KidsOut World Stories

A' Ghaoth agus a' Ghrian Farida Salifu    
Previous page
Next page

A' Ghaoth agus a' Ghrian

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

A' Ghaoth agus a' Ghrian

 

 

 

 

 

*

Aon latha, thuirt gaoth bhòstail ris a' ghrèin, 'Nach eil fios agad gur e mi fhèin an t-sìde as làidire agus as èifeachdaiche?'

Agus thuirt a' ghrian, ''S urrainn a h-uile sìde a bhith làidir agus èifeachdach.'

Ach cha robh a' ghaoth ag aontachadh.

'Tha a h-uile sìde làidir,' thuirt a' ghaoth, 'ach 's mise an t-sìde as làidire. Bidh farpais againn gus seo a dhearbhadh. 'S e an t-sìde as làidire an tè a bheir air daoine a’ chuid as motha den aodach aca a chur dhiubh.'

Dh'aontaich a' ghrian pàirt a ghabhail san fharpais agus leig i leis a' ghaoith tòiseachadh. Agus mar sin, shèid agus shèid a' ghaoth thairis an t-saoghail. B' e gaoth shocair a bh' ann an toiseach, agus an uair sin thàinig a' ghaoth mhòr! Dh’fhalbh adan nan daoine dhiubh agus bha aca ri grèim a chumail air na seacaidean aca gus nach sèideadh iad air falbh sa ghaoith làidir.

Às dèidh ùine a' sèideadh agus a' sèideadh, sguir a' ghaoth a shèideadh, agus bha i air tòrr millidh a dhèanamh. Bha i air tòrr adan a shèideadh air falbh. Bha i air botail fhalamh, sgudal, pàipearan-naidheachd agus sgàilean-uisge a shèideadh air falbh cuideachd. Ach bha aodach fhathast air daoine.

An uair sin, b' e cothrom na grèine a bh’ ann. Dheàrrs a' ghrian san adhar shoilleir, ghorm. Bha an talamh a' fàs na bu bhlàithe, agus thòisich daoine gu h-ìosal a' cur dhiubh an aodaich aca. Aig an toiseach, chuir iad dhiubh na brògan aca, an uair sin na stocainnean agus na lèintean aca, agus an uair sin na seacaidean aca. Chuir feadhainn aca dhiubh fiù 's na briogaisean aca oir bha iad cho blàth.

Nuair a chunnaic a' ghaoth cho èifeachdach 's a bha a' ghrian, dh'fhàs i feargach agus dh'atharraich i an t-sìde. Bha i gaothach a-rithist, agus bha aig na daoine ri aodach a chur orra, agus a dhol a-steach. Cha b' urrainn a' ghaoth creidsinn gun do bhuannaich a' ghrian an fharpais aca. Bha a' ghrian air sealltainn gum b’ i an t-sìde as èifeachdaiche.

Bha an t-uisge, na sgòthan agus a h-uile sìde eile, cho toilichte airson na grèine. Bha i mar ghaisgeach. Ach cha robh a' ghrian ag aontachadh agus thuirt i ris a h-uile duine nach robh i na gaisgeach bhon a tha a h-uile sìde èifeachdach na dòigh fhèin.

'Chan urrainn aon a bhith ann gun tè eile,' thuirt a' ghrian. 'Tha gach sìde a' dèanamh obair chudromach; tha feum againn air a h-uile sìde gus na ràithean a dhèanamh. Bidh sinn a' cur uisge air an talamh. Bidh sinn a' sèideadh nan sgòthan thairis an adhair. Bidh sinn a' toirt solas agus dorchadas gu daoine. Bidh sinn a' cuideachadh nan craobhan, flùraichean agus bàrr gu fàs san talamh.'

Bha a' ghrian ag iarraidh a' ghaoth a bhith toilichte cuideachd; thuirt i gun robh a h-uile sìde na pàirt de sgioba agus gum bu chòir dhaibh a bhith moiteil às an obair a nì iad.

Bha a' ghaoth a' tuigsinn gun robh a h-uile rud agus a h-uile duine diofraichte. Cha bu chòir dhut smaointinn gu bheil thu nas fheàrr na duine eile. Bha a' ghaoth cuideachd a' tuigsinn gun robh e math a bhith ag obair mar sgioba agus gu bheil a h-uile duine làidir nan dòigh fhèin. Agus, b' ann mar sin a dh'ionnsaich a h-uile seòrsa sìde obrachadh còmhla ann an sìth, a' dèanamh obair a bha freagarrach dhaibh agus a’ cur luach air obair chàich.

Enjoyed this story?
Find out more here