KidsOut World Stories

Fear-gleidhidh nan Leabhraichean Lisa Jones    
Previous page
Next page

Fear-gleidhidh nan Leabhraichean

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Fear-gleidhidh nan Leabhraichean

 

A stack of books

 

 

 

 

 

*

Cha robh mòran aig Santanu san t-saoghal seo. Bha pìos aodaich no dhà, brògan, beagan phinn agus leabhar aige. Seann leabhar.

Cha robh leabhraichean aig duine tuilleadh. B’ e 2042 a bh' ann agus airson na cloinne aig sgoil Santanu, b' e rudeigin aosta a bh' ann an leabhar. Rudeigin a bha cho aosta ri deise-airm no caisteal. Bha na fònaichean agus na tablaidean eileagtronaigeach a b’ ùire aca. Bha leabhraichean-e, laptops agus coimpiutairean aca. Cha robh na rudan seo aig Santanu, oir bha a theaghlach bochd. Cha b' urrainn do dhuine fòn a chur thuige oir cha robh fòn aige. Cha b' urrainn do dhuine post-dealain a chur thuige oir cha robh coimpiutair aige agus cha robh duilleag Facebook aige. Bha a charaidean a' smaoineachadh gun robh e caran neònach agus uaireannan bhiodh iad a' magadh air oir cha robh na rudan seo aige.

B' e sòlas a bh' anns an leabhar aige. B' e seann leabhar a bh' ann agus bha e ceangailte le leathar burgandaidh a bha air a reubadh aig na h-oirean. Nuair a dh'fhosgladh e an leabhar, dh’èireadh fàileadh neònach bho na duilleagan. Bha fàileadh sean agus tais às.

Cha robh fios aig Santanu cò mu dheidhinn a bha an leabhar. Chleachd e an leabhar mar leabhar-nòtaichean, a' sgrìobhadh sgeulachdan no beachdan sna mairginean, no airson àireamhan fòn a charaidean a chur sìos, nam feumadh e an cleachdadh idir. Cha tug e for air an sgrìobhadh neònach a bha air gach duilleag. B' e cànan às an dùthaich aige fhèin a bh' ann, àite nach b' urrainn dha a chuimhneachadh. Bha fios aige gur e Beangàilis an cànan a bha san dùthaich agus b' urrainn dha Beangàilis a bhruidhinn ri a phàrantan, oir dh'ionnsaich e sin bhuapa nuair a bha e òg. Ach cha b' urrainn dha Beangàilis a leughadh. Bha na faclan a' coimhead neònach agus allmharach air na duilleagan.

Ràinig iad Breatainn às dèidh nan tuiltean - Santanu agus a mhàthair agus athair. Ach bha sin o chionn iomadh bliadhna, nuair a bha e na leanabh. Dh'inns a mhàthair dha mu na mòr-thubaistean nàdarra ann am Bangladais. Bha an t-uisge sa h-uile àite. Bhàth e na barran agus thug e mòran dhaoine air falbh. Bha a theaghlach fhathast beò oir shuidh iad air mullach an taighe aca le beagan bìdh. Dh'fhuirich iad an sin airson ceithir latha mus tàinig cuideachadh.

Chaill a theaghlach a h-uile rud agus cha robh iad airson gun tachradh an aon rud a-rithist. Mar sin, le taic bhon teaghlach agus na caraidean aca, thog iad oirre iad a Bhreatainn.

Thug seo iomadh seachdain. Gu tric, bhiodh màthair Santanu ag innse dha gun do shiubhail iad ann an truga mhòr le cearcan agus tìgear a bha a' coimhead gu math brònach sa chèidse aige. Shiubhail iad cuide ri teaghlaichean eile a chaill na taighean aca. Agus an rud a b’ eagalaiche, bhiodh i a’ bruidhinn mu phlèana mhòr a thog iad suas dhan adhar agus thar a' chuain. B' e am plèana a' phàirt bu mhiosa oir bha e cho eagalach, thuirt màthair Santanu. Bha e a’ crathadh san adhar. Bha e fuaimneach agus mar sin bha an leanabh Santanu a' rànaich fad na slighe.

