KidsOut World Stories

An Seangan agus an Ailbhean Emal Jabarkhail    
Previous page
Next page

An Seangan agus an Ailbhean

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

An Seangan agus An Ailbhean

Sgeulachd Afghanaich

 

 

 

 

 

 

*

‘S e geama eadar dà sgioba a th’ ann am Mahabis. Cuiridh aon sgioba an làmh fo phlaide agus  falaichidh iad fàinne ann am bas cuideigin eile san sgioba. An uair sin seallaidh iad an lamhan dùinte don sgioba eile. Feumaidh an sgioba eile tomhas a dhèanamh air dè an làmh sa bheil am fàinne.

Bha an seangan agus an ailbhean nan deagh charaidean dha-rìribh agus chluicheadh iad còmhla uair sam bith a gheibheadh iad an cothrom.

Ach, b’ e duine cruaidh a bh’ ann an athair an ailbhein agus cha bu toigh leis a mhac a bhith a’ cluich fhad ’s a bha obair ri dhèanamh san taigh, no nam biodh aige ri a mhàthair a chuideachadh. Agus, cha bu toigh leis a mhac a bhith a’ cluich còmhla ri a charaid an seangan nuair bu chòir dha a bhith a’ cluich còmhla ris na h-ailbheanan eile san treud.

Bha eagal mòr air an ailbhean bheag ro athair agus cha bu toigh leis e nuair a bha e feargach. Ach, b’ e seangan gaisgeil a bh’ anns an t-seangan agus cha robh eagal air.

Aon latha, bha an dithis charaidean a’ cluich mahabis, agus chuala iad an t-athair feargach a’ tighinn. Chaidh an talamh air chrith agus ghluais na craobhan bho taobh gu taobh.

‘Obh obh, ’s e m’ athair a th’ ann!’ dh’èigh an ailbhean, le eagal air aodann. ‘Dè nì mi?’

Chuir an seangan a bhroilleach a-mach agus sheas e suas dìreach. ‘Na gabh dragh, a charaid, faodaidh tu falach air mo chùlaibh-sa. Cha lorg d’ athair thu!’

Enjoyed this story?
Find out more here