KidsOut World Stories

A' Mhallachd    
Previous page
Next page

A' Mhallachd

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

Taing shònraichte do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic ann a bhith a' cruthachadh an e-leabhair seo.

 

 

 

A' Mhallachd

 

 

 

 

 

 

*

Uair dhan robh an saoghal, bha baile beag air iomall na coille mhòir. Mar bu trice, bhiodh sìth is toileachas am measg muinntir an àite, ach bha an t-eagal orra cuideachd ro na Lobison a bha, a rèir aithris, a’ fuireach ann an doimhneachd dhubh na coille. B’ e creutairean dorcha a bh’ anns na Lobison, leth-dhuine is leth-mhadadh-allaidh, agus a rèir muinntir an àite, nuair a bhiodh gealach shlàn ann, shiolpadh na creutairean a-mach às a’ choille a dh’ithe feòil dhaonna.

Ach ciamar idir a thig creutair mar seo gu bith? Tha sin furasta a fhreagairt; thig mallachd air an t-seachdamh mac anns gach teaghlach. Cha tig a’ mhallachd air nighean san teaghlach idir, ach ma bhios seachdnar mhac aig a’ mhàthair, chan eil dòigh nach tèid am mac mu dheireadh na Lobison.

Bha an t-eagal air a mhàthair nuair a rugadh Filipe dhi. Bha i an dòchas gur e nighean a bhiodh aice, agus nach e seachdamh mac. Ach bha màthair Filipe còir agus gràdhach, agus cha chuireadh i cùl ri mac fhèin, ge brith dè bh’ aig muinntir a’ bhaile ri ràdh mun mhallachd.

Chaidh grunnan bhliadhnaichean seachad gu sìtheil. Dh’fhàs Filipe na bhalach tapaidh agus chaidh a thogail ann an dachaigh làn gràidh. Ach mhothaich Filipe nach robh a bheatha-san coltach ri beatha a bhràithrean. Cha bhiodh e a’ dol dhan sgoil, seach nach robh an tidsear deònach a leigeil dhan chlas. Cha robh seo cothromach, oir bha am balach òg a bha seo uabhasach fhèin titheach air nithean ùra ionnsachadh agus bha e gu mòr airson a bhith na charaid aig a’ chloinn eile.

Nuair a chuireadh a mhàthair e a dh’iarraidh lofa, dhèanadh muinntir a’ bhaile cinnteach nach rachadh iad faisg air, oir bu lugh’ orra e, agus bha e cuideachd a’ cur an eagail orra. Bha seo a’ dèanamh dragh mòr dha. Cha chluicheadh a’ chlann eile còmhla ris uair sam bith, agus chan fhaodadh e a dhol a-mach dhan ghàrradh nuair a bha a’ ghealach slàn. Ma dh’fhaoidte gum b’ e seo an rud a bu ghoirte dha, oir bha e air a bheò-ghlacadh leis a’ ghealaich; bha rudeigin mu deidhinn – gu h-àraidh nuair a bha i slàn agus cruinn san iarmailt – a bheireadh cofhurtachd dha agus a thogadh a spiorad cho mòr ’s gum biodh e ag iarraidh seinn agus dannsa agus ruith.

Ged a bha a bheatha sìtheil, cha robh e toilichte idir. Mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, mhothaich Filipe gun robh e na aonar na bu trice ’s na bu trice. Cha robh caraidean aige agus chan fhaigheadh e fiathachadh uair sam bith a dhol a chluich còmhla ris a’ chloinn eile. Uaireannan chluinneadh e iad a’ gàireachdaich agus smaoinicheadh e air na geamannan a bha iad a’ cluich agus air an toileachas a bh’ aca. Bha e cuideachd air mothachadh gum biodh a mhàthair agus a bhràithrean a-nis a’ coimhead air le amharas agus eagal.

‘Dè th’ ann mu mo dheidhinn a tha cho dona?’ dh’fhaighnicheadh e dha fhèin glè thric. ‘Chan e balach crosta a th’ annam. Bidh mi daonnan a’ cuideachadh aig an taigh agus chan ann tric a bhios mi ri mì-mhodh. Carson nach eil daoine cho math dhòmhsa ’s a tha iad don chloinn eile?’

Mar a b’ fhaisge a thàinig e air a’ chòigeamh bliadhna deug aige air an t-saoghal seo, b’ ann a bu thùrsaiche a dh’fhàs e. B’ ann glè ainneamh a leigeadh a mhàthair leis a dhol a-mach a-nis agus bha e air mothachadh gum biodh i a’ fàs uabhasach fhèin an-fhoiseil nuair a bhiodh i na chuideachd. Bhiodh cuid den chloinn uabhasach suarach ris, agus nam faiceadh iad e a-muigh a’ cluich na aonar, chaitheadh iad clachan air. Nuair a sheasadh e a shabaid nan aghaidh, theicheadh iad bhuaithe, a’ sgiamhail mar gun robh iad a’ ruith air falbh bho uilebheist. Uaireannan bhiodh Filipe a’ smaoineachadh air cho math ’s a bhiodh e teicheadh dhan choille mhòir ’s gun tilleadh a-chaoidh.

Latha a bha seo, dh’iarr màthair Filipe air suidhe ri a taobh agus mhìnich i dha mar a thachair dha. ‘’S
tusa an seachdamh mac agam, a ghaoil,’ ars ise, ‘agus chaidh mallachd a chur ort’.

Cha do thuig Filipe an gnothach ceart. ‘Dè an seòrsa mallachd?’ dh’fhaighnich e dhi.

