KidsOut World Stories

Carson a tha an t-Adhar cho Àrd    
Previous page
Next page

Carson a tha an t-Adhar cho Àrd

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Carson a tha an t-Adhar cho Àrd? 

Sgeulachd à Beangàl 

raining clouds in the sky

 

 

 

 

 

*

O chionn mòran bhliadhnaichean, bha an t-adhar cho ìosal agus gum b’ urrainn dhut suathadh ann le do mheuran nan sìneadh tu do làmh suas. Agus ann an ceann a tuath nan Innseachan far am b’ ìsle a bha an t-adhar, bha baile beag far an robh boireannach glè shean a’ fuireach ann am bothan beag bìodach de pholl.

Bha am boireannach beag seo a’ fuireach na h-aonar oir cha robh teaghlach no caraidean aice air fhàgail. Cha robh àite aice don deigheadh i agus cha robh duine aice ris am bruidhneadh i. Mar sin, gus i fhèin a chumail a’ dol, bha i a’ cur seachad na tìde a’ glanadh an taighe agus a’ sgioblachadh a’ ghàrraidh.

Aon shamhradh a bha glè theth mus tàinig uisgeachan a’ mhonsùn, bha an talamh cho tioram agus gun robh dust sa h-uile àite: air na craobhan, air mullaichean nam bothan agus nan taighean agus anns an èadhar. Bha na daoine a’ casadaich ’s a’ sreathartaich agus a’ tachdadh oir bha an dust a’ faighinn a-steach don sròinean agus don amhaichean. Bha fiù ’s an t-adhar bochd a’ fulang; bha e cho faisg air an talamh agus nuair a bha an dust ag èirigh gun robh e a’ casadaich agus a’ sreathartaich cuideachd.

Bha bothan na seann chaillich còmhdaichte le dust. Sguab agus sguab i am bothan beag leis an sguaib aice. Sguab i fiù ’s taobh a-muigh a’ bhothain agus an gàrradh aice air beulaibh a’ bhothain. Ach mar as motha a bha i a’ sguabadh, b’ ann bu mhotha a bha an dust ga cuairteachadh.

Thòisich an t-adhar a’ tachdadh leis an dust a bha an seann bhoireannach a’ togail leis an sguaib. Fhuair an dust a-steach don amhaich aige agus bha e a’ diogaladh a shròin agus a’ toirt air sreathartaich – sreathart mòr uabhasach a thug crathadh air an t-saoghal leis an tàirneanach aige. Bha daoine a’ còmhdach an cinn agus a’ ruith a-steach leis an eagal. Ach chùm an seann bhoireannach oirre a’ sguabadh.

Fhuair an dust a-steach do shùilean an adhair agus thug e deòir annta gus an do thòisich boinneagan mòra mòra a’ tuiteam air an talamh thioram. Cha mhòr gun do mhothaich an seann bhoireannach gus an do thuit boinneag mhòr uisge air a ceann.

Thug an seann bhoireannach sùil gheur air an adhar agus sguab i a’ bhoinneag uisge air falbh. Ach an uair sin thuit boinneag eile uisge, agus fear eile, gus an robh an gàrradh brèagha, glan aice còmhdaichte ann am boinneagan uisge.

Rinn seo an seann bhoireannach glè fheargach. Dh’èigh i ris an adhar, a’ glaodhaich ris sgur a chur uisge don ghàrradh bhrèagha, ghlan aice.

Ach cha b’ urrainn don adhar bhochd sgur den uisge; bha a shùilean cho làn de dhust.

Mu dheireadh thall, bha an seann bhoireannach cho feargach agus gun do thog i an sguab agus bhuail i an t-adhar leis an sguaib. Rinn an t-adhar sreathart mòr eile agus leum e a-mach às an rathad oirre. Ach chùm a’ chailleach oirre a’ slaiceadh leis an sguaib aice, a-rithist agus a-rithist.

Mu dheireadh, bha an t-adhar air gu leòr fhaighinn den dust agus den t-seann bhoireannach ga bhualadh leis an sguaib. A’ sreathartaich ’s a’ casadaich, le tàirneachaich ’s dealanaich, sgèith an t-adhar suas nas àirde ’s nas àirde gus nach ruigeadh an dust e tuilleadh agus mhionnaich e nach tigeadh e a-nuas gu bràth tuilleadh.

Agus sin as adhbhar gu bheil an t-adhar cho àrd. Fiù ’s far an saoil thu gu bheil e a’ suathadh san talamh, tha an t-adhar glè àrd fada air falbh bho sheann bhoireannaich fheargach le sguaban!

 

 

Taing

Sgrìobhadair

Gun urra

Leughadair

Linda NicLeòid

Ceòl cuspair

Spirit of India le Musicismypassion/AudioJungle

Ealain

 Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here