KidsOut World Stories

Bòidhchead Eadar-dhealachaidh    
Previous page
Next page

Bòidhchead Eadar-dhealachaidh

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 


Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic ann a bhith a’ cruthachadh an e-leabhair seo.

 

 

 

Bòidhchead Eadar-dhealachaidh

Sgeulachd Ioràineach

 

 

 

 

 

*

Bha Shirin fhathast na nighinn caran òg nuair a chuir a pàrantan i air falbh bho a dachaigh ann an Tehran gus a dhol a dh’fhuireach ann am baile-mòr Lunnainn ann an Sasainn.

Cha robh Shirin toilichte a dhol a dh’fhuireach còmhla ri a co-oghaichean ann an Sasainn, ach thuirt a màthair rithe, ‘’S e as fheàrr, a nighinn bhig. Chan eil e sàbhailte an seo tuilleadh agus bidh beatha ùr bhrosnachail agad ann an Sasainn agus bidh tòrr mòr de dhiofar charaidean ùra agad.’

Bha Shirin bheag ag iarraidh rànaich oir bha gaol mòr aice air a màthair agus a h-athair agus cha robh i airson am fàgail. Cuideachd, cha robh i eòlach air a co-oghaichean idir. Cha robh iad air tadhal ach aon turas agus bha Shirin ro bheag airson na bha iad ag ràdh a thuigsinn, oir cha b’ e Farsi a bha iad a’ bruidhinn agus shaoil Shirin gun robh sin uabhasach neònach.

Agus mar sin, thàinig an latha a dhràibh athair agus màthair Shirin i chun a' phort-adhair far am biodh i a' dol air an itealan còmhla ri a h-antaidh.

‘Tha an t-eagal orm,’ thuirt Shirin, fhad ’s a bha a màthair agus a h-athair a’ coiseachd còmhla rithe gu an ionad far an coimheadadh an duine ris an tiogaid agus an cead-siubhail aice.

‘Carson a tha an t-eagal ort?’ dh’fhaighnich a h-athair. ‘Nach tusa an nighean bheag ghaisgeil air nach robh eagal a-riamh nuair a chluinneadh tu na bomaichean a’ tuiteam air a’ bhaile? Agus nach b’ e thusa an nighean a bha an-còmhnaidh ag iarraidh oirnn do thoirt don sgoil a h-uile latha, fiù ’s nuair a bha cus eagail air na nigheanan beaga eile agus iad a’ fuireach aig an taigh còmhla ri am pàrantan?’

‘Tha sin diofraichte,’ thuirt Shirin. ‘Seo mo dhachaigh.’

Chaidh màthair Shirin sìos air a glùinean ri taobh na h-ighinn bhig agus chuir i a gàirdeanan timcheall oirre agus shlìob i a falt. Thuirt i ris an nighinn aice, ‘Tha fios agam gum bi sinn pròiseil asad, a nighinn bhig. Agus na gabh thusa dragh, thig mi fhìn agus d’ athair a Shasainn a dh’aithghearr agus faodaidh tu sealltainn dhuinn na nithean a tha rim faicinn ann an Lunnainn. Cuiridh mi geall gum bi thu a’ bruidhinn Beurla fiù ’s nas fheàrr na tha thu mar-thà agus faodaidh tu beagan fhacail ionnsachadh dhòmhsa.’

Bu toil le Shirin am beachd gum biodh i teagasg facail ùra do a màthair oir bha Shirin den bheachd gur i a màthair an neach bu chliste san t-saoghal mhòr. 

‘Tha mi a’ creidsinn gum faodainn sin a dhèanamh,’ thuirt an nighean bheag agus a h-antaidh a’ gabhail grèim air a làimh agus a’ mìneachadh dhi gun robh an t-àm ann a dhol air bòrd an itealain mus fhalbhadh e às an aonais.

Air an t-slighe fhada a Shasainn, dh’fheuch Shirin bheag ri smaoineachadh air cò ris a bhiodh a’ bheatha ùr aice coltach. Bha i daingeann mu dheidhinn dèanamh math san sgoil  agus thuirt i rithe fhèin gun dèanadh i a pàrantan glè phròiseil aiste.

‘Is urrainn dhomh seo a dhèanamh,’ smaoinich i. ‘Is urrainn dhomh a dhèanamh cho furasta ri buain dhìtheanan.’

