KidsOut World Stories

Ali Òrdag Anonymous    
Previous page
Next page

Ali Òrdag

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Ali Òrdag

Sgeulachd Thurcach
 

button

 

*

 

 

 

 

Uair a bha siud, rugadh leanabh dom b’ ainm Ali.

Chuir an leanabh iongnadh air a phàrantan nuair a rugadh e oir cha robh e nas motha na òrdag!

Bha a’ mhàthair is athair caran troimh-a-chèile an toiseach, ach an uair sin smaoinich iad:

‘Seo na thug Dia dhuinn agus, an ceann greis, fàsaidh ar mac na bhalach mòr, làidir.’

Chaidh bliadhnaichean seachad agus cha do dh’fhàs Ali idir. Dh’fhan e cho beag ri òrdag.

Gach feasgar aig àm dìnneir, bhiodh a mhàthair a’ deasachadh àite aig a’ bhòrd do Ali.

Chuireadh i truinnsear beag, bìodach air a bheulaibh agus lìonadh i an truinnsear le spàin-tì làn brot.

Bha cuideachd cupa beag, bìodach aig Ali agus lìonadh a mhàthair seo le boinneag uisge.

Bha a h-uile càil ceart gu leòr nuair a bha an teaghlach aig an taigh, ach bha nàire air a mhàthair is athair mu am mac. Smaoinich iad nam faiceadh duine sam bith Ali gum biodh iad a’ magadh air a’ bhalach bheag. Is mar sin, chùm iad Ali a-staigh, am falach bhon t-saoghal.

Chaidh grunn bhliadhnaichean eile seachad, agus an ceann greis, bha Ali fichead bliadhna a dh’aois.

Bha e fhathast cho beag ri òrdag, ach bha a ghuth a-nis uabhasach ìosal is gu math fuaimneach.

Nan cluinneadh duine sam bith Ali, smaoinicheadh iad gur e guth fuamhaire a bh’ ann.

Bha Ali gu math brònach oir cha robh caraidean aige idir, agus bha aige ri falach fad na h-ùine ann an taigh a phàrantan.

Aon latha, bha athair Ali ag ullachadh gus tadhal air a’ mhargaid san ath bhaile. Bha e airson fuireach oidhche ann an taigh-òsta oir cha b’ urrainn dha an t-slighe ann is às a dhèanamh ann an aon latha.

Dh’iarr Ali tighinn a dhol còmhla ri athair, ach bha athair glè nearbhach mun bheachd.

‘Cha tug sinn a-mach thu ron a seo is chan eil mi cinnteach gun urrainn dhuinn a dhèanamh a-nis,’ thuirt e. ‘Ciamar as urrainn dhomh do chumail sàbhailte agus am falach bho dhaoine eile?’

‘Bidh e furasta,’ fhreagair Ali, sa ghuth ìosal, fhuaimneach. ‘Cumaibh mi nur pòcaid agus cha bhi fios aig duine gu bheil mi ann. Dèanaibh toll beag sa chlò gus an urrainn dhomh anail a tharraing agus coimhead a-mach air na tha a’ tachairt agus air seallaidhean an t-saoghail.’

Mhothaich athair Ali mar a bha Ali air bhioran mun taigh fhàgail, is mar sin bha e do-dhèanta a ràdh nach b’ urrainn dha a dhol còmhla ris.

Rinn an seann duine toll beag ann am pòcaid a lèine is chuidich e Ali a’ streap a-steach.

Thug a mhàthair dhaibh na bagaichean airson an turais, phòg i an dithis aca is thug i deagh bheannachdan dhaibh. An uair sin dh’fhalbh Ali agus athair a dh’ionnsaigh na margaid san ath bhaile.

Às dèidh siubhal fad an latha, ràinig Ali agus athair taigh-òsta ri taobh an rathaid.

‘Gabhaidh sinn seòmar an seo airson na h-oidhche,’ thuirt athair, ‘agus a-màireach thèid sinn dhan a’ mhargaid tràth sa mhadainn mus till sinn dhachaigh.’

‘Cha ghabh e creidsinn gum bi mi a’ fuireach ann an taigh-òsta!’ thuirt Ali, air bhoil.

Bha am fear òg air bhioran oir chunnaic e tòrr air a thuras mar-thà agus cha do chaidil e riamh an àite sam bith eile ach na dhachaigh.

Phàigh athair Ali airson an rùim is thug e na bagaichean suas an staidhre a’ dol a dh’ullachadh airson na dinneir.

