KidsOut World Stories

Am Boinne Meala David Heathfield    
Previous page
Next page

Am Boinne Meala

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Am Boinne Meala

Sgeulachd Farsaidh

one drop of yellow honey

 

 

 

 

 

*

O chionn fhada fhada chaidh an sgeulachd seo innse. Cha deach a h-innse bhon àm sin, agus an seo, innsidh mi dhuibh an-diugh … an sgeulachd mun bhoinne meala.

Lorg sealgair agus an cù aige uamh - gu h-àrd ann am beanntan fàsaich. Anns an uaimh, lorg an sealgair lag agus bha an lag làn de mhil bhòidheach, shoillseach.

Bha poca aige airson uisge agus lìon e am poca leis a’ mhil. Dh’fhàg e an uamh agus thàinig e a-nuas bhon bheinn.

Cha robh e san tìr aige fhèin.

Agus an sin, sa bhaile anns an robh e, chunnaic e cuideigin a’ reic ola. Bhruidhinn e ris a’ chopair ola agus thairg e a’ mhil dha airson a reic – ’s dòcha ann an àite ola. Agus smaoinich an copair ola gun robh seo inntinneach.

Fhad ’s a bha e a’ blasad na meala, thuit aon bhoinne meala sìos air an talamh.

Thàinig cuileagan a sgèith mun cuairt air a’ mhil. Agus fhad ’s a bha iad a’ sgèith mun cuairt an sin, dh’itealaich eòin a-nuas airson na biastagan beaga ithe. Ach fhad ’s a bha na h-eòin ag itealaich am measg nam biastagan sin, leum an cat a bh’ aig a’ chopair ola air eun agus mharbh e an t-eun. Nuair a leum an cat air an eun, leum cù an t-sealgair suas agus mharbh e an cat.

Bha an dearg-fhearg air a’ chopair ola agus bhreab e an cù cho cruaidh 's gun do mharbh e e.

Rug an sealgair air a sgian agus shàth e a-steach i a bhroilleach a’ chopair ola.

Chruinnich daoine mun cuairt le uabhas. Bhuail iad an coigreach gu bàs.

Sgaoil an naidheachd – fiù ’s gu tìr an t-sealgair fhèin – mun mharbhadh. Chuir iad daoine bhon bhaile aige fhèin thar nan crìochan agus mharbh iad mòran dhaoine bhon bhaile sin.

Nuair a chuala an Rìgh an àite sin mun sgeulachd seo, chruinnich e arm mòr agus ghairm e cogadh an aghaidh a nàbaidh. Agus shabaid an rìoghachd air ais.

Shabaid iad fad bhliadhnaichean. Agus chùm iad orra a’ sabaid bhon àm sin: dà nàmhaid mhòr anns an dà àite sin. Agus dìreach air sàillibh aon bhoinne meala.

 

 

Taing

Sgrìobhadair

David Heathfield 

Leughadair

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl cuspair

Desert Flute le SpeakTo bho Audiojungle.net 

Ealain

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here