KidsOut World Stories

An Lira Òir    
Previous page
Next page

An Lira Òir

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

An Lira Òir

 Sgeulachd às an Tuirc

 

 

 

 

 

 

 

*

Bha uair ann duine aig an robh mac. Mhill am màthair a mac gus an do dh’fhàs e suas gu bhith na dhuine òg. Cha robh e idir eòlach air obair agus chuir e seachad làithean a’ coiseachd nan sràidean agus a’ cluich. Thug a mhàthair airgead sam bith dha air an robh e feumach.

Aon mhadainn, dh’èigh an t-athair air a mhac.

“Tha thu a-nis air fàs mòr. Tha thu nad dhuine òg is làidir. Faodaidh tu a-nis a bhith beò air do cheann fhèin agus beatha a dhèanamh bho d’ oidhirp is obair chruaidh.”

“Ach cha do rinn mi obair riamh!” ghearain am balach. 

“Faodaidh tu ionnsachadh,” fhreagair athair. “Thalla dhan bhaile mhòr agus lorg obair. Till le lira òir agus thoir dhomh e!” 

Dh’fhàg am balach an taigh. Nuair a chaidh e seachad an doras, lean a mhàthair e a-mach. Thug i dha lira òir agus thuirt e ris a dhol dhan bhaile mhòr agus tilleadh feasgar. An uair sin b’ urrainn dha an lira a thoirt dha athair.

Rinn am balach na dh’iarr a mhàthair air. Thill e air an fheasgair leis an lira òir na làimh. Thug e dha athair i.

“Dh’obraich mi fada is cruaidh airson an lira seo a chosnadh. Seo sibh, athair!”

Choimhead athair gu cruaidh is fada air an lira. An uair sin thionndaidh e agus thilg e an lira a mhullach an teine. 

“Chan e seo an lira a dh’iarr me!” dh’èigh e. “Thalla dhan bhaile mhòr a-màireach agus coisinn lira eile!”

Bha am balach sàmhach. Cha robh fios aige dè a bu chòir dha smaoineachadh mu na rinn athair.

Air madainn an dara latha, bha am balach deiseil gus tadhal air a’ bhaile mhòr. A-rithist, nuair a dh’fhàg e an taigh, thug a mhàthair lira eile dha. 

“Na biodh cabhag ort tilleadh,” thuirt i ris ann an cagair. “Fuirich anns a’ bhaile mhòr airson latha neo dhà, agus an uair sin till leis an lira agus thoir ri d’ athair e.”

Mar sin, chuir am balach trì làithean seachad anns a’ bhaile mhòr. An uair sin thill e agus thug e an lira òir dha athair.

“Dh’obraich mi fada is cruaidh agus dh’fhuiling mi airson an lira seo a chosnadh. Seo sibh, athair!”

Ghabh an athair an lira agus a-rithist, thilg e an lira a mhullach an teine.

“Chan e seo an lira a dh’iarr mi! Feumaidh tu fear eile fhaighinn!”

Bha iongnadh air a’ bhalach, ach cha tuirt e smid. 

An-ath-mhadainn, shiolp am balach a-mach às an taigh mus do dhùisg a mhàthair. Chaidh e dhan a’ bhaile mhòr. Dh’fhuirich e ann fad mìos agus dh’obraich e cruaidh.

Thill e dhachaigh le lira òir. Bha e gu math faiceallach leatha oir dh’obraich e cho cruaidh ga cosnadh. Thairg e an lira dha athair le fiamh-ghàire. 

“Geallaidh mi dhuibh, athair, gun do choisinn an lira seo. Dh’obraich mi fada is cruaidh agus dh’fhuiling mi!”

Thog athair an lira òir. Aig a’ cheart àm ’s a bha e a’ dol a thilgeil na lira a mhullach an teine, rug am balach air a làmh agus chuir e stad air.

Rinn an t-athair a’ gàire agus ghlac e am balach gu teann.

“Tha thu a-nis nad dhuine agus faodaidh tu coimhead às do dhèidh fhèin!” thuirt athair. “Tha fios agam gun do choisinn thu an lira seo oir tha eagal ort a call. Nuair a chaill thu an dà lira eile, cha do rinn thu càil. Cha bhi uallach ort ma chailleas tu airgead nach do choisinn thu.”

Enjoyed this story?
Find out more here