KidsOut World Stories

Luch Baile is Luch Tuatha    
Previous page
Next page

Luch Baile is Luch Tuatha

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

Giglets cloud logo

Luch Baile is Luch Tuatha

 

 

 

 

 

 

 

Bha luch bheag bhìodach ann uaireigin bhon bhaile-mhòr. Aon latha, chaidh an luch baile a chèilidh air a caraid a-muigh air an tuath; an luch tuatha. 

Bha an dà luch nam fìor dheagh charaidean agus bha iad an-còmhnaidh glè thoilichte a bhith còmhla. 

Bha an luch tuatha sìmplidh ach còir. Thabhainn i beagan bìdh do a caraid: aran, ìm, càise agus pònairean.

Ach, nuair a thòisich an luch baile ag ithe a bìdh, thòisich i a’ faireachdainn beagan tinn.

‘Nach eil an t-acras ort idir?’ dh’fhaighnich an luch tuatha.

‘Tha gu dearbh. Ach chan eil am biadh seo coltach ri biadh a’ bhaile-mhòir. Cha toigh leam e!’ thuirt an luch baile.

Chuir an dà luch an latha seachad còmhla. Bha spòrs gu leòr aca a’ coiseachd mun cuairt a-muigh air an tuath. Nuair a dh’fhàs e dorch, dh’fhàg iad beannachd aig a chèile.

Mus deach i dhachaigh, thug an luch baile cuireadh don luch tuatha gu a dachaigh sa bhaile-mhòr, airson am biadh iongantach an sin fheuchainn.

An-ath-sheachdain, ruith an luch tuatha air a casan beaga fad na slighe don bhaile-mhòr. Lorg i a caraid.

‘An seo sa bhaile-mhòr, cha bhi sinn ag ithe gu sia uairean,’ thuirt an luch baile. ‘Fuirich gu feasgar agus chì thu cho blasta ’s a tha am biadh! ’S fhiach e feitheamh ris!’

Thàinig am feasgar agus chaidh a’ ghrian fodha. Sheall an luch baile don luch tuatha an toll beag aice ann an taigh mòr le daoine.

Bha na daoine air am bòrd aca a dhèanamh deiseil airson na dìnneir leis a h-uile mìlsean, feòil agus càise air an smaoinicheadh luch bheag; bha iad ann an nèamh!

Thòisich na luchan a’ glamhadh sìos nan cèicean, gach seòrsa feòla agus na diofar chàisean. B’ fhìor thoigh leis an luch tuatha an hama rèiste agus an salami. Ghlamh i sìos iad. 

Nuair a bha na luchan a’ tòiseachadh ri faireachdainn làn, chuala iad comhart!

‘Dè tha siud?’ thuirt an luch tuatha le sgreuch. Bha eagal oirre ron fhuaim mhòr.

‘Ò, mo chreach! ’S e an cù geàird a th’ ann! Ruith!’ dh’èigh an luch baile.

Ruith an dithis aca gu luath agus dh’fheuch iad ri teicheadh. Lean an luch tuatha an luch baile air ais don toll. 

’S e gnothach teann a bh’ ann. Theab an cù mòr an glacadh.

‘Tha mi duilich, a luch baile, ach tha mise a’ dol dhachaigh a-nis! Bidh mi gad fhaicinn!’ thuirt an luch tuatha agus a h-anail na h-uchd. 

‘Ach carson? An e nach eil thu ag iarraidh tuilleadh ithe den bhiadh bhlasta seo?’ dh’fhaighnich an luch baile. 

‘B’ fheàrr leam aran, càise agus pònairean ithe ann am fois, na mìlseanan agus feòil ithe ann an cunnart!’ dh’èigh an luch tuatha. 

Enjoyed this story?
Find out more here