KidsOut World Stories

An Aire air an Dràgon Alice Atkins    
Previous page
Next page

An Aire air an Dràgon

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

An Aire air an Dràgon

 

 

 

 

 

 

 

 

*

B’ e am feasgar a bh’ ann. Bha an t-acras mòr air na ridirean Adi, Sofia agus Tòmas agus bha na casan aca glè ghoirt. Bha an triùir aca nan ridirean gaisgeil agus bha iad an dèidh siubhal fad an latha. Bha iad ag iarraidh àite ri fuireach an oidhche ud.

Thachair iad air baile beag fo sgàil beinn àrd, dhorch.

Fhad ’s a bha iad a’ coiseachd a-steach dhan a’ bhaile, mhothaich iad mar a bha a’ bheinn dhorch a’ seasamh thairis orra. Ged a bha solais na sràide a’ deàrrsadh, cha robh duine ri fhaicinn. Bha dorsan agus uinneagan gach togalach glaiste agus bha na cùirtearan aca uile air an tarraing.

‘Abair baile annasach. Tha fios gu bheil cuideigin mun cuairt,’ thuirt an Ridire Adi.

‘Tha fios gu bheil. Carson eile a bhiodh solais air? Feumaidh sinn àite-fuirich a lorg oir chan urrainn dhomh seo a ghiùlan nas fhaide,’ ghearan an Ridire Sofia. Stad i gus a casan goirt a shuathadh.

Mhothaich an Ridire Tòmas, a bha rud beag nas fhaide air adhart air a’ chòrr, do thogalach mòr le soidhne TAIGH-ÒSTA air ann an litrichean mòra, dearga.

‘Seall,’ dh’èigh e air ais ri a charaidean, a’ comharrachadh an t-soidhne.

Choisich an triùir suas chun an dorais agus chuir iad an cluasan ris. Chuala iad còmhradh socair agus glainnichean a’ gliongadaich. Ghnog an Ridire Sofia air an doras. Le fuaim uabhasach, dh’fhosgail an doras agus bha cailleach air a chùl.

‘Nach eil fios agaibh idir gum bu chòir dhuibh an doras-cùil a chleachdadh?’ thòisich a’ chailleach. Choimhead i air na ridirean le neònachas, ‘Dè tha sibh a’ dèanamh an seo?’

‘Tha sinn a’ lorg àite anns am faigh sinn biadh agus anns am fuirich sinn. Am faod sinn fuireach an seo?’ dh’fhaighnich an Ridire Tòmas dhi.

Thug a’ chailleach an triùir a-staigh agus ghlas i an doras air an cùl. Bha iad ann an taigh-bìdh beag far an robh muinntir a’ bhaile nan suidhe agus a’ bruidhinn agus ag òl còmhla. Stiùir a’ chailleach iad gu bòrd beag an tac an teine agus thug i rudeigin dhaibh ri òl.

Thog aon de na daoine a ghuth. ‘Seadh, feumaidh gun robh an dràgon an seo a-raoir. Chan eil dòigh eile a bhiodh taigh Thormoid air losgadh gu talamh.’ Thuit na faclan bhon fheusaig shalach agus lìon iad an seòmar.

Thionndaidh an triùir ridirean ris.

‘Dràgon?’ dh’fhaighnich an Ridire Adi.

‘Rud eagalach, grànda,’ fhreagair an duine. ‘Nochdaidh e gach oidhche gus biadh a lorg.’

‘Am faca tu an dràgon seo?’

‘Chan fhaca, ach chunnaic m’ uncail. Tha am bodach ag ràdh gur e creutair mòr a th’ ann. Nas motha na taigh. Le sgèilean reòite, sùilean mòra dearga agus spuirean.’

‘Ò, ist! ’S e breugaire a tha nad uncail. Tha fios aig a h-uile duine gu bheil a shùilean buidhe!’ fhreagair am fireannach ri a thaobh.

‘An do rinn e ionnsaigh air duine sam bith?’ dh’fhaighnich an Ridire Tòmas.

