KidsOut World Stories

An Turtar Bòstail Nick Twyford    
Previous page
Next page

An Turtar Bòstail

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Turtar Bòstail

Sgeulachd Fhilipìneach

 

 

 

 

 

 

 

 

Chan eil sgeulachdan bho bheul-aithris no seann-sgeulachdan eile an-còmhnaidh coibhneil, ach bidh sinn gan coimhead tro uinneag bheag far nach urrainn dad tighinn a-steach no a dhol a-mach. Tha daoine a’ dol ceàrr agus tha leasain ri ionnsachadh. Tha leasain mhoralta ri ionnsachadh cuideachd. Le seann sgeulachdan, dìreach mar a tha nar beatha, tha co-dhiù a tha sgeulachd snog no nach eil a rèir cuin a sguireas sibh a leughadh. Bu chòir dhuinn seo a chumail nar cuimhne leis an sgeulachd seo...

Tha cuid a bheathaichean nas fortanaiche na beathaichean eile. Tha na buabhallan Tamaraw làidir, tha cabair air na fèidh Chalamian airson sabaid ri nàimhdean, agus tha na crogallan bhon bhoglach Agusan fiataidh.

Bhiodh mòran dhaoine ag ràdh gur e na h-eòin na creutairean as fortanaiche. Bha an Turtar gu dearbh dhen bheachd sin. Bha esan diofraichte bhon a’ chòrr. Ged a tha a' mhòr-chuid de thurtaran taingeil gu bheil na pliutan aca a' ciallachadh gun urrainn dhaibh snàmh sa mhuir, bha an turtar seo mì-thoilichte nach e sgiathan a bh’ annta. Ged a tha fios aig a' mhòr-chuid de thurtaran gu bheil na sligean cruaidh aca airson an dìon bho shealgairean, bha an turtar seo mì-thoilichte gun robh an t-slige aige ro throm agus nach b' urrainn dha itealaich san adhar. Cha robh e a’ bruidhinn e air dad ach itealaich fad na h-ùine, agus bha na turtaran eile seachd searbh sgìth dheth. Nuair nach robh e a' bruidhinn mu itealaich, bha e a' bruidhinn mu dheidhinn fhèin. Cha robh an turtar seo na chompanach math.

‘Bu chòir dhut a bhith toilichte le na th' agad,’ thuirt fear de na seann daoine nuair a bha an Turtar a' gearan. Bha an seann duine glic seo na sheann-bhèist le tòrr lotan air an t-slige aige agus iomadh loidhne air aodann. Bhiodh na turtaran òga ag ràdh gun do choinnich e ri Bathala, neach-cùraim na Talmhainn. Thachair seo iomadh bliadhna air ais, nuair a chruthaich Bathala beatha an toiseach. Cha robh an seann duine glic seo a’ dearbhadh an robh seo fìor no nach robh, ach bha an Turtar coma. Cha robh dad air aire ach itealaich.

Bha seo a' ciallachadh nach robh mòran charaidean aige. Bha e coma mu na turtaran eile, a bha toilichte le bhith a' snàmh agus ag ithe. Agus bha farmad aige ris na h-eòin oir b' urrainn dhaibh itealaich agus cha b' urrainn dhàsan. Ach bha fios aige nam biodh e a' dol a dh'itealaich idir gum feumadh e eun airson a chuideachadh. An dara cuid sin, no dh'fheumadh e faighneachd dha na seann uilebheistean, agus bha fios aige mu thràth nach bu chòir dha sin a dhèanamh. B’ e dìreach daoine a bha gòrach gu leòr airson fàbhar iarraidh air na h-uilebheistean. Agus chan fhaiceadh tu a-rithist iad.

Mar sin, dh'iarr an Turtar cuideachadh air gèadh. B' ann o chionn fhada a bha seo, tha sibh a’ tuigsinn, sna làithean nuair a bhiodh beathaichean a’ cur cheistean air a chèile. Bha fios aige gur e eòin mhionaideach a bh' ann an geòidh. Cha robh iad uabhasach glic ge-tà, agus mar sin, smaoinich an Turtar gun cuidicheadh fear dhiubh e furasta gu leòr.

Thagh an Turtar gèadh airson a chuideachadh. Bha an gèadh air an rathad a-mach a choinneachadh ris a’ chòrr dhen sgaoth aig an àm. Cha robh an gèadh a' coimhead air adhart ri bhith a' teagasg itealaich do thurtar – gu sònraichte an turtar seo. Cha bhiodh e furasta idir.

‘Tha an sgaoth agam an ìmpis imrich airson a' gheamhraidh agus tha mi gu math trang,’ thuirt an gèadh ris an Turtar. Bha seo caran fìor, ach cha robh an gèadh ag iarraidh faireachdainnean an turtair a ghoirteachadh. Co-dhiù, bha fios aig a h-uile duine nach b' urrainn do thurtaran itealaich, ge bith dè cho dealasach 's a bha iad.