Cha robh mòran aca nuair a ràinig iad. Bha iad air an t-airgead gu lèir aca a chleachdadh gus teicheadh. Dh'obraich athair Santanu mar neach-frithealaidh, agus bha a mhàthair na neach-glanaidh pàirt-ùine. Ann am Bangladais, bha iad air a bhith nan tuathanaich agus luchd-ghnothachais soirbheachail, ach bha e doirbh obair mhath a lorg ann am Breatann.

Anns am flat aca, a bha os cionn bùth shalach air ràthad mòr, trang, bha telebhisean didseatach aca, ach cha robh e math no mòr. Bha Santanu a' cleachdadh choimpiutairean san sgoil, ach aig an dachaigh, cha robh aige ach an leabhar seo.

Bha Criostal, a charaid a b’ fheàrr, glè bhochd cuideachd, ach fhathast bha fòn-làimhe aice. Bu toigh leatha an leabhar aig Santanu agus glè thric bhiodh i a' sgrìobhadh sgeulachdan còmhla ris. Cha robh àite aice airson na faclan-faire aice a chumail sàbhailte, agus mar sin sgrìobh i iad san leabhar aig Santanu. Cha lorgadh duine iad an sin.

Bha an sgoil deich mionaidean bhon taigh aige, agus bhiodh e a’ coiseachd gach latha. Bha  a’ mhòr-chuid de sgoilearan a’ tighinn dhan sgoil ann an càraichean-sgèith ùra am pàrantan, no uaireannan air a' bhus-dealain. Ach bhiodh Santanu a’ coiseachd a h-uile latha.

Aon latha grianach, bha a' chlann a’ dèanamh barrachd fuaim na b’ àbhaist san raon-chluiche, a' bruidhinn aig an aon àm agus a' coimhead draghail. Bha na fònaichean aca nan làmhan agus bha a h-uile duine a' feuchainn ri teachdaireachdan a chur, ach cha robh e ag obrachadh. Nuair a bha a h-uile duine còmhla, thuig iad na bha air tachairt.

Bha an ceannard, Mgr Uilleam, a' coimhead nearbhasach nuair a dh'inns e dha na sgoilearan na thachair.

''Nis, tha fios agam gu bheil dragh oirbh uile,' thuirt e, 'ach feumaidh sinn gabhail air ar socair. Tha e coltach gu bheil trioblaid dealain ann. Chan eil an t-eadar-lìon ag obair agus bidh seo doirbh dhuinn. Feumaidh sinn a bhith foighidneach agus obrachadh a-mach dè nì sinn.’

Anns a' bhliadhna 2042, cha mhòr nach robh a h-uile rud a' tachairt air-loidhne. Cha robh dad ann dham beanadh tu. Cha b' urrainn dhut fiosrachadh fhaighinn mar a b' urrainn dhut à leabhar Santanu. Bha earbsa aig a h-uile duine anns an eadar-lìon: suidsichean solais, telebhiseanan, fònaichean-làimhe agus coimpiutairean. Agus a-nis, cha robh dad ag obair!

Dh'fhàs a' chlann an-fhoiseil agus cha robh iad toilichte. Bha an t-eagal orra. Cha do thachair rud mar seo dhaibh a-riamh. Ciamar a dhèanadh iad conaltradh ri chèile? Dè dhèanadh iad leis an ùine aca? Dè bhiodh daoine a’ dèanamh mus robh telebhiseanan agus geamaichean coimpiutair agus post-dealain ann?

Bha Mgr Uilleam a' feuchainn ris a h-uile duine a chumail socair, ach bha fios aig a' chloinn gun robh an t-eagal air. Bha am fòn-làimhe aige fhèin na làimh, ach cha robh e ag obair. Mu dheireadh thall, choisich e a-mach agus e a' coimhead troimh-a-chèile.

