KidsOut World Stories

An t-Adhbhar Nach Urrainn Ailbhean Sgèith Becky Walker    
Previous page
Next page

An t-Adhbhar Nach Urrainn Ailbhean Sgèith

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An t-Adhbhar Nach Urrainn Ailbhean Sgèith

Sgeulachd Hindi

 

 

 

 

 

*

O chionn fhada fhada, fada nas fhaide na tha cuimhne aig a’ mhòr-chuid de dhaoine, b’ urrainn dhan ailbhean sgèith! Bha ceithir sgiathan mòra, mòra orra agus bhiodh iad a’ sgèith cho luath tron adhar ’s gun robh e na iongnadh dha na beathaichean eile. Ach bha na bèistean mòra seo uaireannan caran gòrach. Ach co-dhiù… cha tuirt na beathaichean eile càil mu dheidhinn. 

Air sgàth ’s gun robh na h-ailbhein cho làidir agus cho luath, bha Dia ag iarraidh an cuideachadh. Sgèith e air na bèistean mòra seo agus b’ urrainn dhaibh a chuideachadh gus crìoch a chur air an saoghal a chruthachadh. Dh’fhaodadh e a bhith ann an Sìona aon mhionaid agus an uair sin, ann am priobadh na sùla, ann an Innis Tìle! Agus bha na h-ailbhein seo cho làidir ’s gun do phut agus gun do phut iad air beanntan agus air beanntan-deighe, gan gluasad gus an robh a h-uile càil air an t-saoghal dìreach ceart. Mar eisimpleir, chuidich iad Dia a’ cruthachadh An Himalaya anns na h-Innseachan – agus anns An Tansan bha Beinn Kilimanjaro aca. Le bhith a’ sgèith air na h-ailbhein seo, chuir Dia an saoghal uile ri chèile agus bha e dìreach ceart.

Nuair a bha an obair deiseil, thuirt Dia gum faodadh iad soar-làithean a ghabhail gus am biodh barrachd obair aig Dia dhaibh. A-nis cha robh mòran aca ri dhèanamh. A bheil fios agad dè thachair an uair sin?

Thòisich na h-ailbhein a’ bruidhinn mu na seann làithean. Bha iad a’ bruidhinn air cho làidir ’s a bha iad, cho luath ’s a bha iad agus mar a bha Dia cho measail orra. Agus mar bu mhotha a bha iad a’ bruidhinn, ’s ann as motha a shaoil iad gun robh iad fada nas fheàrr na beathaichean eile air an t-saoghal. 

Gu dearbh, bha iad nas cudromaiche!

Bhruidhinn na h-ailbhein ri chèile. ‘Seall an coileach-peucaig sin,’ chanadh iad gu mì-choibhneil. ‘Seall cho grànda agus cho ruadh ’s a tha na sgiathan beaga aige an coimeas rinne!’ Agus rinn iad cinnteach gun do thog iad guthan cho mòr agus gun cluinneadh an coileach-peucaig na faclan mì-chàilear. Cha b’ urrainn an coileach-peucaig, a bha còir agus iriseal na chridhe, a dhol an aghaidh nan ailbhean. Smaoinich e, ‘Tha na h-ailbhein ceart. Tha mi beag. Chan eil mo sgiathan àlainn mar a tha na sìthichean agus chan eil mi làidir mar na h-ailbhein. 

Mar a chaidh an ùine seachad, dh’fhàs na h-ailbhein nas pròiseile. Thòisich iad a’ smaointinn gum b’ urrainn dhaibh càil sam bith a thogradh iad a dhèanamh. Bhiodh na h-ailbhein shanntach a’ toirt nam bananathan uile bhon chraoibh bhananathan agus cha bhiodh iad a’ fàgail gin dha na beathaichean eile. Bha na beathaichean eile brònach oir cha d’ fhuair iad fiù ’s aon bhanana ri ithe. Agus a bheil fios agad dè rinn na h-ailbhein leis na bananathan ud nan sròintean?