‘Cha do rinn fhathast, ach saoilibh dè cho fada ’s a bhios e mus tig e air ar son uile?’ thuirt am fear feusagach. ‘Tha fios aig a h-uile duine gun urrainn dràgonan anail a dhèanamh le teine. Chan urrainn uinneagan agus dorsan glaiste a chumail a-mach gu sìorraidh.’

Dh’fhàs muinntir a’ bhaile sàmhach.

Choimhead na ridirean ri chèile.

‘A bheil càil ann a b’ urrainn dhuinn dhèanamh gus an cuideachadh?’ thuirt an Ridire Adi ann an cagair. 

‘Saoil am biodh sinn comasach air…’ stad an Ridire Tòmas greis, ‘… dràgon a shabaid?’

‘Feumaidh sinn na daoine seo a chuideachadh,’ thuirt an Ridire Sofia. Sheas i agus bhruidhinn i ris an t-seòmar air fad. ‘Ma tha an dràgon seo a’ cur dragh oirbh, thèid sinne gus dèiligeadh ris.’

Choimhead muinntir a’ bhaile oirre.

Thòisich am fear feusagach a’ gàireachdainn. ‘A bheil sin ceart? An aghaidh dràgon? An ann às do rian a tha thu?’ thuirt e.

‘’S e ridire a th’ annam. Chan eil eagal orm bho dhràgon.’ Thuirt an Ridire Sofia gu cruaidh. Stad am fear feusagach a ghàireachdainn.

Choimhead an Ridire Adi agus an Ridire Tòmas ri chèile.

‘Às dèidh àm dinneir, ge-tà,’ thuirt an Ridire Adi.

An ceann greis, fhuair iad an dinnear aca. Fhad ’s a bha iad ag ithe, mhothaich iad an còrr den t-seòmar a’ coimhead orra agus a’ sanais. Nuair a bha am biadh deiseil, nochd cuideigin ri taobh a’ bhùird.

‘Ma tha sibh cinnteach gu bheil sibh airson seo a dhèanamh, tha an dràgon a’ fuireach ann an uamh aig mullach na beinne. Chaidh caraid m’ athar suas uaireigin. Thuirt e gu bheil an uamh làn chnàmhan.’

‘Tha sinn cinnteach, agus bidh sinn ceart gu leòr. Mòran taing airson an fhiosrachaidh,’ thuirt an Ridire Sofia. Sheas na ridirean, phàigh iad airson am bìdh agus choisich iad a-mach às an taigh-òsta. Choisich iad a dh’ionnsaigh na beinne dhorch. Las iad lòchrain agus choisich iad suas a’ bheinn.

Chuala iad cailleachan-oidhche a’ sgreuchail. Bha feur dubh agus craobhan marbh ri taobh na slighe. Bha fiù ’s an t-adhar a’ faireachdainn loisgte timcheall orra. Bha iad a’ dìreadh fad uairean a thìde. Mu dheireadh thall, ràinig iad mullach na beinne far an do dh’atharraich am feur marbh gu clach dhubh.

Bha beul uamha a’ deàrrsadh dearg aig mullach na beinne.

‘Dè tha sinn an dùil a dhèanamh?’ dh’fhaighnich an Ridire Adi dhan Ridire Sofia.

‘Feumaidh sinn coimhead mun cuairt na h-uamha an toiseach,’ thuirt an Ridire Sofia.

Chaidh iad a-steach agus bha an uamh ag aomadh sìos agus snìomhach. Bho sholas nan lòchrain, chunnaic iad sùith dhubh air na ballachan agus bha làraich spuirean tarsainn an làir.

Bha an t-adhar trom le ceò. Sìos agus sìos chaidh an triùir gus an do ràinig iad cùirtear de stuth geal air choreigin, ceangailte le ròpa.

‘Cnàmhan?’ dh’fhaighnich an Ridire Tòmas.

Choimhead an Ridire Adi. Bha an cùirtear ro shoilleir airson a bhith air a dhèanamh à cnàimh.

‘Seòrsa de chlach air choreigin?’ thuirt e fo anail.

Thàinig beucadh uabhasach. Chaidh an cùirtear cloiche mu sgaoil agus leum an triùir air ais.