Bhuail an clag agus chaidh a' chlann dha na clasaichean aca, agus iad fhathast a' faireachdainn troimh-a-chèile. Cha robh an smartboard ag obair. Cha robh na coimpiutairean ag obair. Dh'fheuch na tidsearan ri làmh-sgrìobhadh nan sgoilearan a cheartachadh, ach bha iad uile cho dona air sgrìobhadh. Cha robh duine a’ cleachdadh phinn tuilleadh. Ach b' e cur-seachad a bha seo do Shantanu, oir bha an sgìobhadh aigesan gu math sgiobalta.

Chaidh na làithean seachad. Cha robh fios aig duine cuin a thigeadh na coimpiutairean air a-rithist. Bha pàrantan mì-thoilichte oir bha a' chlann aca mì-mhodhail: a-nis, cha robh iad air am beò-ghlacadh le telebhiseanan, geamaichean coimpiutair no fònaichean-làimhe. Cha robh fios aig a' chloinn dè b’ urrainn dhaibh a dhèanamh gun an t-eadar-lìon. Chaidh iad a-mach air na sràidean, ach cha robh fios aca càit an robh na caraidean aca a’ fuireach oir bha iad an-còmhnaidh a’ bruidhinn air a’ fòn no air an eadar-lìon.

An ceann greis, chaidh foirm mun cuairt na sgoile gun robh leabhar làn fiosrachaidh aig Santanu: ainmean, seòlaidhean agus àireamhan fòn. Aon latha, lean balach mòr leis an ainm Kai, Santanu air ais dhachaigh oir bha e airson seòladh a charaid fhaighinn a-mach agus bha e air duilleag ann an leabhar Santanu. Dh'aontaich Santanu an seòladh a thoirt dhan a' bhalach, ach bha aige ri cluich còmhla ri Santanu. Sin mar a thòisich e. Sin mar a choinnich Santanu ri tòrr charaidean agus bhiodh iad a' smaoineachadh air geamaichean ùra airson a h-uile duine. Bu toigh leis a bhith a' cluich aghaidh ri aghaidh. B' fheàrr le Santanu an saoghal fìor an àite choimpiutairean.

Chòrd an leabhar aig Santanu ris a’ chloinn eile. Bha na fònaichean aca, a bha aig aon àm làn dath agus fiosrachadh, a-nis marbh. Bha na sgrìonaichean telebhisein agus coimpiutair dorch agus glas. Agus a-nis, bha an leabhar air leth feumail! Bha e làn ainmean agus sheòlaidhean, làn bheachdan airson geamaichean ùra a chuir Santanu dhan leabhar thar nam bliadhnaichean. Bha e cuideachd làn sgeulachdan a chruthaich e fhèin, agus leugh Santanu na sgeulachdan seo dha charaidean.

Aon latha, bha a' chlann uile a' cluich ann an àite trèigte nuair a thòisich an t-uisge. Ruith iad uile a lorg fasgadh ri taobh doras mòr a bha air togalach de bhreigichean orains. Aon às dèidh a h-aon, sheas iad uile ri taobh an dorais gus am biodh iad a-mach às an uisge. An uair sin, bha rinn an doras dìosgail agus thuit e a-staigh. Thuit a' chlann uile a-staigh leis, gach duine dhiubh air uachdar duine eile.

Bha an togalach glè dhorcha na bhroinn, le mullaichean-seòmair àrda. Bha e làn dust, lìn dhamhain-allaidh, agus air sgàth 's gun robh e cho dorcha, bha e doirbh dad fhaicinn. Bha fàileadh fuaraidh agus sean ann.

Sheas Santanu an toiseach, shuath e a shùilean agus choimhead e mun cuairt.

'Leabhraichean! Seall na leabhraichean a tha seo!' dh'èigh e. 'Dè an seòrsa àite a tha seo?'

'Chan eil fios agam,' fhreagairt a charaid Criostal. ''Tha e coltach ri seann taigh.'

Bha deasg mòr am meadhan an t-seòmair agus os cionn an deasg, bha samhla ann. Thuirt e, 'Tilleadh agus Toirt A-mach’. Os cionn sin, bha samhla na bu mhotha buileach ann crochte bho mhullach an t-seòmair. ’S e 'Leabharlann Poblach' a bha sgrìobhte air.

