KidsOut World Stories

Fiadh agus Deàguar    
Previous page
Next page

Fiadh agus Deàguar

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

Fiadh agus Deàguar

Sgeulachd à Brasil

 

 

 

 

 

 *

Choisich Fiadh ri taobh na h-aibhne a-steach dhan choille. ‘Obh, obh. Dè an seòrsa beatha a th’ agam? Gun dachaigh. ’S dòcha gun dèan mi dachaigh dhomh fhèin. Tha an t-àite cho math ri àite sam bith eile.’

Chaidh Fiadh air adhart.

Thàinig Deàguar gu taobh na h-aibhne, a’ coiseachd air a shocair dhan choille. Ràinig e an aon àite: ‘Obh, obh. Dè an seòrsa beatha a th’ agam? ’S dòcha aon latha gun gabh mi còmhnaidh am badeigin agus gun dèan mi dachaigh dhomh fhèin. Bhiodh an t-àite seo cho math ri àite sam bith eile.’

Agus chùm Deàguar air adhart.

Thill Fiadh, agus leis na cròicean iongantach aige, ghluais e planntraisean, sgioblaich e na duilleagan agus dh’ullaich e talamh rèidh airson taigh a thogail, agus an uair sin chaidh e a-steach dhan choille.

A-nis thàinig Deàguar: ‘Seo an t-àite anns an robh mi airson mo thaigh a thogail, ach chaidh an talamh a ghlanadh agus a dhèanamh rèidh. Tha e soilleir gun tug dia Tupan beannachd air an àite seo. An seo nì mi mo thaigh.’ Agus le dealas, rinn Deàguar an talamh rèidh agus còmhnard agus rinn e fhèin làr – cruaidh agus gleansach le na fiaclan aige ga chuideachadh – agus an uair sin chaidh e a-steach dhan choille.

Thill Fiadh: ‘Tha an làr deiseil, gleansach agus cruaidh. Tha e soilleir gu bheil dia Tupan gam chuideachadh.’ Agus le lùths ùr, thog Fiadh ballachan airson an taigh. Nuair a bha e deiseil, chaidh Fiadh a-steach dhan choille.

A-nis thàinig Deàguar: ‘Tha an Dia Tupan air ballachan a thogail airson an taigh agam. A-nis nì mi mullach.’ Agus rinn an Deàguar làidir mullach, agus nuair a bha e deiseil chaidh e a-steach dhan choille. Chunnaic Fiadh gun robh am mullach air a dhèanamh: ‘Tha Tupan air beannachdan a thoirt dhomh gu dearbh.’

Taobh a-staigh an taigh, rinn Fiadh dà sheòmar: aon dha fhèin agus aon airson Tupan. Chaidh e a-steach aon sheòmar, ghabh e fois airson greis agus chadail e fhad ‘s a dh’fhàs e dorcha.

Agus a-nis thill Deàguar agus chunnaic e gun robh dà sheòmar anns an taigh: ‘Rinn Tupan seòmar dha fhèin airson an dithis againn a bhith a’ fuireach còmhla.’

Chaidh e a-steach dhan sheòmar eile agus chadail e.

Chadail Fiadh agus Deàguar tron oidhche anns an aon taigh. Aig briseadh an latha, dhùisg iad.

Chunnaic Fiadh Deàguar. Choimhead Deàguar air Fiadh: ‘An do chuidich thu gus an taigh agam a thogail?’

‘Chuidich. An do chuidich thusa an taigh agamsa a thogail?’

‘Chuidich.’

Mar sin, bha iad beò còmhla ann an sìth… airson ùine ghoirid.

Bha an t-acras air Deàguar: ‘Dèan teine. Cuir poit air airson goil. Tha mi a’ dol a shealg.’ Dh’fhàg Deàguar an taigh agus dheasaich Fiadh an teine agus a’ phoit uisge goileach.

Lorg agus ghlac Deàguar fiadh. Thug e leis e air ais don taigh. Thòisich e am fiadh a chòcaireachd. Nuair a chunnaic Fiadh na bha Deàguar a còcaireachd, bha Fiadh brònach.

Thòisich Deàguar ag ithe. Bha eagal air Fiadh agus cha do dh’ith e. Chaidh Fiadh dhan a sheòmar agus dh’fheuch e ri cadal.

Chaidh Deàguar dhan sheòmar aige fhèin.

Fad na h-oidhche, chùm Fiadh a shùilean fosgailte, eagal ’s gun togadh Deàguar e agus gun itheadh e e.

*

Anns a’ mhadainn, thuirt Fiadh ri Deàguar: ‘Dèan teine. Cuir air a’ phoit. Goil an t-uisge. Tha mi a’ dol a shealg.’

Chaidh Fiadh a-steach dhan choille. An sin, a’ geurachadh a spògan air rùsg craoibhe, bha deàguar. Chaidh Fiadh air adhart gus an do lorg e Tamandua, itheadair nan seangan.

‘Thuirt an deàguar sin droch rudan mu do dheidhinn.’

Dh’fhàs Tamandua feargach. Dh’fhalbh e agus thug itheadair nan seangan ionnsaigh air an deàguar le a spògan làidir, geur. Nuair a chaidh an deàguar a mhurt, dh’fhàg Tamandua. Thug Fiadh leis an deàguar marbh air ais don taigh.

Nuair a chunnaic Deàguar an rud a bha Fiadh a’ còcaireachd, ghabh e an t-eagal. Cha robh e airson coimhead air Fiadh fhad ’s a bha e ag ithe agus mar sin chaidh e dhan t-seòmar aige. Ach gu dearbh, mar a tha fios agaibh, chan ith Fiadh feòil deàguar.

An uair sin chaidh Fiadh dhan t-seòmar aige fhèin. Cha b’ urrainn Fiadh cadal. Bha an t-eagal air Fiadh gun tigeadh Deàguar tron oidhche agus gun itheadh e e.

Cha b’ urrainn Deàguar cadal. Bha an t-eagal air gun tigeadh Fiadh tron oidhche agus gun itheadh e e.

Mu dheireadh thall, dh’fhàs Fiadh sgìth agus thuit e na chadal. Agus fhad ’s a bha a cheann crom, bhuail na cròicean aige air a’ bhalla agus rinn iad fuaim mòr. Dhùisg Deàguar le eagal gun robh Fiadh a’ tighinn a thoirt ionnsaigh air. Rinn e èigh eagalach. Bha Fiadh a’ smaoineachadh gun robh Deàguar a’ tighinn ga mharbhadh.

Theich Fiadh às an taigh! Theich Deàguar às an taigh! Ruith na dhà aca fada, fada air falbh bho chèile.

Bhon àm sin, chan eil Deàguar agus Fiadh air fuireach còmhla.

Enjoyed this story?
Find out more here