KidsOut World Stories

An Coineanach Glic    
Previous page
Next page

An Coineanach Glic

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 


Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic a bhith a’ cruthachadh an leabhair-d seo.

 

 

 

An Coineanach Glic

Sgeulachd Pashto

 

 

 

 

 

 

*

Latha de na làithean fada a-staigh san dlùth-choille, bha tìgear a bha a’ sealg airson a dhinneir gach latha agus oidhche.

Bha eagal aig a’ chòrr de na beathaichean ron tìgear oir b’ e esan am beathach bu mhotha agus bu chumhachdaiche dhiubh uile. Gach latha agus oidhche bha eagal orra gun deigheadh an glacadh agus an ithe leis an tìgear mhòr fhiadhaich. Bha eagal air na gobhair-fhiadh, bha eagal air na mucan, bha eagal eadhon air na muncaidhean, ach cha ghabhadh dad a dhèanamh mun tìgear bhorb. 

B’ e an coineanach glic an t-aon bheathach air nach robh eagal ron tìgear mhòr bhorb. Bha e a’ fuireach ann an toll-coineanaich fon talamh agus a’ tighinn a-mach airson biadh nuair a bhiodh e cinnteach gun robh an tìgear na chadal agus gun robh an dlùth-choille sàbhailte. Ach bha an coineanach coibhneil agus còir cuideachd, agus bha e a’ faireachdainn duilich airson beathaichean na dlùth-choille a dh’fheumadh a bhith beò leis an eagal ron tìgear. 

Aon fheasgar, bha na beathaichean uile cruinn còmhla aig an àite coinneachaidh.

‘Dè as urrainn dhuinn a dhèanamh mun tìgear?’ dh’fhaighnich na muncaidhean.

‘Tha sinn rud beag sgìth de bhith leis an eagal,’ thuirt na mucan.

B’ ann an uair sin a sheas an coineanach glic suas air beulaibh nam beathaichean uile agus thuirt e: ‘Dèiligidh mise ris an tìgear. Fàgaibh an tìgear agamsa agus cha bhi sinn fada gus am bi sinn sàbhailte a-rithist!’ 

Bha na beathaichean glè thaingeil don choineanach, ach cha robh iad a’ creidsinn gum b’ urrainn do chreutair cho beag an cuideachadh le faighinn cuidhteas an tìgear mòr borb.

‘Chan eil thusa ach beag,’ thuirt iad. ‘Dè as urrainn dhut a dhèanamh an aghaidh tìgear mòr borb?’

‘Fuirich gus am faic sibh,’ thuirt an coineanach glic agus leum e air falbh a dh’ionnsaigh taigh an tìgeir fada a-staigh san dlùth-choille.

Nuair a ràinig an coineanach glic taigh an tìgeir, bha eagal mòr air, ach cuideachd bha e cinnteach gun cuidicheadh e na beathaichean eile.

‘Thàinig mi a dh’innse dhut,’ thuirt an coineanach glic anns a’ ghuth bu làidire aige, ‘gu bheil tìgear nas motha agus nas buirbe na thusa san dlùth-choille.’ 

‘Tha sin do-dhèante!’ dh’èigh an tìgear. ‘Is mise as motha agus as buirbe dhiubh uile agus sluigidh mi thu an-dràsta fhèin airson sin a dhearbhadh!’

‘Ach tha mi ag innse na fìrinn,’ thuirt an coineanach glic. ‘Ghlac an tìgear seo mo bhràthair agus thug e rabhadh dhòmhsa gum biodh e air ais a thoirt dùbhlan do bheathach sam bith a bha a’ smaoineachadh gun robh iad nas motha agus nas làidire na esan.’ 

‘Seall dhomh càit a bheil e,’ thuirt an tìgear,’ agus chì sinn cò as motha agus as buirbe dhiubh uile!’ 

‘Ma sheallas mise dhut càit a bheil an tìgear eile,’ thuirt an coineanach, ‘an geall thu nach sluig thu mise no mo bhràthair?’

‘Geallaidh,’ thuirt an tìgear.

Mar sin, dh’fhalbh an coineanach agus an tìgear còmhla a’ coiseachd tron dlùth-choille.

An ceann greis, thuit an coineanach gu talamh agus leig e air gun robh e ro sgìth airson cumail a’ dol. ‘Tha mi uabhasach sgìth,’ thuirt e. ‘An tog thu mi, mas e do thoil e?’

Dh’aontaich an tìgear an coineanach glic a thoirt leis na spògan mòra agus lean iad orra tron dlùth-choille.

‘Tha an tìgear as motha agus as buirbe na thusa a’ fuireach aig bonn an tobair sin,’ thuirt an coineanach glic.

‘Agus tha do bhràthair-sa aige?’ dh’fhaighnich an tìgear.

‘Tha. Ach chan fhaod thu ar sluigeadh oir gheall thu.’

Rinn an tìgear fiamh-ghàire agus dh’èalaidh e air a shocair gu oir an tobair dhomhainn. Nuair a ràinig e oir an tobair, choimhead e sìos don uisge gu h-ìosal agus, gun teagamh, shaoil e gum faca e tìgear le coineanach aige na spògan. 

‘A-nis, feumaidh tu do ghealladh a chumail agus mo bhràthair a shàbhaladh,’ thuirt an coineanach glic.

‘Cha dèan mi a leithid de rud!’ dh’èigh an tìgear. ‘Sluigidh mi thu fhèin agus do bhràthair agus thèid mi a shabaid an tìgeir a bheir dùbhlan dhomh nam dhlùth-choille fhìn!’ 

Ach cho luath ’s a thuirt an tìgear seo, leum an coineanach glic sìos à spògan an tìgeir. Cha do thuig an tìgear gun robh e a’ coimhead sìos air fhaileas fhèin san uisge aig bonn an tobair!

Leum an tìgear borb a-steach don tobar a’ smaoineachadh gun robh e a’ toirt ionnsaigh air an tìgear eile. Ach an àite tìgear eile a’ feitheamh aig bonn an tobair, cha d’ fhuair e ach uisge fuar!

Bha an tìgear mòr borb a’ strì ’s a’ plubadaich san uisge, ach chan fhaigheadh e dòigh air faighinn a-mach.

‘Dh’fhaodadh gu bheil thu mòr agus làidir,’ thuirt an coineanach glic, ‘ach ’s e mise as glice!’

Nuair a thill an coineanach chun an àite coinneachaidh, dh’inns e don chòrr de na beathaichean gun robh e air an tìgear a ghlacadh shìos san tobar.

‘A-nis faodaidh sibh uile a bhith beò gun eagal sam bith,’ thuirt an coineanach glic.

Bha na beathaichean glè thoilichte agus glè thaingeil don choineanach ghlic, agus an oidhche sin, rinn iad subhachas mòr oir mu dheireadh thall bha an dlùth-choille sàbhailte bhon tìgear mhòr bhorb!

 

 

Taing

Sgrìobhadair

 Neo-ainmeach

Eadar-theangachadh Pashto

KidsOut

Ceòl Cuspair

'Just Another Day in the Jungle' le NoiseWorld bho Audiojungle.net 

Ealain

Giglets/Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here