KidsOut World Stories

Bogsa Pandora Niz Smith and Avril Lethbridge    
Previous page
Next page

Bogsa Pandora

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Bogsa Pandora 

Sgeulachd Ghreugach

 

 

 

  

O chionn bhliadhnaichean agus fada air falbh, gu h-àrd ann an sgòthan Beinn Olympus, bha beatha làn toileachais agus trod a' còrdadh ris na diathan. Uaireannan, nuair a bha iad sgìth a shabaid ri chèile, bhiodh iad a' cluich le daoine, mar a chluicheadh tu le dèideagan.

Aon latha, chruthaich na diathan boireannach àlainn leis an ainm Pandora, agus thug iad i gu Prometheus. Bha fios aige gun robh na diathan feargach ris, oir bha e air teine a ghoid bhuapa agus thug e gu muinntir na talmhainn e. Bha eagal air Prometheus gun robh na diathan airson a char a thoirt às airson dìoghaltas fhaighinn. Mar sin, cho-dhùin Prometheus gun robh e airson Pandora a leigeil seachad.

Ge-tà, dh’fhàs gaol mòr eadar a bhràthair, Epimetheus, agus Pandora àlainn, agus cho-dhùin iad pòsadh. Dh'fhuirich iad còmhla gu dòigheil, gus an tàinig Mearcar, teachdaire nan diathan, aon latha le bogsa dìomhaireach. Dh'iarr e air Pandora agus an duine aice sùil a chumail air a' bhogsa fhad 's a bha e air falbh. Mus do dh'fhalbh e, thug e orra gealltainn nach coimheadadh iad na bhroinn.

Fad làithean, cha b' urrainn Pandora a sùilean a chumail far a' bhogsa. Bheachdaich i air na dh’fhaodadh a bhith na bhroinn fad na h-ùine; an e seudan boillsgeil, dreasaichean brèagha no buinn òir a bhiodh ann? Uair sam bith a bha Epimetheus air falbh, agus nuair nach robh duine eile mun cuairt, bhiodh Pandora a' coiseachd gu socair suas chun a' bhogsa agus ruitheadh i a corragan thairis air an fhiodh agus air a’ chlaspa òir. Aon latha ge-tà, nuair a bha Epimetheus a-muigh a’ sealg, cha b' urrainn dhi i fhèin a cheannsachadh, oir bha an t-iongnadh ro mhòr. A' dèanamh cinnteach nach robh duine ga coimhead, dh'fhosgail i an claspa air a socair. Thog i am mullach gu slaodach, agus choimhead i na bhroinn.

Ach gu h-iongantach, cha robh seudan boillsgeil, dreasaichean brèagha no buinn òir ann - an àite sin, bha na diathan air a h-uile rud olc a bha aithnichte a chur ann. Sgèith galar, truaighe agus bàs mun cuairt oirre le srann agus bhìd iad i. Dh’èigh agus dh’èigh Pandora le pian agus eagal. Chuala Epimetheus na h-èigheannan agus mharcaich e air ais chun an taighe. A' leum far an eich, ruith e gu Pandora airson a cuideachadh. Ghabh e Pandora na ghàirdeanan agus shocraich e i fhad 's a sgèith na h-uilc uile a-mach às a' chaisteal. Sgaoil iad air feadh na talmhainn.

Ach tro ghul Pandora, chuala iad guth beag ag èigheachd bhon a’ bhogsa. 'Leig a-mach mi! Leig a-mach mi!'  A' smaoineachadh nach b' urrainn dad am broinn a' bhogsa a bhith nas miosa na an t-uabhas a bh' ann mu thràth, dh'fhosgail iad am mullach a-rithist.

Na bhroinn, cha robh ach dealan-dè beag, bìodach, liorcach, air chrith san oisean. Shìn e a-mach na sgiathan deàlrach aige gu slaodach, agus nuair a bhuin iad ri Pandora, rinn e leigheas air na leòntan aice. B' e dòchas a bh' anns an dealan-dè. Nuair a bha fios aig Mearcar na bha na diathan ris, bha e a’ faireachdainn duilich airson muinntir na talmhainn, agus mar sin, chuir e dòchas am measg an uilc.

Enjoyed this story?
Find out more here