Thuit an nighean bheag na cadal an uair sin agus bha i ag aisling mu dheidhinn cò ris a bhiodh Lunnainn coltach. Bha i ag aisling mu dheidhinn gleocaichean àrda agus aibhnichean farsaing. Bha dealbh aice de: seann bhodaich ann an adan àrda, leididhean le sgàileanan, busaichean dearga agus an taigh mòr far an robh a’ Bhanrigh a’ fuireach leis na geàird aice uile nan adan àrda molach agus am bòtannan fada.

*

Ach nuair a ràinig i am port-adhair ann an Lunnainn cha robh e buileach mar a bha i a’ smaoineachadh idir. Bha an t-adhar gruamach glas agus bha e gaothach agus fliuch. Bha Shirin duilich gun robh i air brògan fosgailte a chur oirre oir bha a h-òrdagan glè fhuar. Agus nas miosa na sin bha i a' faireachdainn gun robh a h-uile duine a’ coimhead rithe mar gur e coigreach a bh’ innte le ceann mòr agus trì sùilean.

Mhothaich Shirin le iongnadh gum b’ ise an t-aon neach a bha a’ caitheamh chador. Bha nighean faisg oirre a’ puingeadh le corraig agus rinn i gàire ’s i a’ faighneachd do a mamaidh, ‘Carson a tha ise a’ caitheamh clobhd mòr mu a ceann mar sin?’

Shlaod a’ mhàthair an nighean bheag air falbh agus thuirt i rithe gun robh e mì-mhodhail a bhith a’ puingeadh. Bha Shirin airson innse don nighinn nach b’ e clobhd mòr a bh’ ann, gur e chador a bh’ ann, agus ann an Tehran bha mòran de na nigheanan agus am màthraichean agus an seanmhairean a’ caitheamh chador, oir bha e na phàirt de an cultair.

Gun teagamh, bha Shirin airson an chador a thoirt dhith oir cha bu toil leatha mar a bha daoine a’ coimhead rithe san dòigh seo, agus bha i airson a bhith air ais ann an Tehran far an robh e grianach agus far am biodh a h-òrdagan blàth uair eile.

‘Tiugamaid dhachaigh,’ thuirt a h-antaidh agus i a’ cur cabhag air an nighinn bhig a-steach do thacsaidh mhòr dhubh, le solas orains air a mullach.

Bha Shirin a’ smaoineachadh gun robh guth glè neònach aig dràibhear na tacsaidh. Cha robh e idir coltach ris an tidsear Beurla aice, Mgr Rahimi. Bha e ag ràdh rudan mar ‘Blimey’ agus ‘awright love, where to?’ Cha robh Shirin a’ tuigsinn nam facal sin, ach gu fortanach bha coltas gun robh a h-antaidh a’ tuigsinn agus cha b’ fhada gus an robh iad a’ stiùireadh tron bhaile a dh’ionnsaigh a dachaigh ùir.

Bha Shirin airson faighneachd do a h-antaidh carson nach robh chador oirre ann an Sasann ged a bha i daonnan a’ caitheamh fear nuair a bhiodh i a’ tadhal air a màthair ann an Tehran.

‘Feumaidh gu bheil breug-riochd oirre,’ smaoinich an nighean òg. Ach chuimhnich Shirin cuideachd gun robh a màthair an-còmhnaidh air innse dhi nach robh feum sam bith ann a bhith gad fhalach fhèin bho chàich, agus mar sin bha iongnadh air Shirin carson a roghnaich a h-antaidh a bhith ann am breug-riochd nuair a bhiodh i ann an Sasann.

Thionndaidh Lunnainn a-mach gu bhith na àite glè neònach gun teagamh sam bith. Bha an t-uisge ann a h-uile latha a’ chiad seachdain agus cha robh Shirin a’ saoilsinn mòran de thìde samhraidh Bhreatainn. Bha duilgheadas aice a’ tuigsinn na bha daoine ag ràdh fiù ’s ged a bhathar ag ràdh rithe gun robh a’ Bheurla aice glè mhath. Agus fhuair i a-mach nach fhaodadh dìreach duine sam bith a dhol a chèilidh air a’ Bhanrigh na taigh mòr, fiù ’s ged a bha ceud seòmar ann far am faodadh i fàilte a chur air luchd-tadhail agus teatha a thoirt dhaibh.