Nuair a bha iad rèidh agus cothrom a-rithist, ghluais iad air adhart tron chùirtear far an robh cabhairn mòr.

Air feadh nan ballachan, bha dathan de iomadh seòrsa a’ deàlradh. B’ e seudan a bh’ annta. Bha iad dhen h-uile seòrsa dath is cruth, agus ann am meadhan an t-seòmair bha beinn àrd de sheudan eireachdail. Choimhead na ridirean le iongnadh; cha robh iad air a leithid fhaicinn riamh. 

‘Saoil an e seo dachaigh an dràgoin? Mas e ’s gu bheil e cho grànda, ciamar a bhiodh e air àite cho àlainn a dhèanamh’ dh’fhaighnich an Ridire Tòmas.

Ghluais iad timcheall nan càrnan de sheudan agus lorg iad àite-teine sa bhalla air cùlaibh bòrd agus cathraichean. An sin air a’ bhòrd, bha innealan-obrach, paidhir speuclairean annasach agus seudan.

Thàinig beucadh uabhasach a-rithist. Ach an turas seo, chrìochnaich e le srann.

‘Feumaidh gu bheil e an seo an àiteigin,’ thuirt an Ridire Sofia.

Choisich na trì ridirean mun cuairt agus stad iad gus coimhead air aon de na càrnan deàlrach.

‘’S dòcha gu bheil e am broinn seo? thuirt an Ridire Adi.

‘Ma tha, nach tòisich sinn a’ cladhach,’ thuirt an Ridire Sofia. Chruinnich i na seudan còmhla agus thilg i air falbh iad. Thòisich an Ridire Adi is an Ridire Tòmas air seo a dhèanamh cuideachd agus bha seudan a’ sgèith timcheall an t-seòmair. Chaidh iad air feadh an àite, bhuail iad san àirneis agus leag iad na lòchrain far nam ballachan. Thuit na seudan bho mhullach a’ chùirn, bhuail iad anns na cùirn bu lugha, agus leag iad a h-uile càil gu làr. 

Chan fhaiceadh na ridirean dràgon na broinn. 

‘Feumaidh gu bheil e a-staigh an seo am badeigin’ thuirt an Ridire Tòmas. ‘Tha mi ga chluinntinn.’

Sa mhionaid sin, lorg an Ridire Sofia rudeigin le sgèilichean dearga. Tharraing i air agus thuit na seudan air falbh. Air a chùlaibh, bha dràgon. Dràgon nach robh càil nas motha na cù. Bha an dràgon còmhdaichte le sgèilichean a bha dearg is deàlrach mar rùbaidhean.

Dh’fhosgail sùilean Sofia le iongnadh.

‘Dràgon?’ thuirt i.

Dhùisg an dràgon gu h-obann.

‘Cò thusa? Leigibh às mi mas e ur toil e…’ thòisich an dràgon. Choimhead e mun cuairt an t-seòmair. ‘Mo dhachaigh? Dè rinn sibh?’

Thàinig an Ridire Adi agus Tòmas a-nall far an robh Sofia agus an dràgon aice na làimh.

‘An tusa an dràgon a th’ air a bhith a’ cur eagal air a’ bhaile?’ dh’fhaighnich an Ridire Tòmas den creutair.

‘Am baile? Cha bhi mi uair sam bith a’ tadhal air a’ bhaile; chan eil iad còir idir an sin. Bidh mise a’ fuireach an seo agus a’ dèanamh sheudan.’

Choimhead an dràgon chun an deasg agus theich e bhon Ridire Sofia. Bha an deasg air briseadh na phìosan fo chuideam nan seudan. Choisich an dràgon timcheall an t-seòmair agus thog e na speuclairean. Chuir e air a shròin iad agus dh’fheuch e ri faicinn, ach bha iad air sgàineadh, gun teans air an càradh.

Leig an dràgon sgiamh. A’ tilgeil nan speuclairean air falbh, chòmhdaich e a ceann le spuirean. Thuit e sìos na bhall, a’ caoineadh agus a’ cur shradagan beaga thairis air an làr.

