KidsOut World Stories

An Sionnach agus a' Chorra-bhàn Mary Smith    
Previous page
Next page

An Sionnach agus a' Chorra-bhàn

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Cloud logo

An Sionnach agus a' Chorra-bhàn

 

 

  

 

 

 Bha an sionnach agus a’ chorra-bhàn a' fuireach ann an coille.

Aon latha, thug an sionnach cuireadh don chorra-bhàn tighinn gu biadh.

'A Chorra-bhàn uasal, thig a-màireach aig meadhan-latha,' thuirt an sionnach.

Bha a’ chorra-bhàn air a dòigh, agus an-ath-latha chaidh e gu taigh an t-sionnaich.

Rinn an sionnach stiubha blasta. Chuir e an stiubha air truinnsear rèidh.

'Abair fàileadh math dhen an seo!’ thuirt a’ chorra-bhàn.

Dh'fheuch a’ chorra-bhàn ri ithe, ach bha trioblaid ann. Bha gob fada air a’ chorra-bhàn, agus cha b' urrainn dhi am biadh a thogail. Bha an truinnsear ro rèidh.

'Obh obh! 'S mòr am beud!' dh'èigh an sionnach. 'Feumaidh mi do bhiadh ithe.'

Dh'ith an sionnach am biadh gu lèir.

Chaidh a’ chorra-bhàn dhachaigh. Bha an t-acras oirre.

'Hmm,' smaoinich i. ''S e bleigeard a th' anns an t-sionnach ud. Dè nì mi?'

Smaoinich i airson greis. 'Aha!' dh'èigh i. 'Tha beachd agam!'

Chaidh i air ais gu taigh an t-sionnaich agus thug i cuireadh don t-sionnach biadh a ghabhail san taigh aicese.

'Thig a-màireach aig meadhan-latha, a Shionnaich,' thuirt i.

An uair sin, chaidh i dhachaigh gus brot blasta a dhèanamh.

Bha an sionnach air a dhòigh. An-ath-latha, chaidh e gu taigh na corra-bhàin aig meadhan-latha.

Chuir a’ chorra-bhàn am brot ann am bhàsa le amhaich fhada. Cha b' urrainn an sionnach am brot ithe agus bha an t-acras air.

'Obh obh! 'S mòr am beud! dh'èigh a’ chorra-bhàn. 'Feumaidh mi do bhiadh ithe.'

Chuir a’ chorra-bhàn a ceann dhan a’ bhàsa agus dh'òl i am brot gu lèir.

'Comain do làimhe fhèin!' dh'èigh a’ chorra-bhàn.

Bha nàire air an t-sionnach a-nis agus bha e glè dhuilich, agus chaidh e dhachaigh.

Enjoyed this story?
Find out more here