‘An latha a ruigeas tu còig bliadhna deug a dh’aois, thèid thu na do Lobison, creutair a tha na leth-dhuine ’s na leth-mhadadh-allaidh’.

Bha fios aige air na Lobison bho na leabhraichean aige, agus cuideachd bho na sgeulachdan a bhiodh a bhràithrean ag innse do chàch a chèile nuair a bha dùil aca gun robh Filipe na chadal. Ach cha do dh’inns duine aca do Filipe gun deach a’ mhallachd a chur air-san cuideachd. Cha robh e ag iarraidh a bhith na Lobison. Cha robh e ag iarraidh a bhith borb, agus bha beachd aige nach còrdadh e ris crògan fada a bhith air no gaoisid thiugh a bhith air feadh a bhodhaig.

Air an oidhche ron cho-là-breith aige, bha Filipe òg na bu thùrsaiche na bha e riamh. Shuidh e suas na leabaidh is thòisich e a’ caoineadh. ‘Bha mi riamh nam aonar,’ smaoinich e.

‘Cha robh mi riamh mar a bha clann eile. Agus a-nis tha mallachd nan Lobison orm. Dè nì mi? Cha robh mi ag iarraidh dad ach a bhith coltach ri càch agus cluich còmhla riutha air oidhche bhrèagha ghealaich.

An sin, choimhead Filipe a-mach air uinneag an t-seòmair-chadail agus mhothaich e dhan ghealaich a bha ag èirigh ann an iarmaillt dhorcha na h-oidhche. ’S e gealach shlàn bhrèagha a bh’ ann agus lìon i a chridhe le toileachas. B’ ann an uair sin a thachair rudeigin uabhasach fhèin neònach: dh’fhairich Filipe rudeigin a’ dùsgadh domhainn na bhroinn fhèin agus thàinig tachas na chraiceann.

Thòisich bùireadh mì-nàdarra na bhroilleach agus thog e a aghaidh chun na gealaich. Gu h-obann, thòisich gaoisid thiugh a’ fàs air feadh a bhodhaig agus thòisich na h-ìnean air a làmhan agus air a chasan a’ fàs fada, biorach. Thuit an t-aodach aige na mhìrean chun an làir. Nuair a choimhead e san sgàthan, chunnaic e faileas de bhalach a bha na leth mhadadh-allaidh a’ coimhead air ais ris, le sùilean dearga fiadhaich a bha a’ boillsgeadh san dorchadas.

‘’S e Lobison a th’ annam ma-thà!’ dh’èigh e.

Dh’fhairich Filipe a’ ghealach agus a’ choille ga thàladh thuca agus bha fios aige an uair sin gun robh an t-àm ann a chùl a chur ris an t-seann bheatha a bh’ aige agus gabhail ris a’ bheatha ùir a bha roimhe.

Dh’fhosgail uinneag an t-seòmair aige, ach mus do leum e a-steach gu dorchadas na h-oidhche, thug e aon shùil eile timcheall an t-seann sheòmair aige agus smaoinich e air a màthair agus athair agus a bhràithrean. ‘Bidh cuimhn’ agam oirbh gu bràth, a theaghlaich ghràdhaich, ach feumaidh mi gabhail ris a’ bheatha ùir agam.’

An sin, leum e a-mach an uinneag agus dh’fhalbh e na dheann-ruith a-steach dhan choille ’s e a’ bùireadh ris a’ ghealaich. Dh’fhairich e a chridhe a’ lìonadh le dòchas uair eile.

Bha Filipe ann an doimhneachd na coille mhòir nuair a thàinig e gu fosgladh anns na craobhan. Choimhead e suas ris na craobhan brèagha, àrsaidh agus ris a’ ghealaich a bha gu h-àrd os a chionn ann an iarmailt na h-oidhche. Thòisich e a’ bùireadh agus a’ dannsa agus a’ gàireachdaich... mu dheireadh thall sguir e de bhùireadh agus de dhannsa nuair a thug e an aire gun robh Lobison eile air a chùlaibh, agus iad uile cruinn còmhla anns an fhosgladh. Bha cuid aca a cheart cho òg ri Filipe, cuid eile na bu shine.

Thàinig iad ga ionnsaigh agus chuir iad fàilte chridheil air.
‘Tha thu aig baile a-nis, am measg deagh charaidean sa choille mhòir,’ arsa fear aca ann an guth coibhneil, socair, agus b’ ann an uair sin a bhuail e air Filipe nach b’ e mallachd a bh’ ann, ach beannachd!

‘’S e Lobison a th’ annam agus tha mi aig baile!’ thuirt e le gàire agus e a’ togail a chinn ris a’ ghealaich shlàin agus a’ bùireadh le uile neart. Thòisich na Lobison eile a’ bùireadh còmhla ris, a’ seinn còmhla mar chòisir, a’ toirt urram dhan ghealaich.

Fada, fada air falbh, bha màthair Filipe na seasamh sa ghàrradh ag èisteachd ri òran nan Lobison a bha a’ tighinn thuice le oiteag bheag gaoithe às a’ choille mhòir. Rinn an seann bhoireannach gàire bheag rithe fhèin, oir bha fios aice gun robh an seachdamh mac aice mu dheireadh thall aig baile – bhiodh àite aige a-nis far am biodh caraidean aige agus far am biodh beatha fhada, thoilichte aige.

 

 

Taing

Sgrìobhadair

 Vasconcelos Monteiro

Eadar-theangachadh

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Leughadair

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl Cuspair

 'lonely wolf_original' bho Audiojungle.net

 

 

Enjoyed this story?
Find out more here