KidsOut World Stories

Aodach Ùr an Ìmpire Niz Smith and Avril Lethbridge    
Previous page
Next page

Aodach Ùr an Ìmpire

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Aodach ùr an Ìmpire

Sgeulachd Dhanmhairgeach

 

 

 

 

 

*

Uair a bha siud bha Ìmpire ann a bha uabhasach measail air aodach! B’ fheàrr leis aodach na rud sam bith eile!

Gach bliadhna, air a cho-là-breith, dh’iarradh e tòrr aodach ùr. Agus gach bliadhna airson na Nollaig, dh’iarradh e tòrr aodach ùr.

A dh’innse na fìrinn, cha robh e ag iarraidh càil eile ach aodach ùr.

Bha an t-Ìmpire cho measail air aodach ’s gun robh rumannan aige làn dheth!

Is bha an Ìmpire cho measail air aodach ’s gun atharraicheadh e aodach dà thuras dheug gach latha. (Obh obh, feumaidh gun robh sin uabhasach dhan fheadhainn a bha a’ dèanamh an nigheadaireachd!)

Aon latha, thàinig dithis choigreach gu lùchairt an ìmpire.

‘’S urrainn dhuinn an t-aodach as eireachdaile air an t-saoghal a dhèanamh dhut is bidh a h-uile duine ga iarraidh,’ thuirt iad, a’ cromadh sìos ris an Ìmpire.

‘Seo a bha mi riamh ag iarraidh!’ smaoinich an t-Ìmpire. ‘A bhith anns an aodach as àille air an t-saoghal.’

‘Nì sibh an t-aodach àlainn seo dhomh!’ dh’àithn an t-Ìmpire dhaibh.

Fad sheachdainean is sheachdainean is sheachdainean is sheachdainean dh’obraich na coigrich air an aodach, ach cha do leig iad le duine coimhead air na bha iad a’ dèanamh.

Ach dh’fhàs an t-Ìmpire mì-fhoighidneach; bha e airson an t-aodach fhaicinn sa bhad!

Mar sin, aon latha dh’iarr e an t-aodach fhaicinn. Nuair a sheall na coigrich an t-aodach dha, choimhead an t-Ìmpire mun cuairt an t-seòmair. Choimhead e suas… is choimhead e sìos. Ach chan fhaiceadh e an t-aodach ùr an àite!

‘Càit a bheil an t-aodach ùr airson an do phàigh mi?’ dh’fhaighnich an t-Ìmpire.

‘Ach tha iad an seo, a Mhòrachd,’ thuirt a’ chiad choigreach. ‘Dè ur beachd? Nach eil e dhen chlò as snoige, dhe na dathan as deàlraiche, agus dhen stoidhle as fhasanta?’

Choimhead an t-Ìmpire mun cuairt agus e troimh-a-chèile; chan fhaiceadh e càil!

‘Chan fhaic mise aodach idir,’ thuirt an t-Ìmpire.

‘Tha an t-aodach seo,’ thuirt na coigrich, ‘cho sònraichte is cho gann ’s nach fhaic ach na daoine as glice e. Tha e cho spaideil ’s nach fhaic daoine gòrach, faoin e; sin draoidheachd an aodaich ùir seo!’

‘Ò seadh, seadh, tha thu ceart!’ thuirt an t-Ìmpire gu luath. Cha robh e airson ’s gum biodh e a’ coimhead gòrach no faoin. ‘Tha e cho àlainn; dìreach mar a bha mi ag iarraidh! Tha mi cinnteach gun còrd iad ri gach neach san dùthaich. Am faod mi fheuchainn orm?’

‘Uill,’ arsa na coigrich, ‘mar a chì sibh, chan eil iad buileach deiseil fhathast. Ach ma phàigheas sibh beagan a bharrachd airgid dhuinn, tha mi cinnteach gum bi e deiseil againn airson a’ phairèid mhòir.