Às dèidh dha e fhèin a ghlanadh, chaidh an seann duine sìos a-rithist gu dhinnear. Bha Ali fhathast am falach sa phòcaid is smaoinich e gur dòcha gum faigheadh e beagan bìdh dha a mhac beag cuideachd.

An uair sin thachair rud ris nach robh dùil idir. Bha a h-uile duine nan suidhe nuair a thàinig buidheann mhèirlich a-steach dhan taigh-òsta.

Bha na fireannaich ghreannach seo, trì dhuibh gu lèir, uile le gunnaichean is dh’iarr iad airgead is càil luachmhor sam bith bho gach neach.

Bha an t-eagal orra uile, fiu ’s air athair Ali agus rinn iad na chaidh iarraidh orra. Chuir iad na sporain aca air na bùird deiseil airson na mèirlich an cruinneachadh.

Gu h-obann, chualas guth uabhasach ìosal is uabhasach fuaimneach a àiteigin.

‘Leigibh às na gunnaichean!’ dh’iarr an guth. ‘Tha mi a’ tighinn a-steach gus ur glacadh is ur toirt chun nam poilis.’

Cha robh fios aig duine cò às a thàinig an guth. Choimhead na mèirlich mun cuairt, ach cha dèanadh iad a-mach cò bu choireach.

Thàinig an guth a-rithist, fiù ’s na bu làidire. ‘Pàighidh sibh airson ur dòighean olc. Nì mise cinnteach gun cuir sibh bliadhnaichean seachad ann am prìosan.’

Air sgàth ’s nach robh fios aig na mèirlich cò às a thàinig an guth, cho-dhùin iad gur e an taibhse bu choireach.

Ma tha càil ann a chuireas barrachd eagail air mèirlich na poilis, ’s e sin taibhsean.

Leig na mèirlich na gunnaichean às agus theich iad bhon taigh-òsta gu dubh dhorchadas na h-oidhche.

Ged a bha na daoine uile toilichte gun do theich na mèirlich, bha an t-eagal a-nis orra bho thaibhsean agus bha iad airson teicheadh a dh’fhalach anns na rumannan aca.

‘Na gabhaibh dragh,’ thuirt athair Ali. ‘Chan e taibhse a tha a’ bruidhinn. ’S e mo mhac a th’ ann.’

Agus le sin, chuir an seann duine a làmh na phòcaid gus am faigheadh Ali streap a-mach. Chuir e Ali sìos air a’ bhòrd gu socair gus an canadh a h-uile duine halò ris.

‘Tha mi cinnteach nach till na mèirlich,’ thuirt Ali sa ghuth ìosal, fhuaimneach. Bha gàire mòr air aodann air sgàth nan dàna-thursan.

Chuir Ali iongnadh air a h-uile duine. Cha do choinnich iad riamh ri duine cho beag ri òrdag.

Ach a bharrachd air càil sam bith eile, bha iad glè thaingeil do dh’Ali airson an sàbhaladh bho na mèirlich. Thug iad taing dha, agus rug iad air làimh air agus thuirt iad ri athair gum bu chòir dha a bhith moiteil a mac cho gaisgeil.

Fad na maidne, agus air an t-slighe dhachaigh, bha aig an t-seann duine ri stad iomadh triop gus an coinnicheadh Ali ri daoine eile. Bha e gu math moiteil is dh’inns e mar a shàbhail a mhac a h-uile duine bho na mèirlich.

Nuair a ràinig iad dhachaigh an oidhche ud, bha dragh mòr air màthair Ali nuair a chunnaic i Ali na shuidhe air gualann an duine aice.

‘Dè thachras ma chì daoine e?’ dh’fhaighnich i.

Ach rinn an seann duine gàire agus mhìnich e dhi an dàna-thuras a bh’ aca agus mar a shàbhail Ali cùisean san taigh-òsta.

‘’B’ e mearachd mhòr a bh’ ann a bhith fo nàire mu Ali. Cha robh còir againn Ali a chumail am falach san taigh fad bhliadhnaichean. Bu chòir dhuinn a bhith moiteil às agus às a h-uile rud air a bheil e comasach.’

Bha màthair Ali moiteil gu dearbh nuair a chuala i mun ghaisgeach mic a bh’ aice agus gheall i nach biodh nàire oirre tuilleadh agus nach cuireadh i am falach e a-rithist.

Bhon latha sin, shiubhail Ali Òrdag air gualann a phàrantan anns gach àite dhan deach iad. Chunnaic e tòrr rudan agus bha e air iomadh dàna-thuras.

Enjoyed this story?
Find out more here