‘Coma leam dè cho trang 's a tha thu,’ thuirt an turtar le osna. ‘Tha mi ag iarraidh itealaich, agus tha mi ag iarraidh itealaich an-dràsta!’

Bha e soilleir dhan ghèadh nach sguireadh an turtar gus an aontaicheadh e.

‘Feumaidh mi faighneachd dhan sgaoth an toiseach,’ thuirt e, ach bha fios aige mu thràth dè chanadh iad. Dh’fhaodadh e itealaich air falbh an uair sin, ach bha cridhe mòr aige, no ’s dòcha eanchainn bheag.

Cha robh freagairt na sgaoth na iongnadh dha. Thòisich na geòidh a' gàireachdainn aig iarrtas gòrach an turtair. Nuair a sguir iad a ghàireachdainn, chuir aon ghèadh smuaineachail beachd an cèill a bha caran neònach.

‘Ma chumas dithis againn maide mòr eadarainn,’ thuirt e, ‘faodaidh an Turtar grèim a chumail air fhad 's a tha sinn ag itealaich. Tha gob làidir aige agus tha mi cinnteach gun tèid aige air grèim a chumail air a' mhaide. Ach dh'fheumadh e a bhith glè fhaiceallach,' thuirt e. ‘Nan leigeadh e às e, fiù ’s aon diog, thuiteadh e agus bhiodh e ro throm dhuinn a ghlacadh.'

Cha robh ùidh aig a’ ghèadh sa bheachd seo. Bha e glè chunnartach agus mar sin, 's dòcha gum biodh cus eagail air an Turtar, agus 's dòcha nach biodh e airson a dhèanamh. Ach, air sgàth 's gun robh an Turtar na chreutair fèineil, bha e fhathast airson itealaich.

‘Cuimhnich gum feum thu grèim teann a chumail agus chan fhaod thu leigeil às,’ thuirt an gèadh, ‘oir ma nì thu sin, tuitidh tu agus cha bhi sinn air chomas do shàbhaladh. Tha thu a' coimhead glè throm leis an t-slige sin.’

‘Tha fios a’m, tha fios a’m,' thuirt an Turtar, ach cha robh e ag èisteachd ris. Bha e ro thrang a' smaoineachadh mu dheidhinn itealaich cuide ris na geòidh ’s nach tug e aire dha na rabhaidhean. Bha e cuideachd trang a' smaoineachadh gum biodh a charaidean glè fharmadach nuair a chitheadh iad e ag itealaich sna speuran os an cionn.

Agus mar sin, dhùin an Turtar a bheul air a' mhaide a bha eadar na geòidh agus thòisich iad ag itealaich. Air sgàth ’s nach robh e riamh air itealaich ron a seo, ghabh an Turtar iongnadh nuair a chunnaic e na seallaidhean a bha a' sìneadh fodha, fhad 's a bha na geòidh ag itealaich gu h-àrd sna speuran gorm: sgàil-bhrat na dlùth-choille, aibhnichean fada, lùbach.

Nuair a chunnaic an Turtar a h-uile càil, smaoinich e nach fhaca e gu leòr den t-saoghal gu ruige seo. Ach an àite a bhith a’ faireachdainn iriseal air sgàth ’s na chunnaic e de dh’àiteachan mun cuairt, agus an àite an turas còrdadh ris, bha an turtar fèineil airson èigheachd ris na beathaichean fodha. Bha e airson bòstadh mu na bha e a’ faicinn. Agus gu sònraichte bha e airson èigheachd ris an turtar a thuirt ris nach b' urrainn dha itealaich idir.

Agus b' ann an uair sin a dh'fhosgail e a bheul.

A bheil cuimhne agaibh nuair a thuirt mi nach eil sgeulachdan bho bheul-aithris no seann sgeulachdan an-còmhnaidh còir? Uill, a-nis chì thu carson. Tha an sgeulachd againn a' crìochnachadh leis an Turtar a' tuiteam, ach chan fhaic sinn far an tig e a-nuas. Am buail e san talamh? Bu chòir dha. Sin mar a tha na rudan seo ag obair. Agus ma bhuaileas... uill tha leasan moralta san sgeulachd againn. A bheil fios agaibh dè th' ann?

Ach 's e beul-aithris agus seann sgeulachd a tha seo – àite neònach far am faodadh dad sam bith tachairt, far a bheil beathaichean air chomas bruidhinn agus far a bheil iad a’ dèanamh rudan a tha làn fhios aca nach bu chòir dhaibh. Mar sin, san sgeulachd seo, 's dòcha nach tig an Turtar a-nuas idir. Agus le sin, ma bhios an Turtar a’ tuiteam gu bràth sìorraidh, nach eil sin a' ciallachadh gu bheil e ag itealaich a dh’aindeoin a h-uile càil?

Enjoyed this story?
Find out more here