KidsOut World Stories

Caraidean Gu Bràth Farida Salifu    
Previous page
Next page

Caraidean Gu Bràth

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Caraidean Gu Bràth

Sgeulachd Akan à Gàna

 

A frog and a mouse sitting side by side 

 

 

 

 

 

 

 

*

Àm a bha siud, bha luchag agus losgann ann a bha nan deagh charaidean. Gach madainn, bhiodh an losgann a’ tadhal air an luchaig a bha a’ fuireach ann an toll, am broinn craoibhe. Chòrd càirdeas an losgainn ris an luchaig gu mòr, ach cha robh fios aice gun robh an losgann a’ fàs gruamach oir b’ e esan a bhiodh a’ tadhal air an luchaig gach turas, agus cha b’ ann an dòigh eile. Cha robh fios aig an luchaig leisg air a sin aig an àm, ach mean air mhean, bha seo a’ dèanamh nàmhaid de a caraid, an losgann.

Aon fheasgar, nuair a bha an t-àm ann a dhol dhachaigh, bha an losgann a’ faireachdainn gun robh gu leòr air a bhith ann den chàirdeas aon-taobhach. Agus mar sin, cheangail an losgann aon cheann de phìos sreinge ri chois, agus an uair sin cheangail e an ceann eile ri earball na luchaig, agus cha do mhothaich an luchag.

Smèid an losgann ris an luchaig, agus an uair sin leum e bhon a’ chraoibh agus a-steach dhan lòn a bha aig bonn na craoibh, fada gu h-ìosal. A dh’aon bheum, tharraing an t-sreang gu teann air earball na luchaig. Chuir seo iongnadh mòr oirre, chaidh a slaodadh bho shàbhailteachd na craoibh agus thuit i sìos, sìos dhan uisge. Splais!

Cha b’ urrainn dhan luchaig bhochd a shnàmh, agus ged a dh’fheuch i ri a h-earball a shaoradh, cha b’ urrainn dhi am pìos sreinge a chrathadh dhith. Às dèidh mòran splaiseadh agus strì, mu dheireadh thall chaidh an luchag bhochd a bhàthadh san lòn.

‘Seallaidh sin dhut, a luchag leisg,’ smaoinich an losgann.

Ach cha robh am mì-ghnìomh gun mhothachadh: shuas gu h-àrd san adhar, chunnaic seabhag luchag bheag anns an uisge gu h-ìosal. Agus mar sin, sgèith an t-seabhag acrach sìos a dh’ionnsaigh an uisge airson an luchag bheag a ghabhail son a dinnear. B’ ann nuair a rug an t-seabhag air an luchaig leis na spuirean biorach aice a chuimhnich an losgann mun t-sreing a bha fhathast air a chois. Chaidh an losgann suas, suas dhan adhar, gus an do stad an t-seabhag ann an craobh àrd.

B’ ann an uair sin a thuig an losgann a’ mhearachd a rinn e. Ged a bha e air ribe a dhèanamh airson a charaid, rinn e ribe dha fhèin cuideachd agus cha robh dòigh ann air teicheadh. A-nis dh’itheadh an t-seabhag e air sgàth ’s am plana olc a rinn e.

Tha seanfhacal Afraganach ann a tha ag ràdh… ‘Na dèan toll ro mhòr airson do nàmhaidean, oir dh’fhaodadh tu tuiteam a-steach thu fhèin.’

Enjoyed this story?
Find out more here