Cha robh a' chlann a' tuigsinn an fhacail leabharlann, ach cha robh e gu diofar. Cha robh Santanu a’ creidsinn na bha e a’ faicinn. Choisich e suas agus sìos na trannsichean, a’ suathadh gach leabhar. Bha e mar lùchairt thoirmisgte, àite air nach robh ach a’ chlann eòlach.

Chaidh na seachdainean seachad, agus ràinig mòran sgoilearan an leabharlann às dèidh na sgoile. Bhiodh iad a’ leughadh ri chèile no leotha fhèin, nan suidhe fo phlaideachan. Bhiodh iad a' cluich sgiobag, no falach-fead agus a' cruthachadh nan sgeulachdan aca fhèin.

Bu toigh le Santanu a bhith a’ coiseachd suas agus sìos na trannsaichean, a' leughadh iomadh seantans bho gach leabhar. Leugh e pìosan bho A' Bhanrigh Shneachda, Na Ròmanaich agus Seoc Agus A' Chraobh Phònair. Leabhar sam bith a b' urrainn dha leughadh.

B' ann nuair a bha e a' cur Seoc air ais air an sgeilp airson 'Clann' a mhothaich e do leabhar a bha coltach ris an leabhar aige fhèin. B' e an aon leabhar a bh’ ann, ach bha e sgrìobhte anns a' Bheurla. Mu dheireadh thall, bha fios aige cò mu dheidhinn a bha an leabhar aige. B' e Matilda an t-ainm a bh' air agus bha e sgrìobhte le duine leis an ainm Roald Dahl. B' e sgeulachd mu nighean bheag a bh’ ann a bha uabhasach measail air leughadh, agus cha do chuir Santanu an leabhar sìos gus an do ràinig e an duilleag mu dheireadh. Smaoinich e gur e an leabhar a b’ fheàrr agus a b’ èibhinne a leugh e a-riamh.

Chuir e an leabhar Beurla ri taobh an leabhair Beangàilis a bh' aige airson ùine mhòr. Leugh e an leabhar, agus leugh e a-rithist e, agus gu slaodach, thòisich e air an sgriobt Beangàilis a thuigsinn. Dh'fhuirich e mòran uairean a thìde anns an leabharlann, ann an oisean leis fhèin, a' coimhead air an dà leabhar gus an robh e nas misneachaile leis an sgriobt Beangàilis. Cuideachd, lorg e leabhar air an sgeilpe ‘Foghlam’ san leabharlann. Bha seo cuideachail dha gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun chànan Beangàilis. 

Aon Disathairne, nuair a ràinig Santanu an leabharlann fada dhen mhadainn, mhothaich e cho sàmhach 's a bha e. Cha robh clann sam bith mun cuairt. Bha Santanu a' smaoineachadh gur dòcha gum faca cuideigin iad san leabharlann agus gun robh aca ri teicheadh. An uair sin, nochd Criostal bho chùl na sgeilpe  'Siubhal'.

'Tha iad air an trioblaid a chàradh,' thuirt i. 'Tha na coimpiutairean agus an t-eadar-lìon ag obair a-rithist. Chaidh a h-uile duine dhachaigh.'

Dh'iarr i na faclan-faire aice a bha san leabhar aig Santanu, agus gu sàmhach, choisich i a-mach an doras, a’ fàgail Santanu leis fhèin aig na leabhraichean.

Choimhead am balach beag air na sreathan de sgeilpichean leabhraichean. Smaoinich e mu na sgeulachdan a bha anns gach leabhar agus dh’fhairich e rud beag brònach nach robh duine eile ann airson an leughadh. Ach an uair sin, rinn e gàire ris fhèin agus thug e leabhar a-nuas bhon sgeilp a b' fhaisge, agus shuidh e sìos fo phlaide. Bha e san oisean a b’ fheàrr leis san leabharlann. B' e Fo Bhruid an t-ainm a bh' air an leabhar seo, agus bha Santanu cinnteach gum biodh e sgoinneil! 

Enjoyed this story?
Find out more here