Thigeadh na h-ailbhein gu baile, baile sam bith a bu toigh leotha – agus shìneadh iad an sgiathan a-mach mar bhrat-ùrlar airson picnic. Bhiodh am baile gu lèir air a phronnadh fo chuideam nan ailbhean. Bhiodh na taighean air am pronnadh, bhiodh na h-achaidhean air an sgrios agus bhiodh muinntir a’ bhaile uabhasach troimh-a-chèile. 

Bha muinntir a’ bhaile gu math feargach mun sgrios, agus bha na beathaichean eile cuideachd feargach mun acras a bh’ orra. Mar sin, cho-dhùin Dia gun robh tuilleadh ’s a chòir air a bhith ann. Bha leasan a dhìth air na h-ailbhein phròiseil, shanntach seo. 

Thug Dia cuireadh do na h-ailbhein tighinn a chèilidh air. Thuirt e, ‘Ò, ailbhein ghasta, èistibh riumsa. Tha mi cho taingeil mun cuideachadh a thug sibh dhomh a’ cur an t-saoghail ri chèile. Mar sin cuiridh mi partaidh air dòigh dhuibh. Dìreach do dh’ailbhein.’

Bha na h-ailbhein uile glè thoilichte. Thuirt iad ri chèile, ‘Seallaibh! Tha Dia a’ faicinn cho làidir agus cho treun ’s a tha sinn – mar a chuidich sinn e. Tha e ceart gun cuireadh e cuirm air dòigh dìreach dhuinne!’

Mar sin, ràinig na h-ailbhein shanntach a’ chuirm, fear mu seach, làn moit is misneachd. Mar a ghealladh, bha Dia air am biadh a b’ fheàrr a lorg agus bha an t-uabhas ann! Bananathan buidhe, ùbhlan dearga, guabhathan geura agus mangothan làn sùgh… meas sam bith a smaoinicheadh tu air, bha e ann. Bha na h-ailbhein shanntach air an dòigh agus dh’ith iad e uile. Gach aon chriomag.

Bha na h-ailbhein cho làn mu dheireadh agus gun do thuit iad nan cadal, fear mu seach, le rùsgan banana is rùsgan mango mun cuairt orra. B’ e seo t-an àm a bha Dia a’ feitheamh. Nuair a dhùin an t-ailbhean mu dheireadh a shùilean, thug Dia a-mach sgian mhòr uabhasach. Gu sàmhach, gheàrr e na sgiathan far gach ailbhean. Agus thug e na sgiathan eireachdail seo dha na coilich-pheucaig bheaga. Bha iad cho toilichte ’s gun do ruith iad dhan a’ choille a dhannsa agus a sheinn.

Am faca sibh na coilich-pheucaig a’ dannsa, a’ dannsa, a’ dannsa?

Am faca sibh na coilich-pheucaig a’ dannsa, mun cuairt nan craobhan uile?

Chunnaic mi na coilich-pheucaig a’ dannsa, a’ dannsa, a’ dannsa,

Chunnaic mi na coilich-pheucaig a’ dannsa, mun cuairt nan craobhan uile.

*

A-nis smaoinich air na h-ailbhein. Nuair a dhùisg iad mu dheireadh bhon cadal fhada aca, bha iongnadh orra nuair a chunnaic iad na coilich-pheucaig eireachdail leis na h-itean spaideil. Bha iad uabhasach, uabhasach feargach. Ach cha robh ùine aig Dia èisteachd riutha. Thuirt e, ‘Tha mi airson ’s gum bi sibh nas snoige agus nas còire. Tha mi ag iarraidh gun cleachd sibh ur neart gus muinntir a’ bhaile a chuideachadh ag ath-thogail nan taighean.’

Bha na h-ailbhein a’ faireachdainn dona mu na rinn iad. Dh’aontaich iad muinntir a’ bhaile a chuideachadh cho mòr ’s a b’ urrainn dhaibh. Fiù ’s an-diugh, anns gach baile, tha ailbhein ann a thig a chuideachadh dhaoine.

Enjoyed this story?
Find out more here