Gheall an t-Ìmpire gum pàigheadh e càil sam bith a dh’iarradh na coigrich nan crìochnaicheadh iad an t-aodach ùr airson a’ phairèid mhòir. Bha e airson gum faiceadh a h-uile duine san dùthaich e!

Thàinig latha a’ phairèid mhòir agus thug na coigrich an t-aodach dhan Ìmpire.

‘Canaidh iad uile cho math ’s a tha sibh a’ coimhead, a Mhòrachd. Tha an t-aodach ùr a’ coimhead mìorbhaileach,’ thuirt na coigrich.

Aig an àm sin, bha an sgeulachd air sgaoileadh gun robh an t-aodach seo cho sònraichte is nach fhaiceadh e ach daoine glic. Mar sin, a chionn ’s nach robh caraidean an Ìmpire airson a bhith a’ coimhead gòrach no faoin, thuirt iad…

‘Ò, tha e mìorbhaileach!’

‘Ò, na dathan!’

‘Ò, cho fasanta!’ 

‘Ò, tha an t-aodach ùr agaibh cho… uhm… spaideil, a Mhòrachd!’

‘Obh, obh,’ smaoinich an t-Ìmpire. ‘’Chì mo charaidean uile an t-aodach ùr, ach chan fhaic mise. A bheil seo a’ ciallachadh gu bheil mi gòrach agus faoin agus nach bu chòir dhomh a bhith nam Ìmpire? Feumaidh mi leigeil orm gum faic mi an t-aodach gus nach bi duine a’ smaointinn gur e glaoic a th’ annam! Chan dèan math fios a bhith aig duine!’

Nuair a thàinig àm a’ phairèid mhòir, chuir an t-Ìmpire air an t-aodach ùr is thuirt e, ‘Leanaibh mise,’ ri a charaidean agus choisich e a-mach às an lùchairt agus a-mach air an t-sràid.

Thàinig sluagh mòr a-mach a dh’fhaicinn an Ìmpire is a’ phairèid mhòir. Bha ridirean air eich, ailbheanan mòr le seudan is saighdearan spaideil a’ coiseachd sa phairèid.

Ach b’ e an rud a bu chudromaiche sa phairèid aodach ùr an Ìmpire! Chuala iad uile nach fhaiceadh ach daoine glic e agus mar sin, a chionn ’s nach robh iad airson a bhith a’ coimhead gòrach no faoin, thuirt iad uile:

‘Ò, abair èideadh snog!’

‘Ò, nach eil e a’ coimhead spaideil!’ 

‘Cho àlainn ’s a tha aodach ùr an Ìmpire!’

Bha an t-Ìmpire gu math toilichte gun robh an t-aodach aige a’ còrdadh ris a h-uile duine, fiù ’s ged nach faiceadh e fhèin e.

Gu h-obann, dh’eigh guth beag bhon t-sluagh, ‘Fuirich mionaid! Chan eil stiall aodaich air! Tha an t-Ìmpire cho rùisgte ’s a bha e an latha a rugadh e!’

Dh’fhàs an sluagh sàmhach agus stad am pairèid mòr… agus an uair sin… thòisich a h-uile duine a’ gàireachdainn!

‘Tha am balach beag ceart,’ thuirt iad. ‘Chan eil aodach idir air an Ìmpire!’

Dh'fhàs gruaidhean an Ìmpire dearg. Bha iad ceart. Cha robh aodach air idir!

‘Thoir dhomh cleòca,’ thuirt e ri caraid. ‘Feumaidh mi tilleadh dhan lùchairt gus aodach a chur orm! Obh, obh, cha robh còir agam earbs’ a chur anns na coigrich ud. Cha robh iad ach ri brosgal agus airson m’ airgead a ghabhail!’

Bhon latha sin air adhart, thug an t-Ìmpire obair fìor chudromach dhan a’ bhalach bheag oir cha do dh’inns duine an fhìrinn ach e fhèin. Agus, uair sam bith a dh’fheumadh an t-Ìmpire comhairle, bhiodh e a’ faighneachd dhan a’ bhalach bheag an toiseach.

Enjoyed this story?
Find out more here