crodh aice a thoirt air ais don bhaile ach cha robh sgeul air a’ chrodh! Choimhead i mun cuairt agus mun cuairt ach bha an crodh air a dhol a-mach às an t-sealladh!

Nuair a thill an nighean don bhaile bha an tuathanach glè fheargach leatha airson an crodh aige a chall. Thuirt e rithe gum feumadh i a-nis na h-aisealan aige a bhuachailleachd nan àite.

Chaidh bliadhna seachad agus bha an nighean bhochd fhathast a’ toirt nan aiseal bhon bhaile a-mach don achadh a h-uile latha, far am biodh iad ag ithe feur agus connlach.

An uair sin aon latha aig dol-fodha na grèine nuair a bha i a’ toirt nan aiseal air ais don bhaile, chuala an nighean fuaim gearanach a’ tighinn a-mach às na preasan ri taobh an rathaid. Nuair a chaidh an nighean a dh’fhaicinn dè am fuaim a bh’ ann, chunnaic i gur e an t-aon leòmhann a bh’ ann a bha air e fhèin a ghortachadh le dris na spòig. Thug an nighean an dris à spòg an leòmhainn gu cùramach agus dh’imlich e a h-aodann a-rithist airson taing a thoirt dhi. Ach nuair a chaidh i air ais chun an rathaid a thoirt nan aiseal aice air ais don bhaile, cha b’ urrainn dhi an lorg an àite sam bith!

Bha na h-aisealan air a dhol a-mach às an t-sealladh dìreach mar a rinn an crodh bliadhna roimhe sin.
Nuair a chaidh an nighean bhochd air ais don bhaile, bha an tuathanach glè fheargach agus thuirt e rithe gum feumadh i coimhead às dèidh nam mucan a-nis.

Chaidh bliadhna eile seachad, agus bha an nighean a’ buachailleachd nam mucan bhon bhaile a-mach don achadh a h-uile latha, agus bha i a’ toirt biadh dhaibh agus a’ coimhead às an dèidh glè mhath.

An uair sin aon fheasgar chuala an nighean bheag am fuaim gearanach a-rithist. Bha an leòmhann air e fhèin a ghortachadh agus airson an treas uair bha dris steigte san spòig aige, a thug an nighean às gu cùramach.

Agus mar a thachair roimhe, nuair a chaidh i chun an rathaid a thoirt nam mucan air ais don bhaile, fhuair i a-mach gun robh na mucan air a dhol air an aon slighe ris a’ chrodh agus na h-aisealan.

Ach an turas seo, chuir an nighean roimhpe fuasgladh fhaighinn air dìomhaireachd nam beathaichean a bha a dhìth. Shreap i suas craobh agus choimhead i mun cuairt agus mun cuairt oirre feuch am faiceadh i càite an robh an crodh, na h-aisealan agus na mucan air a dhol.

Dh’fhuirich an nighean sa chraoibh fad na h-oidhche, agus dìreach mar a bha a’ ghrian ag èirigh chunnaic i fear òg a’ coiseachd sìos an rathad. Stad am fear seo ri taobh creig agus chaidh e a-mach às an t-sealladh cuideachd!
‘Tha seo uabhasach neònach,’ smaoinich an nighean.

Cho-dhùin i fuireach sa chraoibh a dh’fhaicinn dè thachradh às dèidh sin. Ach cha do thachair càil fad an latha sin! An uair sin … dìreach mar a bha a’ ghrian a’ tòiseachadh a’ dol fodha, nochd an leòmhann bho chùl na creige agus chaidh e a-steach don choille a lorg biadh.

Nuair a bha an nighean cinnteach gun robh an leòmhann air falbh, chrom i sìos às a’ chraoibh agus chaidh i a choimhead air a’ chreig.

‘Tha seo glè neònach,’ smaoinich i a-rithist. ‘Chunnaic mi duine òg a’ dol à sealladh air cùl na creige sa mhadainn an-diugh agus chunnaic mi leòmhann a’ nochdadh bho chùl na creige a-nochd!’

Nuair a fhuair an nighean na b’ fhaisge chunnaic i toll beag sa chreig agus nuair a chrom i a sìos, chaidh i fhèin às an t-sealladh a-steach don chreig agus lorg i i fhèin ann an taigh mòr àibheiseach!

‘Tha seo dìreach iongantach,’ smaoinich an nighean!

Dìreach an uair sin fhèin chunnaic i am fear òg a’ nochdadh san doras.

‘O, is tusa an nighean a thug na drisean às an spòig agam,’ thuirt an duine òg.

Bha an nighean troimh-a-chèile. ‘Ach shlaod mi na drisean à spòg leòmhainn,’ fhreagair i. ‘Agus ’s e duine a th’ annadsa, chan e leòmhann.’

