KidsOut World Stories

Na Trì Buic-Ghobhair Bheucail    
Previous page
Next page

Na Trì Buic-Ghobhair Bheucail

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean an taic ann a bhith a’ cruthachadh an leabhair-d seo.

 

 

Giglets Logo

Giglets ann an Gàidhlig

Na Trì Buic-Ghobhair Bheucail

 

 

Bha siud ann trì buic-ghobhair agus b’ e “Beucail” a b’ ainm dhaibh. Bha iad a’ fuireach ann an srath beag agus cha robh mòran feòir ri ithe dhaibh. Bha na buic-ghobhair ag iarraidh a dhol suas air na slèibhtean chun nan achaidhean gorma. Bha feur gorm am pailteas a’ fàs anns na h-achaidhean sin agus bhiodh de dh’fheur aig na buic-ghobhair an sin na dh’fhàgadh tiugh iad.

Air an t-slighe suas sliabh na beinne dh’fheumadh na buic-ghobhair a dhol tarsainn air drochaid a bha a’ dol os cionn uillt. Fon drochaid, bha trobha mòr grannda air an robh sùilean mòra cruinne agus sròn fhada fhada a’ fuireach. Bha an Trobha seo grod agus cha robh sìon a b’ fheàrr leis na bhith ag ithe duine sam bith a dh’fheuchadh a dhol tarsainn na drochaid.

B’ e am boc-ghobhar beag a’ chiad fhear a dh’fheuch a dhol tarsainn na drochaid.

'Gnag, gnog! Gnag, gnog!' rinn an drochaid. Bha crobhan a’ bhuic-ghobair a’ bragadaich air na bùird.

'Cò tha a’ bocadaich thar na drochaid agamsa?' dh’èigh an Trobha bhon dubhar gu h-ìseal.

'Och! ’S e mise a th’ ann! Am boc-ghobhar beag Gruamach. Tha mi a’ dol suas sliabh na beinne gus mo leòr ithe gus mi fhìn a dhèanamh reamhar,' ars am boc-ghobhar, ann an guth meanbh.

'Chan eil thu! Tha mise a’ dol gad ithe,' thuirt an Trobha.

'Ìoc, chan eil! Na ith idir mi. Tha mise ro bheag airson do lìonadh,' ars am boc-ghobhar. 'Fuirich thusa gus an tig an dàrna boc-ghobhar Beucail, tha esan gu math nas motha na tha mise.'

'Uill! A-mach à seo leat ma-thà,' ars an Trobha.

 

 

Ùine ghoirid an dèidh sin, thàinig an dàrna boc-ghobhar Beucail gus a dhol tarsainn na drochaid.

'Gnag, gnog! Gnag, gnog! Gnag, gnog!' rinn an drochad. Rinn an dàrna boc-ghobhar tòrr fuaim ’s e a’ coiseachd air na bùird.

'CÒ THA SIUD a’ bocadaich thar na drochaid agamsa?' dh’èigh an Trobha bhon dubhar gu h-ìseal.

'Och! ’S e an dàrna boc-ghobhar beag Beucail a th’ ann. Tha mi a’ dol suas sliabh na beinne gus mo leòr ithe gus mi fhìn a dhèanamh reamhar,' ars am boc-ghobhar, aig nach robh guth cho meanbh.


'Chan eil thu! Tha mise a’ dol gad ithe,' thuirt an Trobha.

'Ìoc, chan eil! Na ith idir mi. Fuirich thusa gus an tig am boc-ghobhar Beucail mòr, tha esan gu math nas motha na tha mise.' ars an dàrna boc-ghobhar Beucail.

'A-mach à seo leat ma-thà,' ars an Trobha.

Ach dìreach an uair sin cò thàinig ach am boc-ghobhar Beucail mòr

'GNAG, GNOG! GNAG, GNOG! GNAG, GNOG!' rinn an drochaid. Bha am boc-ghobhar mòr cho trom ’s gun robh an drochaid a’ dìosgail ’s a gìosgail fodha.

'CÒ THA SIUD a’ bocadaich thar na drochaid agamsa?' dh’èigh an Trobha.

'’S E AM BOC-GHOBHAR MÒR BEUCAIL A TH’ ANN,' ars am boc-ghobhar. Bha guth mòr, domhainn aige fhèin.

'Seo a-nis, tha mise a’ dol gad ithe!' dh’èigh an Trobha.

'TROBHAD MA-THÀ!' ghlaodh am boc-ghobhar Beucail mòr.

Leum an Trobha suas bho dhubhar na drochaid agus shìn e e fhèin a-mach gus am boc-ghobhar Beucail mòr a phronnadh. Aig an dearbh àm, ruith am boc-ghobhar mòr na dheann chun an Trobha agus chleachd e adhaircean gus an Trobha a chaitheamh bhon drochaid dhan allt gu h-ìseal. Tharraing sruth na h-aibhne an Trobha grod, grannda air falbh sìos an gleann agus chan fhacas riamh tuilleadh e.

 

 

An dèidh sin chaidh am boc-ghobhar mòr suas sliabh na beinne. An sin, dh’ith na buic-ghobhair na bu mhiann leotha de dh’fheur gorm agus dh’fhàs iad cho reamhar ’s gum b’ ann air èiginn a chaidh aca air coiseachd dhachaigh.

Enjoyed this story?
Find out more here
 

 

Credits

'Sheep Lamb' le Tom Hutchings/SoundSnap

'Goat Bah' le SFX Bible/SoundSnap

'Whip Whoosh' le SFX Bible/SoundSnap

'Voice Laugh Evil' le Rebecca Parnell/SoundSnap

'Country Ambience' le Frank Serafine/SoundSnap

'11110901' le Radio Mall/SoundSnap

'Footsteps' le Blastwave FX/SoundSnap

'Stream' le Tom Hutchings/SoundSnap

'Wagon Rattle Harness' le SFX Bible/SoundSnap

'Chew Long Squishy' le SFX Bible/SoundSnap

'Swallow Hard' le Blastwave FX/SoundSnap

'Dinosaur Roar' le Shriek Productions/SoundSnap

'Angry Short Hmmmph' le SFX Bible/SoundSnap

'Ringing a Small Bell' le Airborne Sound/SoundSnap

'Hit Whip' le Justine Angus/SoundSnap

'Low Grunt Angry' le Blastwave FX/SoundSnap

'Cartoon Falling Down' le Shriek Productions/SoundSnap

'Impact Dull Wooden And Metal Thud' le Tom Hutchings/SoundSnap

'Screaming While Falling' le Big Room Sound/SoundSnap