KidsOut World Stories

Ròs Bhàn    
Previous page
Next page

Ròs Bhàn

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Ròs Bhàn

 

 

 

 

 

 

 

 

 

*

Aon gheamhradh, agus na bleideagan sneachda a’ tuiteam mar itean, mhiannaich bànrigh gun robh leanabh aice. An ceann greis, fhuair i a miann agus bha nighean bheag aice.

Thug iad Ròs Bhàn oirre oir bha a craiceann geal is bàn mar an sneachd. Bha a gruaidhean dearg mar ròsan. Agus bha falt oirre a bha cho dubh ri eabon.

Goirid às dèidh breith Ròs Bhàn chaochail a màthair. 

Às dèidh bliadhna, phòs Rìgh na dùthcha a-rithist. Bha a’ bhanrigh ùr àlainn. Bha sgàthan draoidheil aice. Nuair a choimhead i dhan sgàthan, dh’fhaighnich i:

‘A sgàthain, a sgàthain is tu cho beannaichte,
Cò an tè as àille tha aithnichte?’

Agus fhreagair an sgàthan:

‘’S tu fhèin an tè às àille.’

Bha a’ bhanrigh toilichte. Bha fios aice nach b’ urrainn an sgàthan breug innse.

Gach latha, dh’fhàs Ròs Bhàn. Bha i grinn mar nighean agus dh’fhàs i àlainn. Dh’fhàs i na b’ àille na a’ bhanrigh.

Is mar sin, dh’fhaighnich a’ bhanrigh a’ cheist a-rithist agus fhreagair an sgàthan:

‘A bhanrigh, gur tu as binne,
Ach ’s e Ròs Bhàn a-nis na grinne.’

Dh’fhàs a’ bhanrigh glas. Bhon latha sin, bha gràin aig a’ bhanrigh air Ròs Bhàn. Dh’fhàs i na b’ fheargaiche gach latha. Bha i farmadach. Ma tha thu farmadach, tha e coltach gu bheil garbh-lusan a’ fàs nad chridhe. Mu dheireadh thall, fàsaidh iad ro làidir is tachdaidh iad thu.

Cha b’ urrainn a’ bhanrigh coimhead air Ròs Bhàn gach latha. Dh’iarr i air an t-sealgair aice rudeigin uabhasach a dhèanamh.

‘Thoir Ròs Bhàn dhan a’ choille. Chan eil mi airson a faicinn tuilleadh. Feumaidh tu cur às dhi. Thoir air ais na sgamhain agus an grùthan aice mar fhianais gu bheil i marbh.’

Dh’fheuch an sealgair dèanamh mar a chaidh iarraidh air. Thug e Ròs Bhàn dhan a’ choille. Fiù ’s thug e sgian a-mach airson a murt. 

Thuirt Ròs Bhàn, ‘A shealgair chòir! Na goirtich mi. Geallaidh mi dhut, ma leigeas tu saor mi, gun teich mi agus cha till mi dhachaigh a-chaoidh.’

‘Thalla ma tha,’ thuirt e, a’ toirt mathanas dhi. Dh’fhàs a chridhe nas aotruime oir cha robh e air rudeigin uabhasach a dhèanamh.

Air an t-slighe dhachaigh, mharbh an sealgair torc. Thug e na sgamhain agus an grùthan às an torc dhan a’ bhanrigh mar fhianais gun robh Ròs Bhàn marbh.  Chuir a’ bhanrigh olc iad dhan a’ phrais agus dh’ith i iad uile! Smaoinich i nach fhaiceadh i Ròs Bhàn a-chaoidh tuilleadh.

Nuair a bha Ròs Bhàn leatha fhèin sa choille, bha na craobhan a’ coimhead glè annasach. Bha an t-eagal mòr oirre agus cha robh fios aice dè dhèanadh i. Theich i le maoim tron a’ choille, tarsainn chlachan biorach agus tro dhosan tiugh. Ruith beathaichean fiadhaich seachad oirre, ach cha do leòn iad i.

Ruith i cho fada is cho luath ’s a b’ urrainn a casan a giùlan. Fhad ’s a dh’fhàs an t-adhar dorcha, chunnaic i taigh beag agus leig i i fhèin a-steach. 

Bha a h-uile càil am broinn an taighe beag bìodach. Bha bòrd ann le seachd truinnsearan beaga, gach fear le forc, sgian agus spàin còmhla ris. Bha seachd cupannan beaga ann. Bha fiù ’s seachd leapannan ri taobh a’ bhalla.

Bha am pathadh agus an t-acras mòr air Ròs Bhàn is mar sin dh’ith i beagan bìdh bho gach truinnsear agus dh’òl i balgam bho gach cupa. An uair sin shìn i air aon de na leapannan agus thuit i na suain.

