KidsOut World Stories

Brot Cloiche Anam Peeram    
Previous page
Next page

Brot Cloiche

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 


Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic a bhith a’ cruthachadh an leabhair-d seo.

 

 

 

Brot Cloiche 

a pot of soup

 

 

 

 

 

 

O chionn fhad an t-saoghail ann am baile beag nach robh fada bho allt, bha saighdear còir a’ coiseachd gu mall sìos lèanag dhustach. Bha a ghluasadan mall cuideachd oir bha e an dèidh a bhith a’ coiseachd fad an latha. Cha robh dad a b’ fheàrr leis na biadh math, teth ithe. Nuair a thàinig e air taigh beag annasach aig taobh an rathaid, smaoinich e, ‘Tha fios gu bheil beagan bìdh a bharrachd aig an neach a tha a’ fuireach an seo, airson a roinn cuide ri neach-siubhail acrach mar mi fhìn; tha mi a’ smaoineachadh gun tèid mi a dh’fhaighneachd.’

Mar sin, choisich an saighdear suas an staran cloiche a dh’ionnsaigh an dorais fhiodha, seachad air a’ ghàrradh a bha làn de chàl, buntàta, uinneanan agus curranan a’ fàs. Aon uair ’s gun do ràinig e aghaidh an taighe, thog e a làmh gus gnogadh air an doras nuair a dh’fhosgail an doras gu h-obann. Bha seann duine na sheasamh an sin air taobh eile an dorais. Bha a làmhan air a chruaichnean agus bha greann air aodann.

‘Dè tha thu ag iarraidh?’ ars an seann duine gu mì-mhodhail. Ach fhathast bha an saighdear a’ coimhead air is fiamh-ghàire air aodann.

‘Halò, ’s e saighdear a th’ annamsa à baile nach eil fada às an seo. Tha mi air tighinn a dh’fhaighneachd dhuibh a bheil beagan bìdh agaibh a b’ urrainn dhuibh a thoirt seachad.’

Choimhead an seann duine air an t-saighdear sìos is suas agus fhreagair e gu math busach. ‘Chan eil. Agus a-nis tàr às.’

Cha do chuir seo an saighdear dheth idir – rinn e gàire uair eile agus ghnog e a cheann. ‘O seadh, ’s ann a tha mi a’ faighneachd gus am bi beagan a bharrachd tàthchuid agam airson a’ bhrot chloiche agam, ach tha mi a’ faicinn gum feum e dìreach a bhith lom. A cheart cho blasta, ge-tà!’

Tharraing an seann duine a mhaileanan gu chèile. ‘Brot cloiche?’ dh’fhaighnich e.

‘Seadh,’ fhreagair an saighdear, ‘a-nis, ma ghabhas sibh mo leisgeul…’

Choisich an saighdear gu meadhan an starain agus shlaod e poit mhòr a-mach às a’ mhàileid aige. Aon uair ’s gun robh e air a lìonadh le uisge thòisich e a’ togail teine fòidhpe. An uair sin le foirmealachd mhòr tharraing e clach a-mach à baga sìoda agus leig e a’ chlach sìos air a shocair don uisge.

Bha an seann duine a’ coimhead na bha seo bhon uinneig ’s e caran tuathal.

‘Brot cloiche?’ thuirt e ris fhèin. ‘’S cinnteach nach eil a leithid de rud ann!’

Agus às dèidh greiseag a’ coimhead an t-saighdeir a’ cur car den uisge le maide beag, choisich an seann duine a-mach agus dh’fhaighnich e don t-saighdear, ‘Dè tha thu a’ dèanamh?’

Tharraing an saighdear a-steach beagan den smùid a bha a’ tighinn às a’ phoit tro a shròin agus dh’imlich e a lipean. ‘Ah, chan eil dad as fheàrr leam na blasad beag de bhrot cloiche.’ Choimhead e an uair sin suas air an t-seann duine ’s e ag ràdh, ‘Gun teagamh, chan eil am beat air brot cloiche le beagan salainn is piobar.’

Gu mì-chinnteach, chaidh an seann duine a-steach don taigh agus thill e le salann is piobar, air a shocair gan sìneadh chun an t-saighdeir.

‘Math fhèin!’ dh’èigh an saighdear agus e gan crathadh don phoit. Chuir e car dhen bhrot uair eile mus do choimhead e air an t-seann duine a-rithist, ‘Ach ’eil fhios agad, dh’fheuch mi am brot iongantach seo aon uair le càl ann.’

Chaidh an seann duine an uair sin chun a’ chàil a bha sa ghàrradh agus thog e an stocan càil a b’ abaiche agus bu mhotha agus shìn e sin chun an t-saighdeir.

‘O, mìorbhaileach!’ dh’èigh an saighdear ’s e a’ gearradh a’ chàil agus ga chur sa phoit.

Dh’fheuch e am fàileadh a bha a’ tighinn às a’ phoit agus thuirt e ris an t-seann duine, ‘Eil fhios agad, bhiodh am brot seo freagarrach don rìgh nam biodh beagan churranan ann.’

Bha an seann duine a’ smaoineachadh agus thuirt e, ‘Tha mi a’ smaoineachadh gun lorg mi beagan churranan,’ agus chaidh e a-null gu na curranan sa ghàrradh agus thog e fear no dhà.

Bha an saighdear dìreach air a dhòigh nuair a thugadh dha na curranan; gheàrr e iad nam pìosan agus chuir e mun cuairt na bha sa phoit uair eile.

Agus chaidh e air adhart mar sin. Bha an seann duine a’ fàs toilichte leis an fhàileadh a bha a’ tighinn às a’ phoit agus e a’ tighinn le uinneanan, buntàta agus feòil is eile. Chuir an saighdear fhèin nithean a bharrachd ann cuideachd leithid balgain-buachair agus eòrna às a’ bhaga aige fhèin, gus an tuirt e gun robh am brot deiseil.

Rinn an seann duine fiamh-ghàire nuair a thabhainn an saighdear brot air.

‘Carson nach tig thu a-steach? Tha aran ùr agam dìreach air tighinn às an taigh-fhuine madainn an-diugh a bhiodh cho blasta leis a’ bhrot cloiche,’ thuirt e gu coibhneil.

Agus mar sin dh’ith an seann duine agus an saighdear biadh mìorbhaileach còmhla. Thug an saighdear a-mach cartan bainne às a bhaga agus roinn iad sin còmhla cuideachd. Dh’aontaich an seann duine ris an t-saighdear gun robh am brot na b’ fheàrr na nì sam bith a bha e air a bhlasad riamh roimhe.

B’ ann an uair a thug an saighdear am baga sìoda don t-seann duine a thuig an seann duine an fhìrinn. Cha b’ e a’ chlach a chruthaich am brot blasta. ’S e a bh’ ann ach a bhith ag obair còmhla agus a bhith còir ri chèile. Bha e mar sin comasach dha fhèin agus don t-saighdear biadh fìor bhlasta a chruthachadh a dh’fhaodadh iad a roinn eatarra.

Enjoyed this story?
Find out more here