KidsOut World Stories

A’ Phrais Bhrochan Dhraoidheil Mary Smith    
Previous page
Next page

A’ Phrais Bhrochan Dhraoidheil

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 A’ Phrais Bhrochan Dhraoidheil

 *

Uair a bha siud, bha nighean bhochd ann a bha a’ fuireach còmhla ri a màthair. Bha an t-acras orra ach cha robh càil aca ri ithe.

Thuirt an nighean, ‘Thèid mi dhan choille is coimheadaidh mi airson balgain-buachair is dearcan.

An sin, choinnich i ri seann chailleach a thuirt, ‘Thoir leat a’ phrais seo. Nuair a chanas tu: ‘Bruich, a phrais!’ nì a’ phrais brochan blasta dhut. Nuair a chanas tu: ‘Stad, a phrais!’ sguiridh i a chòcaireachd.

‘Mòran, mòran taing,’ thuirt an nighean, agus chaidh i dhachaigh leis an tìodhlac.

Nuair a bha i aig an taigh, thuirt i, ‘Bruich, a phrais!’

Bha am brochan milis is blasta agus ann an ùine ghoirid, bha a màthair agus an nighean làn.

‘Stad, a phrais!’ thuirt an nighean, agus cha tug a’ phrais an còrr brochain.

Aon latha chaidh an nighean a chèilidh air caraidean. Feasgar, bha a màthair acrach, is mar sin thuirt i, ‘Bruich, a phrais!’

Dh’ith am màthair, ach nuair a bha i air a leòr ithe, cha robh cuimhne aice air an abairt cheart airson stad a chur air a’ phrais.

Bhruich a’ phoit barrachd … agus barrachd … agus barrachd! Cha b’ fhada gus an robh an cidsin làn brochain! Bha an taigh làn brochain! Bha an rathad agus taighean nan nàbaidhean làn brochain!

Mu dheireadh, thàinig an nighean dhachaigh a-rithist.

‘Stad, a phrais!’ dh’èigh an nighean.

Cha do bhruich a’ phoit an còrr brochain, ach bha aig na daoine ri tòrr brochain ithe gus fhaighinn air ais gu na taighean aca!

Enjoyed this story?
Find out more here