KidsOut World Stories

Ochd Casan Caola air Anansi Farida Salifu    
Previous page
Next page

Ochd Casan Caola air Anansi

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 


Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic ann a bhith a’ cruthachadh an e-leabhair seo.

 

 

 

Ochd Casan Caola air Anansi

Sgeulachd An Akan

 

 

 

 

 

 

*

Aon uair, bha damhan-allaidh ann leis an ainm Anansi. Ged a b’ e deagh chòcaire a bh’ ann am bean Anansi, cha robh nì a b’ fheàrr leis an damhan-allaidh shanntach seo na blasad air biadh dhaoine eile.

Aon latha, chaidh Anansi a thadhal air a charaid, an rabaid.

‘Hmm!’ dh’èigh an damhan-allaidh sanntach agus e a’ dol a-steach don chidsin. ‘O. ’s e glasraich bhrèagha a tha sin a tha thu a’ còcaireachd, a Rabaid.’

‘Carson nach fhuirich thu gu do bhiadh?’ fhreagair an rabaid chòir. ‘Chan eil a’ ghlasraich bruich fhathast, ach bidh a dh’aithghearr.’ 

Bha fios aig Anansi nam fuiricheadh e fhad ’s a bha am biadh fhathast a’ bruich, bheireadh an rabaid obair dha a dh’fheumadh e a dhèanamh agus cha b’ ann airson obair a dhèanamh a bha e a’ tadhal air a charaid.

Mar sin thuirt Anansi ris an rabaid, ‘An toir thu mathanas dhomh, a charaid chòir, ach tha rudan agam a dh’fheumas mi a dhèanamh sa bhad. Carson nach snìomh mi lìon agus an dàrna ceann a cheangal rim chois agus an ceann eile ris a’ phoit a th’ agad air an stòbha? San dòigh sin, faodaidh tu slaodadh air an lìon nuair a tha a’ ghlasraich deiseil agus tillidh mi air ais ann an cabhaig gu mo dhinnear.’

Dh’aontaich Rabaid gur e beachd glè mhath a bha seo, agus cheangail e lìon Anansi ris a’ phoit agus dh’fhàg e beannachdan aig a charaid.

Mòmaid no dhà às dèidh sin, fhuair an damhan-allaidh sanntach e fhèin a’ coiseachd seachad air taigh a dheagh charaid, am muncaidh. Agus thachair gun robh Muncaidh ann an teis-meadhain ullachaidh a dhinnear.

‘Hmm!’ dh’èigh an damhan-allaidh sanntach agus e a’ dol a-steach don chidsin. ‘Abair biadh math de phònairean agus mil a tha thu a’ còcaireachd, a Mhuncaidh.’

‘Carson nach fhuirich thu gus a bheil iad bruich agus an uair sin fuireach gu do dhinnear?’ fhreagair am muncaidh càirdeil.

Aon uair eile, bha fios aig Anansi nam fuiricheadh e fhad ’s a bha am biadh fhathast a’ bruich, gun toireadh Muncaidh obair dha airson a dhèanamh agus cha robh miann sam bith aige obair a dhèanamh.

Mar sin thuirt Anansi ris a’ mhuncaidh, ‘Tha mi glè dhuilich a charaid chòir, ach tha rudan agam a dh’fheumas mi a dhèanamh sa bhad. Carson nach snìomh mi lìon agus an dàrna ceann a cheangal rim chois agus an ceann eile ris a’ phoit a th’ agad air an stòbha? San dòigh sin, faodaidh tu slaodadh air an lìon nuair a tha na pònairean agus a’ mhil deiseil agus tillidh mi air ais ann an cabhaig gu mo dhinnear.’

Dh’aontaich Muncaidh gur e beachd sàr mhath a bha seo, agus mar sin cheangail e lìon Anansi ris a’ phoit agus dh’fhàg e beannachdan aig a charaid.

*

Air an t-slighe dhachaigh, thadhail Anansi air sia caraidean eile agus iad uile trang ag ullachadh am biadh airson an fheasgair.

 

Thadhail e air an t-sligeanach, an geàrr, an fheòrag, an luch, an sionnach agus mu dheireadh a dheagh charaid an torc. Agus leis gach tadhal, dh’innis Anansi an aon sgeul. Agus do gach caraid, shnìomh e lìon airson na poite a bha aca air an stòbha. Agus sin mar a bha na h-ochd casan aig Anansi uile ceangailte ri diofar phoitean le pìosan fada de lìon.

Cha b’ urrainn don damhan-allaidh sanntach nì eile a dhèanamh ach gach aon de a charaidean aige a mhealladh gus am faigheadh e air ithe às gach poit, ach aig an aon àm a’ seachnadh obair sam bith air an t-slighe.

Bha Anansi a’ coimhead air adhart gu mòr ris na bha seo de bhiadh, gu h-àraid buntàta milis agus mil an tuirc, a bha an-còmhnaidh air a bhruich cho grinn.

‘Tha mi dha-rìribh air dèanamh nas fheàrr na rinn mi a-riamh an turas seo,’ smaoinich an damhan-allaidh. ‘A leithid de bhiadh àlainn agus cha d' rinn mi obair sam bith air a shon! Ach eil fios dè a’ phoit bìdhe a dh’fheuchas mi an toiseach?’

*

Dìreach an uair sin, dh’fhairich Anansi aon de na pìosan lìn a’ slaodadh air a chois.

‘Feumaidh gur e an rabaid a tha siud leis a’ ghlasraich bhlasta,’ smaoinich an damhan-allaidh sanntach.

Ach an uair sin, bha pìos eile den lìon a’ slaodadh air tè eile de chasan Anansi.

‘O mo chreach!’ dh’èigh e a-mach. ‘Feumaidh gur e am muncaidh a tha siud leis a’ phoit de phònairean agus mil.’ 

Agus an uair sin chaidh cas eile a shlaodadh! Agus cas eile! Agus tè eile! Gus an robh na h-ochd casan uile aig Anansi gan slaodadh gu diofar thaobhan aig an aon àm!

Shlaod Anansi e fhèin chun na h-aibhne agus leum e don uisge gus am biodh na lìn uile air an nighe bho na casan aige. Aon às dèidh aon, leig na lìn às grèim air a chasan gus mu dheireadh b’ urrainn don damhan-allaidh sanntach sreap suas gu bruaich na h-aibhne.

Nuair a bha Anansi air faighinn seachad air an sin agus air e fhèin a thiormachadh, mhothaich e do rudeigin a bha glè neònach. Bha gach aon de na ceithir chasan aige air an dèanamh nas fhaide. Far an robh iad goirid agus leathann roimhe, bha iad a-nis caol agus fada!

‘O, ciamar a b’ urrainn dhomh a bhith cho sanntach?’ smaoinich Anansi. ‘Seall a-nis dè tha air tachairt dhomh. Chan e a-mhàin gu bheil ochd casan caola agam, ach feumaidh mi a-nis mo dhinnear fhìn a dhèanamh!’

Agus sin an t-adhbhar gu bheil ochd casan caola air Anansi.

 

 

Taing

Sgrìobhaiche

 Farida Salifu

Leughadair

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl Cuspair

 'Goblin Party' le Jonathan Geer/Soundsnap

Creideasan Ìomhaigh

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here