Fhuair an nighean òg briseadh-dùil mòr le a dachaigh ùr agus bha i ag ionndrainn a màthair ’s a h-athair agus a caraidean. Bha eadhon am biadh eadar-dhealaichte: bha e glas coltach ris an tìde agus coltas air gun robh e a’ tighinn à bogsaichean às an reòthadair, cha b’ ann coltach ri loobia polo le saffron a màthar, no tahâdeeg brisgeanach a bha dathach agus blasta ri ithe.

Nuair a thàinig an latha airson Shirin a dhol don sgoil ùr aice, bha i glè iomagaineach agus thuirt i ri a h-antaidh gun robh i ro thinn airson èirigh às a leabaidh.

‘Chan eil mi airson a dhol ann,’ ghearain i. ‘Chan aithnich mi duine agus bidh daoine gam choimhead!’

‘Tha tòrr nigheanan san sgoil a bhios a’ caitheamh an chador dìreach mar thu fhèin, a nighinn bhig,’ thuirt a h-antaidh. ‘Tha mi cinnteach gun dèan thu tòrr charaidean an-diugh, fuirich thusa gus am faic thu.’

Ach cha b’ ann mar sin a bha idir, cha b’ ann an toiseach. Bha nigheanan eile ann a bha a’ caitheamh an chador, ach bha iad na bu shine na Shirin agus dhiùlt iad bruidhinn rithe.

Bha na nigheanan sa chlas aice fhèin a’ puingeadh ’s a’ gàireachdaich. Bha falt donn air gach aon dhiubh no falt bàn agus sùilean gorma, agus cha robh iad airson a bhith càirdeil ris an nighinn ùir seo oir bha i diofraichte bhuapasan agus bha craiceann agus sùilean dorch aice agus i a’ caitheamh chador. Cha robh e a’ faireachdainn math a bhith cho eadar-dhealaichte bho chàich agus bha Shirin a-rithist a’ miannachadh gun robh i air ais aig an taigh còmhla ri a màthair.

B’ ann aig àm lòn agus i na suidhe ann an oisean san raon-cluiche a’ planadh mar a theicheadh i air ais gu Tehran, a thàinig balach òg suas gu Shirin.

‘’S e Stephen an t-ainm a th’ orm,’ thuirt am balach. ‘Am bu mhath leat beagan den milkshake agam a ghabhail?’

Agus leis an sin, thabhaich am balach òg am milkshake sùbh-làir aige do Shirin agus sràbh na uachdar.

Bha Shirin a’ smaoineachadh gun robh blas iongantach air am milkshake agus b’ fheudar dhi stad a chur oirre fhèin bho òl gu lèir.

‘Na biodh dragh ort mu chàich. Tha iad mosach riumsa cuideachd uaireannan on tha mi a’ fuireach còmhla ri mo mhàthair. Dh’fhàg m’ athair sinn o chionn fhada agus a-nis chan eil ann ach an dithis againn. Tha mo mhàthair dìreach sgoinneil agus a’ coimhead às mo dhèidh uabhasach math ach chan eil mòran airgid againn agus bidh daonnan a’ magadh orm oir bidh iad ag ràdh gu bheil mi bochd agus gu bheil m’ aodach salach.’

Choimhead Stephen sìos air a bhleusar agus a bhrògan, agus dhruid e a ghuailnean. ‘Chan eil iad salach, tha iad dìreach aosta.’

Gu h-obann thàinig gàire air aodann. ‘Tha iad gòrach co-dhiù. Dè am fios a th’ acasan!’

Rinn Shirin gàire agus on a bha gàire bhrèagha aig Stephen stais mhòr sùbh-làir air bho bhith a’ tarraing a-mach an t-sràbh san milkshake aige agus ag òl dìreach às a’ bhotal. Dh'òl e uile sìos ann an aon bhalgam, le fuaimean glugach.

B’ fheudar don nighinn òig aideachadh nach robh i a-riamh a’ leigeil le beachdan dhaoine eile dragh a chur oirre, agus carson a thòisicheadh i a-nis?

‘Tha thu ceart,’ thuirt i. ‘Dè am fios a th’ acasan co-dhiù!’ O chionn 's gun tug Stephen pàirt den Milkshake aige dhi, shlaod Shirin ceithir pìosan baklava às a pòcaid agus roinn i na mìlsean sin le a caraid ùr.

‘Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil do bheannag a’ coimhead fasanta,’ thuirt Stephen, agus e ag ithe pìos mòr de baklava aig an aon àm.