Nuair a bha an oidhche glè dhorch, thàinig luchd-còmhnaidh an taighe dhachaigh. B’ iadsan seachdnar throichean agus bha iad air ais bhon obair. Bha iad ag obair anns na mèinnean a bha a’ ruith domhainn sa bheinn. 

Las na troichean seachd lampaichean agus choimhead iad mun cuairt an t-seòmair. Dh’aithnich iad gun robh cuideigin air a bhith san taigh aca.

‘Cò bha a’ suidhe nam chathair-sa?’ dh’fhaighnich a’ chiad troich.

‘Cò dh’ith m’ aran-sa?’ dh’fhaighnich an dara troich.

‘Cò dh’ith mo bhrochan-sa?’ dh’fhaighnich an treas troich.

‘Cò dh’ith mo ghlasraich-sa?’ dh’fhaighnich an ceathramh troich.

‘Cò chleachd m’ fhorc-sa?’ dh’fhaighnich an còigeamh troich.

‘Cò gheàrr le ’m sgian-sa?’ dh’fhaighnich an siathamh troich.

‘Cò dh’òl bho mo chupa-sa?’ dh’fhaighnich an seachdamh troich.

Choimhead a’ chiad troich mun cuairt. Nuair a ràinig e a leabaidh, lorg e Ròs Bhàn na suain. Dh’iarr e air càch tighinn, agus chruinnich iad timcheall le iongnadh. 

‘Ò! Abair nighean shnog!’ thuirt iad. 

Cha do dhùisg iad i. Leig iad le Ròs Bhàn cadal fad na h-oidhche san leabhaidh bhig.

Sa mhadainn, dhùisg Ròs Bhàn. An toiseach, bha an t-eagal oirre ro na troichean, ach bha iad glè chàirdeil. Dh’fhaighnich iad dè an t-ainm a bh’ oirre.

‘Ròs Bhàn,’ fhreagair i.

‘Carson a thàinig thu dhan taigh againne?’ dh’fhaighnich na troichean.

Dh’inns Ròs Bhàn mar a chuir a leas-mhàthair, a’ bhanrigh, i dhan a’ choille son bàsachadh. Mhìnich i mar a leig an sealgair saor i agus gun do ruith i tron choille gus an do ràinig i an taigh acasan.

Dh’aontaich na troichean gum faodadh Ròs Bhàn fuireach còmhla riutha. Mar iomlaid, cho-dhùin Ròs Bhàn an taigh a ghlanadh agus am biadh uile a chòcaireachd dha na caraidean ùra aice.

Mar sin, thòisich beatha ùr do Ròs Bhàn. Gach madainn dheidheadh na troichean dhan a’ bheinn a mhèinneadh òr. Nuair a thigeadh iad dhachaigh, bha dìnnear aig Ròs Bhàn deiseil dhaibh.

Fad an latha bha an nighean leatha fhèin agus thug na troichean rabhadh dhi:

‘Thoir an aire bho do leas-màthair. Chan fhada gus am bi fios aice far a bheil thu. Ge b’ e dè nì thu, na leig duine sam bith a-steach dhan taigh.’

A-nis, shaoil a’ bhanrigh gun robh i air sgamhain agus grùthan Ròs Bhàn ithe. Cha do smaoinich i idir gum faodadh Ròs Bhàn a bhith beò. 

Aon latha, choimhead i dhan sgàthan aice agus dh’fhaighnich i:

‘A sgàthain, a sgàthain is tu cho beannaichte,
Cò an tè às àille tha aithnichte?’

Fhreagair an sgàthan:

‘A bhanrigh, gur tu as binne,
Ach ’s e Ròs Bhàn fhathast as grinne.
Fada air falbh le seachdnar annasach,
Tha Ròs Bhàn fhathast beò is comasach.’

Ghabh a’ bhanrigh uabhas. Bha fios aice an uair sin gun robh an sealgair air breugan innse agus gun robh Ròs Bhàn beò. Bha fios aice nach b’ urrainn an sgàthan ach an fhìrinn innse.

Smaoinich a’ bhanrigh olc fad latha is oidhche mu dhòighean air am b’ urrainn dhi cur às do Ròs Bhàn. Cha leigeadh a cridhe farmadach dhi fois a ghabhail fhad ’s bha cuideigin eile nas àille na i.

Nuair a bha plana aice, rinn i cìr agus chuir i mallachd oirre le draoidheachd oillteil. Chuir i maise-gnùis oirre fhèin gus an robh i coltach ri seann chailleach. Bha am breug-riochd aice cho math ’s nach bhiodh fios aig duine cò i. Rinn i a slighe dhan taigh far an robh Ròs Bhàn agus na seachdnar throichean a’ fuireach. Ghnog i air an doras.