‘Dè rinn sibh? Chan urrainn dhomh càil a dhèanamh às aonais nan speuclairean agam. Tha sibh air a h-uile càil a sgrios! Thallaibh, a dhaoine ghòrach a tha sibh ann!’ Bha an dràgon a’ rànaich gu goirt.

Choimhead na ridirean ri chèile.

‘Chan eil coltas gu bheil an creutair seo cunnartach,’ thuirt an Ridire Adi. ‘Chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh e air chomas càil nas motha na cearc a thogail agus chan eil e fiadhaich.’ Choimhead e air an dràgon bhochd agus thuirt e, ‘Feumaidh gun do dh’inns muinntir a’ bhaile breugan. Dè nì sinn?

‘Feumaidh sinn tilleadh dhan a’ bhaile agus faodaidh na daoine ar cuideachadh seo a chur ceart,’ thuirt an Ridire Sofia. Thionndaidh i chun a’ chreutair a bha fhathast a’ caoineadh. ‘Na gabh dragh. Bidh sinn air ais.’

Dh’fhàg na ridirean an uamh ann an cabhag agus chrom iad air ais sìos a’ bheinn chun a’ bhaile. Bha an latha a’ soilleireachadh nuair a ràinig iad am baile. Thàinig muinntir a’ bhaile a-mach às na taighean aca agus bha iad air an t-sràid.

Chruinnich na ridirean muinntir a’ bhaile agus dh’inns iad mar a thachair dhaibh.

‘Na bithibh gòrach!’ dh’èigh cuideigin.

‘Tha an dràgon ud anabarrach mòr agus cunnartach!’ dh’èigh cuideigin eile.

‘Mura h-eil sibh gar creidsinn mar ridirean, feumaidh sibh ar leantainn gus am faic sibh fhèin,’ thuirt an Ridire Sofia, a’ togail a claidheamh dhan adhar.

Cha robh muinntir a’ bhaile toilichte ach bha fios aca nach b’ urrainn dhaibh a dhol an aghaidh òrdugh ridire. Lean iad na ridirean a-mach às a’ bhaile, suas a’ bheinn agus sìos chun na h-uamha. Ràinig iad uamh an dràgoin far an robh e fhathast mì-sgiobalta agus na bhùrach. Bha an dràgon beag fhathast a’ caoineadh mun dachaigh aige.

‘An e sin an dràgon dha-rìribh?’ dh’fhaighnich an duine feusagach.

‘Chan eil dràgon eile an seo,’ thuirt an Ridire Adi.

Choimhead muinntir a’ bhaile ri chèile. Choisich aon phàiste a-null chun an dràgoin, chuir e a ghàirdean timcheall air agus thòisich e a’ caoineadh cuideachd. 

‘A dhràgoin bhochd. A dhràgoin bhochd, bhochd,’ thuirt am pàiste ’s e a’ caoineadh.

‘Obh, obh, dè rinn sinn?’ dh’fhaighnich tè bhon a’ bhaile.

‘An creutair bochd. Feumaidh sinn seo a chur ceart,’ thuirt fear eile. 

‘’S e saor a th’ annamsa,’ thuirt fear bhon a’ bhaile. ‘’S urrainn dhomh bòrd agus cathraichean ùra a dhèanamh dhut.’

‘’S e neach-fradhairc a th’ annamsa. ’S urrainn dhomh na speuclairean agad a chàradh,’ thuirt fear eile.

Thog an dràgon a cheann agus rinn e fiamh-ghàire. ‘Tapadh leibh.’

Choimhead na ridirean ri chèile agus dh’fhàg iad an uamh, agus iad a’ cur an aghaidh air dàna-thursan eile. Leis gun do dh’fhàg iad sìth agus ceartas sa bhaile, bha iad misneachail gum biodh atharrachadh ann le na daoine a bha a’ fuireach ann. Cha chreideadh iad tuilleadh sgeulachdan gun fhianais a bhith aca, agus cha toireadh iad breith air duine sam bith mus coinnicheadh iad riutha.

Enjoyed this story?
Find out more here