KidsOut World Stories

An-còmhnaidh nan Caraidean Martha Stokes    
Previous page
Next page

An-còmhnaidh nan Caraidean

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

An-còmhnaidh nan Caraidean

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Ann an coille dhorcha, dhlùth ann an Sealan Nuadh, bha cnuimh beag leis an ainm Aaron. Bha e geal agus beag agus bha e a’ siubhal mun cuairt le bhith ga thoinneamh fhèin. An rud a b’ fheàrr buileach, bha e a’ fuireach air geugag còmhla ri a dheagh charaid Crìsdean.

Bha Crìsdean cuideachd na chnuimh.

Ann an dòighean, bha iad diofaraichte. Bu toigh le Crìsdean a bhith ag ithe tòrr dhuilleagan. Cha bu toigh le Aaron duilleagan.

Cha bu toigh leis a bhith a’ cadal tron oidhche a bharrachd, ach b’ e sin nuair a bha Crìsdean a’ cadal, agus mar sin, rinn Aaron an aon rud. Bidh deagh charaidean a’ dèanamh a h-uile rud còmhla.

Tron latha bhiodh iad a’ cluich a’ gheama a b’ fheàrr leotha; a’ ruith gu ceann na geugaig, a’ gàireachdainn fad na h-ùine.

Aon mhadainn, bha coltas caran diofaraichte air Crìsdean.

‘Tha mi a’ faireachdainn caran mì-shunndach an-diugh,’ thuirt e agus e a’ meàranaich.

Dh’fheuch Aaron ri duilleag a thabhann do Chrìsdean. Bha e airson ruith suas a’ gheugag leis an duilleig a b’ fheàrr le Crìsdean, ach thuirt e gun robh e ro sgìth.

Dh’fhàs am feasgar dorcha. Thòisich boinnealaich throm agus cha b’ fhada gus an tòrr fuaim anns a’ choille leis an uisge.

‘A Chrìsdein! Am faca tu siud? Chunnaic mi dealanach!’ thuirt Aaron.

Thionndaidh e gu a charaid, ach bha rudeigin ceàrr. Bha craiceann Chrìsdein air fàs cruaidh mar shlige. Bhrùth Aaron e, ach cha do ghluais e.

‘A Chrìsdein?’ dh’èigh e. Chuala Aaron srann cadalach am broinn na slige. Cha do dhùisg e a dh’aindeoin na droch shìde.

Thòisich cridhe Aaroin a’ plosgadh, ach dh’fheuch e a bhith tapaidh.

‘A Chrìsdein, ’s tu mo charaid as fheàrr,’ dh’èigh e. ‘Seasaidh mi còmhla riut, gus am bi thu a’ faireachdainn nas fheàrr a-rithist.’

Cha do ghluais Aaron fad na h-oidhche. Anns a’ mhadainn, thug e an an duilleag a b’ fheàrr leis do Chrìsdean, ach fhathast chaidil e. Gun Chrìsdean aige ri leantainn, thòisich Aaran ag ithe bhiastagan beaga. Chuir e iongnadh air, ach shaoil e gun robh iad blasta.

Dh’fhàs Aaron gu math làidir. Air oidhche shoilleir, chitheadh e na ceithir rionnagan anns a’ Chrois a Deas.

Chòrd seo ri Aaron gu mòr, ach bha e ag ionndrainn a charaid.

Chaidh seachd oidhche seachad. Chunnaic Aaron rudeigin neònach. Dà chraobh air falbh, bha solas beag a’ deàrrsadh mar rionnag. Às dèidh treiseag, bha fear eile ann, agus fear eile. Thug e sùil nas dlùithe agus stad e. An e guth a bha siud? Cha do ghluais e.

An-ath-mhadainn, dhùisg Aaran le eagal. Bha an t-slige a’ gluasad! Bha i a’ dìosgail agus a’ sgàineadh. Cha b’ fhada gus an robh rudeigin gu math diofaraichte na h-àite.

‘A Chrìsdein! Tha thu nad dhealan-dè!’ dh’èigh Aaron.

Rinn Crìsdean fiamh-ghàire. ‘Feumaidh mi mo sgiathan a sgaoileadh.’

Agus le sin, dh’itealaich e air falbh.

Choimhead Aaron air a charaid a’ sgèith air falbh agus bha e a’ faireachdainn neònach. Cha b’ urrainn dha a leantainn. Cha b’ urrainn dha càil a dhèanamh ach ruith gu ceann na geugaig. Am bu toigh le Crìsdean ruith gu ceann na geugaig a-rithist? Bha e a-nis a’ faireachdainn brònach, agus thòisich e a’ rànaich.

Bha e a’ rànaich gus an do dh’fhàs e dorcha agus gus nach robh deòir air fhàgail aige.

‘A bheil thu ceart gu leòr?’ Thàinig guth às an dorchadas.

Stad Aaron. Bha na solais bheaga air ais. Shluig e agus sheas e gun ghluasad. Gu h-obann, dh’fhairich e putag air a dhruim agus chlisg e.

‘Aaron, ’S e mise a th’ ann!’

Bha Aaron a’ faireachdainn na b’ fheàrr. B’ e a charaid a bh’ ann. ‘A Chrìsdein, tha mi cho toilichte d’ fhaicinn! Ciamar a lorg thu mi san dorchadas? Chuala mi guth a-muigh an siud agus cha do ghluais mi airson gum bithinn am falach.’

Rinn Crìsdean gàire. ‘Aaron, nach eil fios agad? Tha thu a’ deàrrsadh! Chunnaic mi thu bho thaobh eile na coille. ’S e cuileag-shnìomhain a th’ annad!’

Dh’fhàs sùilean Aaron na bu mhotha.

‘Tha sin ceart!’ thuirt Crìsdean. ‘Agus tha tuilleadh chuileagan-snìomhain anns a’ chraoibh sin! Tha iad air a bhith a’ feuchainn ri èigheachd ort. Tha iad ag iarraidh a bhith nan caraidean!’

Rinn Aaron gàire, ach an uair sin chuimhnich e adhbhar a bhròin.

‘A Chrìsdein, ma tha thusa nad dhealan-dè agus ma tha mise nam chuileag-shnìomhain, am bi sinn fhathast nar caraidean? Tha sgiathan air dealain-dè, agus tha snàithlein air cuileagan-snìomhain. Bidh thus’ a’ dùsgadh aig èirigh na grèine agus bidh mis’ a’ dùsgadh aig beul na h-oidhche. Ciamar a dh’obraicheas e?’

‘Nì sinn a’ chùis,’ thuirt Crìsdean. ‘Bidh sinn an-còmhnaidh nar caraidean. Lorgaidh caraidean dòigh.’

Bhon latha sin, aig briseadh gach latha agus beul gach oidhche, bha Crìsdean agus Aaron a’ ruith gu ceann na geugaig, a’ gàireachdainn fad na h-ùine.

Enjoyed this story?
Find out more here