Choimhead Ròs Bhàn a-mach air an uinneig.

‘Madainn mhath!’ dh’èigh i. ‘Tha mi duilich ach chan urrainn dhut tighinn a-steach.’

‘Ach ’s urrainn dhut coimhead a-mach?’ thuirt a’ chailleach. Thog i a’ chìr shnog gus am faiceadh an nighean i.

Chòrd a’ chìr ri Ròs Bhàn. Dh’fhosgail i an doras gus am faiceadh i i nas fheàrr.

‘Thig an seo, a luaidh. Cìridh mise d’ fhalt ceart dhut,’ thuirt a’ chailleach.

Cha robh fios aig Ròs Bhàn gun robh i ann an cunnart. Cho luath ’s a bhuin a’ chìr ri falt, dh’obraich an draoidheachd oillteil. Dh’fhanntaig i. 

‘Cha ghabh do shàbhaladh a-nis!’ thuirt a’ bhanrigh oillteil le gàire. Ruith i dhachaigh cho luath ’s a b’ urrainn dhi. 

Gu fortanach, cha b’ fhada  gus an tàinig na seachdnar throichean dhachaigh. Nuair a chunnaic iad Ròs Bhàn na laighe marbh air an làr, bha fios aca gur e obair na banrigh oillteil a bh’ ann. 

Chunnaic iad a’ chìr annasach. Cha luath ’s a tharraing iad i à falt Ròs Bhàn, dhùisg an nighean. Dh’inns i dhaibh mar a thachair.

Thug na seachdar throichean rabhadh dhi a-rithist. Dh’fheumadh i a bhith faiceallach agus an doras fhàgail dùinte.

Cho luath ’s a ràinig a’ bhanrigh dhachaigh, dh’fhaighnich i dhan sgàthan:

‘A sgàthain, a sgàthain is tu cho beannaichte,
Cò an tè às àille tha aithnichte?’

Fhreagair an sgàthan:

‘A bhanrigh, gura tus as binne,
Ach ’s e Ròs Bhàn fhathast as grinne.
Fada air falbh le seachdnar annasach,
Tha Ròs Bhàn fhathast beò is comasach.’

Nuair a chuala a’ bhanrigh seo, bha i air chrith leis an fheirg. Bha fios aice gun robh Ròs Bhàn fhathast beò.

Ann an seòmar dìomhair, chleachd i a draoidheachd gus ubhal puinnseanta a dhèanamh. Bha e a’ coimhead àlainn, le rùsg geal agus dearg. Bhiodh duine sam bith a chitheadh e airson a h-ithe, ach bhiodh duine sam bith a dh’itheadh e marbh anns an spot. 

Chuir a’ bhanrigh breug-riochd oirre a-rithist. Chaidh i tron a’ choille gu taigh beag nan seachdnar throichean agus ghnog i air an doras.

Choimhead Ròs Bhàn a-mach air an uinneig.

‘Madainn mhath!’ dh’èigh i. ‘Tha mi duilich ach chan urrainn dhut tighinn a-steach.’

‘Tha ubhal blasta agam dhut, a luaidh,’ thuirt a’ chailleach.

‘Chan urrainn dhomh a ghabhail,’ fhreagair Ròs Bhàn.

‘A nighean ghòrach!’ thuirt a’ bhanrigh. ‘Carson a tha an t-eagal ort? A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil e puinnseanta? Seall, gearraidh mi an t-ubhal na dhà leth. Ithidh mise am pàirt geal, agus faodaidh tusa am pàirt dearg a ghabhail.’

A-nis, chaidh an t-ubhal a dhèanamh gus an robh aon taobh sàbhailte ri ithe, ged a bha an taobh eile puinnseanta.

Bha ùidh mhòr aig Ròs Bhàn san ubhal. Bha e a’ coimhead cho blasta. Nuair a chunnaic i a’ chailleach ag ithe leth dheth, smaoinich i gun robh e sàbhailte. Le aon ghrèim dhen ubhal, thuit i gu làr. 

‘Geal is bàn mar an sneachd, cho dearg ri ròsan agus cho dubh ri eabon. An turas seo, cha shàbhail càil thu,’ thuirt a’ bhanrigh le gàire. Bha a sùilean dorcha a’ deàrrsadh. Ruith i dhachaigh chun an sgàthain aice agus, mu dheireadh thall, thuirt e:

‘’S tus’ an tè as àille.’

Bha cridhe oillteil na banrigh toilichte – no co-dhiù, cho toilichte ’s a b’ urrainn cridhe oillteil a bhith. 