‘O, ’s e duine a th’ annam tron latha ach nuair a thèid a’ ghrian fodha, tha mi a’ tionndadh nam leòmhann,’ thuirt an duine òg. ‘Chuir am fuamhaire a tha a’ fuireach san taigh seo mallachd orm agus b’ e esan a ghoid na beathaichean agad.’

‘Ach carson a dhèanadh e sin?’ dh’fhaighnich an nighean.

‘A chionn ’s gun robh e glè fheargach gun do chuidich thu mi,’ thuirt an duine òg. An uair sin choimhead e mun cuairt agus eagal air. ‘Seo taigh an fhuamhaire agus bidh e a’ tighinn dhachaigh a dh’aithghearr,’ thuirt e. ‘Bu chòir dhut falbh oir chan eil e sàbhailte.’

Ach bha an nighean bheag tapaidh agus làidir agus cho-dhùin i gun robh i airson an duine bochd a chuideachadh.
Dh’fhuirich i gus an tàinig am fuamhaire dhachaigh agus cho luath ’s a choisich e a-steach don taigh, thuirt an nighean bheag ris anns a’ ghuth a bu làidire aice, ‘Tha mi ag iarraidh ort an duine seo a leigeil saor bhon mhallachd olc agad!’

Bha am fuamhaire air a ghlacadh le cho tapaidh ’s a bha an nighean agus thuirt e ann an guth mòr fuaimneach, ‘Leigidh mise an duine òg saor bhon mhallachd ma nì thu còta dhomh a-mach à falt bana-phrionnsa.’

Thuirt an nighean gun dèanadh i sin don fhuamhaire agus dh’fhalbh i a lorg bana-phrionnsa.

An ath latha, ràinig an nighean an lùchairt rìoghail agus dh’iarr i bruidhinn ris a’ bhana-phrionnsa.

‘A Bhana-phrionnsa chòir, am faod mi am falt fada agad a ghearradh mas e do thoil e, gus an urrainn dhomh còta fhighe do fhuamhaire agus fear òg a leigeil saor bho mhallachd olc?’

Smaoinich a’ bhana-phrionnsa mu dheidhinn seo airson mòmaid (b’ e ceist glè neònach a bh’ ann) agus an uair sin thuirt i ris an nighinn, ‘Bheir mi m’ fhalt dhut ma lorgas tu prionnsa eireachdail dhomh as urrainn dhomh a phòsadh.’

Thuirt an nighean gun lorgadh i prionnsa eireachdail don bhana-phrionnsa, agus mar sin gheàrr a’ bhana-phrionnsa dhith a falt fada gleansach agus thug i e don nighinn.

Dh’obraich an nighean glè chruaidh fad an latha agus mus deach a’ ghrian fodha bha i air còta brèagha a dhèanamh bho fhalt na bana-phrionnsa.

Ruith i chun na creige ri taobh an rathaid, chrom i a dh’ionnsaigh an tuill bhig agus chaidh i à sealladh a-steach don chreig, agus lorg i i fhèin ann an taigh an fhuamhaire a-rithist.

‘Seo do chòta,’ thuirt an nighean agus i a’ sìneadh a’ chòta bhrèagha dha a bha i air a dhèanamh le falt na bana-phrionnsa.

Chuir am fuamhaire air an cota a bha dèante le falt, agus bha e cho toilichte leis ’s gun do leig e am fear òg saor bhon mhallachd aige sa bhad!

Las solas mòr deàlrach geal agus thionndaidh an leòmhann air ais gu bhith na dhuine gu bràth.

‘Mìorbhaileach! A-nis, feumaidh tu a thighinn còmhla riumsa,’ thuirt an nighean ris an fhear òg.

Chaidh iad don lùchairt rìoghail agus cho luath ’s a chuir an nighean am fear òg an aithne don bhana-phrionnsa, thuit iad an an gaol le chèile. Phòs am fear òg agus a’ bhana-phrionnsa an ath latha agus as t-samhradh às dèidh sin, rugadh balach beag dhaibh a dh’fhàsadh suas mòr agus làidir agus a bhiodh mar an ath rìgh.

Ach a thaobh na nighinn bhig thapaidh, uill chaidh i air adhart gu mòran dhàn’-thursan eile na beatha. Ach tha mi a’ smaoineachadh gun glèidh sinn na sgeulachdan sin airson latha eile.

 

 

Taing

Sgrìobhadairean

 Samra Elmamoun agus Sharon Sanchez

Eadar-theangachadh

Beathag Mhoireasdan

Leughadair

Linda Nic Leòid

Ceòl Cuspair

 'Dream Storm' le Jjessep bho Audiojungle.net

Creideasan Ìomhaigh

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here