‘’S e chador a chanar ris,’ dh’innis Shirin dha.

Roilig am balach òg nam facail mun cuairt na bheul còmhla ris am baklava milis.

‘Uill, tha e a’ coimhead uabhasach cool,’ thuirt e.

Gu h-obann, thog Stephen am bleusar aige thairis air a cheann agus bha esan cuideachd a’ caitheamh seòrsa de chador. Thàinig air Shirin gàire eile a dhèanamh oir bha am balach a’ coimhead cho èibhinn. Bha i a’ smaoineachadh gun còrdadh Stephen gu mòr ri a h-athair ’s a màthair oir ’s e neach làidir a bh’ ann agus an-còmhnaidh a’ coimhead air taobh soilleir na beatha. Bhiodh màthair Shirin ag ràdh a bha glè chudromach do dhaoine a dhèanamh.

Bha an dithis gu luath gan call fhèin ann an geamannan mas-fhìor agus dàn’-thurais, a’ ruith mun cuairt ann an oisean an raoin-cluiche, agus às dèidh a chèile air feadh an àite. Bha iad ag innse sgeulachdan da chèile agus dh’innis Shirin do Stephen mun bheatha ann an Tehran, agus dh’innis Stephen do Shirin mu na nithean matha uile a dh’fhaodadh tu a dhèanamh ann an Lunnainn, leithid cluich sa phàirc mhòr no a’ dol don sù no don taigh-dhealbh. Bha fiù ’s roth mòr sam faodadh tu a dhol.

‘Thog iad e dìreach air bruaich Abhainn Thames. Tha e eireachdail!’ dh’èigh e agus e a’ dèanamh cearcall mòr le a ghàirdeanan.

Uill, cha robh e fada gus an do mhothaich a’ chlann eile an spòrs a bha aig Shirin agus Stephen, agus ann an ùine nach ro fada thòisich iad a’ cruinneachadh timcheall agus a’ gabhail pàirt sna geamannan agus na sgeulachdan.

Mus do bhuail an clag ag iarraidh air a’ chloinn a dhol air ais don chlas, bha buidheann mòr de chlann uile cruinn còmhla ag èisteachd ri Shirin ag innse sgeulachdan mu a beatha ann an Tehran; mu dheidhinn mar a chaidh i air falach fon leabaidh nuair a chuala i na bomaichean a’ tuiteam às an adhar tron oidhche, no mu dheidhinn mar a bhiodh i a’ tadhal air a h-uncail craicte a bha a’ fuireach ann an taigh mòr air an tràigh far am biodh i a’ dol air a saor-làithean. Bha a’ chlann a’ gabhail uabhas ag èisteachd ris a leithid sin de sgeulachdan agus cha b’ urrainn dhaibh gun tòrr cheistean fhaighneachd a bha Shirin toilichte a fhreagairt.

Agus dh’fhaighnich Shirin mu dheidhinn Sasainn agus carson a bha e cho fuar fiù ’s ged a b’ e an samhradh a bh’ ann, agus carson nach bu toil leis a’ Bhanrigh daoine a’ tadhal oirre. Thug seo gàire air a’ chloinn. Mu dheireadh, bha aig tidsear ri thighinn a-mach don raon-cluiche agus a’ chlann èigheach air ais don chlas, oir cha tug iad an aire gun do bhuail an clag oir bha a leithid de spòrs aca.

Air a slighe tarsainn an raoin-cluiche, dh’fhairich Shirin cho taingeil do Stephen oir bha e air nì a bha glè chudromach a shealltainn dhi.

‘Tha e ceart gu leòr a bhith diofraichte,’ thuirt i rithe fhèin, ‘a dh’innse na fìrinne, ’s ann a tha e bòidheach.’ Agus leis an smuain seo gu foirmeil na ceann, bha Shirin bheag cinnteach mu dheidhinn beatha ùr a dhèanamh dhi fhèin ann an Sasann a dhèanadh a pàrantan glè phròiseil aiste.

‘Cò aige tha fios,’ smaoinich i, ‘is dòcha nuair a thig m’ athair ’s mo mhàthair an seo, bidh fios aca ciamar a gheibh mi cothrom air coinneachadh ris a’ Bhanrigh.’ 

 

 

Taing

Sgrìobhaiche

 Anonymous

Leughadair

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl Cuspair

 'Staccato Strings Loop' le Holy Hammer Audio on Audiojungle

Creideasan Ìomhaigh

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here