Nuair a ràinig na troichean dhachaigh feasgar, lorg iad Ròs Bhàn na laighe gun ghluasad air an làr. Thog iad i agus choimhead iad mun cuairt airson càil sam bith puinnseanta. Dh’fheuch iad a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh, ach bha Ròs Bhàn marbh agus dh’fhuirich i marbh.

Bha na seachdnar throichean a’ caoineadh ’s a’ rànaich fad trì làithean. Mu dheireadh, cho-dhùin iad Ròs Bhàn a thiodhlacadh, ach fiu ’s marbh bha i a’ coimhead cho snog agus thuirt iad:

‘Chan urrainn dhuinn Ròs Bhàn fhalach san talamh fhuar.’  

Rinn iad ciste ghlainne agus chuir iad Ròs Bhàn na laighe innte. Ann an litrichean òir, sgrìobh iad air a’ mhullach gur e bana-phrionnsa a bh’ innte. Chuir iad a’ chiste aig mullach na beinne agus dh’fhuirich aon de na troichean còmhla rithe fad na h-ùine. Thàinig fiù ’s na h-eòin gus sealltainn cho brònach ’s a bha iad gun robh Ròs Bhàn marbh. Thàinig cailleach-oidhche an toiseach, an uair sin fitheach agus mu dheireadh, calman beag.

Bha Ròs Bhàn na laighe sa chiste treis mhòr. Bha coltas oirre gun robh i na cadal. Dh’fhan a craiceann cho geal is cho bàn ris an t-sneachd. Bha a gruaidhean dearg mar ròsan. Bha a falt cho dubh ri eabon.

Aon latha, thàinig phrionnsa chun na beinne. Chunnaic e a’ chiste le Ròs Bhàn na broinn. Nuair a chunnaic e dè bha sgrìobhte ann an litrichean òir, thuirt e ris an troich:

‘Thoir dhomh a’ chiste. Bheir mi dhut càil sam bith a thogras tu air a son.’ 

‘Cha toir idir!’ thuirt an troich. ‘Cha dhealaich sinn ri Ròs Bhàn ged a gheibheamaid na tha de dh’òr sa chruinne.’

‘A throich chòir,’ bha am prionnsa a’ guidhe. ‘Thoir i dhomh, mas e ur toil e. Chan urrainn dhomh a bhith beò às aonais Ròs Bhàn. Bidh gaol mòr agam oirre cho fad ’s a tha mi beò.’

Bhruidhinn e le uiread de bhròn ’s gun do ghabh  na troichean truas ris. Thug iad a’ chiste dha. Dh’iarr am prionnsa air a shearbhantan a giùlan.

A-nis, thachair rudeigin iongantach. Fhad ’s a bha na searbhantan a’ coiseachd sìos a’ bheinn, thuislich iad. Chaidh a’ chiste a chrathadh agus thuit am pìos ubhal puinnseanta a-mach à amhaich Ròs Bhàn. 

Phriob i a sùilean agus dh’fhuirich iad fosgailte.

Dh’fhosgail Ròs Bhàn mullach na ciste agus shuidh i suas, beò agus comasach.

‘Ò! Càit a bheil mi?’ dh’fhaighnich i.

Bha am prionnsa làn toileachais.

‘Tha thu còmhla riumsa,’ thuirt e. Dh’inns e dhi mar a thachair agus an uair sin thuirt e, ‘Tha gaol mòr agam ort. An tig thu còmhla rium?’

Dh’aontaich Ròs Bhàn agus chaidh i còmhla ris a’ phrionnsa. Phòs iad an ceann ùine ghoirid, agus bha a’ bhanais dìreach mìorbhaileach. 

A-nis, sheall Ròs Bhàn mathanas dhan a leas-mhàthair agus thug i cuireadh dhi dhan a’ bhanais. Nuair a bha a’ bhanrigh sgeadaichte san aodach as spaideil a bh’ aice, choimhead i dhan sgàthan agus dh’fhaighnich i:

‘A sgàthain, a sgàthain is tu cho beannaichte,
Cò an tè às àille tha aithnichte?’

Fhreagair an sgàthan:

‘A bhanrigh, tha e fìor gura tus as binne,
Ach ’s i bean na bainnse, Ròs Bhàn, a tha fhathast as grinne.’

Nuair a chuala a’ bhanrigh seo, thàinig an dearg-fhearg oirre. Bhuail a cridhe farmadach na broillich. Agus, feumaidh mi innse dhut, thionndaidh i purpaidh agus chaidh a tachdadh. Thuit i marbh dhan làr.

Bha Ròs Bhàn agus a duine còmhla, toilichte, airson bliadhnaichean. Uaireannan chaidh iad còmhla gus cèilidh air na troichean. Cha do dhìochuimhnich iad idir mu na caraidean a bha cho còir nuair a bha Ròs Bhàn ann an àm feuma.

Enjoyed this story?
Find out more here