KidsOut World Stories

An Nighean A Bha Ag Iarraidh Trì Cèilean-pòsta    
Previous page
Next page

An Nighean A Bha Ag Iarraidh Trì Cèilean-pòsta

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Nighean A Bha Ag Iarraidh Trì Cèilean-pòsta

 

 

 

 

 

 

 

 

 

O chionn fhada air tìr-mòr na Spàinne, bha marsanta uair aig an robh nighean a bha toinisgeil agus daingeann. Lorg e triùir fhireannaich a dh’fhaodadh a bhith nan cèilean-pòsta aice agus thàinig iad a shealltainn dhi cho freagarrach ’s a bha iad. Ged a bha beannachdan a’ mharsanta aig gach aon de na suirighichean, bha e an urra ris an nighinn fear a thaghadh.

‘Tha mi airson an triùir aca a thaghadh,’ thuirt i.

‘Chan eil, tha còir agad dìreach aon dhiubh a thaghadh,’ bha am marsanta ag argamaid.

Cha robh e gu diofar dè chanadh an t-athair airson an nighean aige a chur dhen bheachd sin, bha i daingeann na beachd mu dheidhinn nan trì suirghichean a ghabhail dhi fhèin. Air a chur troimh-a-chèile le cho rag ’s a bha i, chaidh am marsanta gu na suirghichean le iarrtas.

‘Tha an nighean agam airson an triùir agaibh a phòsadh ach chan urrainn dhomh cead a thoirt seachad airson sin. Bu mhath leam nan deigheadh gach aon agaibh air turas a dh’fhaighinn an nì as annasaiche agus as prìseile as urrainn dhuibh a lorg. San dòigh sin, faodaidh i aon agaibh a thaghadh stèidhichte air na tiodhlacan air leth a lorgas sibh.’

Bha iad fo chuideam mòr, agus dh’fhalbh na suirghichean fa leth sa bhad a choimhead airson rud mì-àbhaisteach a ghlacadh cridhe a’ bhoireannaich òig. An dèidh siubhal a bha fada agus cruaidh, cha mhòr nach robh e a’ coimhead do-dhèante rudeigin cho gann agus cho luachmhor a lorg do nighean a’ mharsanta, ach dhiùlt na suirghichean stad agus chùm iad a’ dol.

Nuair a bha a’ chiad suirghiche a’ siubhal tron fhàsach, thàinig e tarsainn air seann duine beag air càmhal faisg air dùn gainmhich. Dh’fhaighnich an seann duine beag don chiad shuirghiche am bu toil leis sgàthan a cheannach bhuaithe. Rinn an suirghiche gàire ’s e a’ smaoineachadh nach biodh feum sam bith ann an sgàthan dha. Dìreach an uair sin, thuirt an duine annasach seo, ‘Tha cumhachd aig a’ ghlainne seo sealltainn dhut neach sam bith a tha thu airson fhaicinn, eadar gur e neach gràidh no srainnsear a th’ ann, a dh’aindeoin dè cho fada air falbh agus a tha iad.’

Chuir seo iongnadh air an t-suirghiche oir bha coltas gur e seo an tiodhlac ceart agus cheannaich e an sgàthan.
Thàinig an dàrna suirghiche gu seann shràid fhalamh, far an tàinig e tarsainn air an aon seann duine beag ’s e a’ feuchainn ri botal ola a reic.

‘Dè am feum a bhiodh ann an seo dhòmhsa?’ dh’fhaighnich an suirghiche agus ceist air aodann.

‘Tha cumhachd aig an ola seo na mairbh a thoirt air ais beò.’

Gu h-iongantach, chaidh tiodhlacadh seachad air an t-sràid fhad ’s a bha e a’ bruidhinn. Choisich an seann duine beag suas chun na ciste-laighe anns an robh duine marbh air èideadh ann an deise spaideil. Chuir an seann duine boinneag ola do bheul an duine agus ghluais e air ais. Cha b’ urrainn don t-suirghiche a chreidsinn nuair a dh’fhosgail an duine marbh a shùilean, sheas e an-àird agus choisich e air falbh bhon àite. Gun fiù smaoineachadh mu dheidhinn, cheannaich an dàrna suirghiche am botal ola agus chaidh e air ais a choinneachadh ri càch.

Bha an treas suirghiche a’ coimhead mun cuairt a’ chidhe faisg air a’ mhuir agus lorg e bàta air a cheangal suas an sin, ’s e làn de luchd-siubhail. B’ e an seann duine beag aon den luchd-siubhail, agus leum e chun a’ chidhe air beulaibh an t-suirghiche ’s e a’ tabhann a’ bhàta dha airson a cheannach. Mus b’ urrainn don t-suirghiche diùltadh, mhìnich an seann duine, ‘Bheir an crùsair seo an duine leis a bheil i agus duine sam bith a tha oirre gu ceann-uidhe sam bith air an t-saoghal ann an ùine glè ghoirid.’ Dhearbh an luchd-siubhail don t-suirghiche gun robh sin fìor. Bha an suirghiche a’ faireachdainn gum b’ e tiodhlac anabarrach freagarrach a bhiodh an seo do nighean a’ mharsanta, agus mar sin cheannaich e am bàta.

Goirid às dèidh sin, choinnich na suirghichean a dhèanamh coimeas eadar na nithean a cheannaich iad. Chleachd a’ chiad suirghiche an sgàthan airson coimhead ris an nighinn òig a bha iad a’ feuchainn ri phòsadh. Le uabhas chunnaic e gun robh an sgàthan ga sealltainn marbh ann an ciste. Cha robh teagamh sam bith aige nach biodh i air a tiodhlacadh a dh’aithghearr. Ach bha beachd aig an dàrma suirghiche a toirt air ais beò leis an ola, agus thabhainn an treas suirghiche an toirt air ais don Spàinn taobh a-staigh beagan mhionaidean air a’ bhàta.

Chuir iad am plana aca air dòigh gu luath agus iad ag obrachadh còmhla a’ toirt a’ bhoireannaich air ais gu beatha. Bha a h-athair a’ caoineadh leis an toileachas a bhith a’ faicinn na nighinn aige air a dùsgadh le mìorbhail, agus dh’innis e dhi na bha na fir air a dhèanamh air a son.

Shuidh i suas sa chiste, choimhead i ris le gàire aoibhneach air a h-aodann agus thuirt i, ‘Tha sibh a’ faicinn a-nis Athair, sin an t-adhbhar gum pòs mi an triùir aca uile!’

Enjoyed this story?
Find out more here