KidsOut World Stories

A’ Bhruis-pheantaidh Sheunta    
Previous page
Next page

A’ Bhruis-pheantaidh Sheunta

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 


Gaelic Books Council Logo

Taing shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic ann a bhith a’ cruthachadh an e-leabhair seo.

 

 

 

A’ Bhruis-pheantaidh Sheunta

Mith-sgeul Sìonach

 

 

 

 

 

 

Latha bha siud, bha balach òg ann leis an ainm Ma Liang. Bha e bochd agus coibhneil agus bu toil leis tarraing dhealbhan agus bhiodh e a’ tarraing dhealbhan sa h-uile àite.  Aon oidhche, bha e ag aisling gun tug seann duine bruis-pheantaidh sheunta dha agus gun do dh’iarr e air a cleachdadh gus daoine bochda a chuideachadh. Nuair a dhùisg e, lorg e a’ bhruis-pheantaidh sheunta air an deasg aige.

A-riamh bhon latha sin, bha e a’ cleachdadh na bruis-pheantaidh nuair a bhiodh feum aig daoine bochda air cuideachadh. Nuair a bha e a’ faicinn nach robh uisge aig daoine airson a chleachdadh sna h-achaidhean aca, bha e a’ tarraing abhainn agus bha an abhainn a’ tighinn beò. Dh’fhaodadh daoine uisge a thoirt às an abhainn chun an achaidh airson am bàrr a chuideachadh gu fàs. Nuair a bhiodh e a’ faicinn nan tuathanach dhìcheallach a’ strì ri an teaghlaichean a bhiadhadh, bha e a’ tarraing barrachd bìdh dhaibh airson ithe. Ann an ùine nach robh fada, bha fios aig mòran dhaoine mu dheidhinn na bruis-pheantaidh sheunta agus bha iad glè thaingeil do Ma Liang.

Ach sa bhaile-fearainn, bha duine beairteach a’ fuireach a bha mosach agus chuir e roimhe a’ bhruis-pheantaidh a ghoid bhon bhalach òg gus am faodadh e a cleachdadh airson fàs fiù ’s nas beairtiche. Mar sin, chuir e a shearbhantan gu dachaigh Ma Liang a ghoid na bruis-pheantaidh sheunta.

Aon uair ’s gun robh a’ bhruis-pheantaidh aige, bha e a’ faireachdainn glè thoilichte agus thug e cuireadh do a charaidean a thighinn gu a dhachaigh gus an sealladh e dhaibh an rud ùr a bha aige. Tharraing e tòrr dhealbhan ach cha tigeadh aon dhiubh beò dha. Bha an fhearg mhòr air nach obraicheadh a’ bhruis-pheantaidh dha agus chuir e a dh’iarraidh Ma Liang.

Thuirt e ris an duine òg, 'Ma tharraingeas tu dealbhan dhomh agus an toirt beò, leigidh mi saor thu.'

Cha robh Ma Liang airson a leithid sin de dhroch dhuine a chuideachadh, ach thàinig beachd-smuain thuige.

Thuirt e ris an droch dhuine, 'Dè tha thu ag iarraidh orm a tharraing?'

Thuirt an duine beairteach, 'Tha mi ag iarraidh beinn òir. Thèid mi an sin a thional òir.' 

Ach tharraing an duine òg muir an toiseach.

Bha an duine beairteach feargach agus thuirt e, 'Carson a tharraing thu muir? Tha mi ag iarraidh beinn òir. Tarraing i sa bhad!'

Mar sin tharraing an duine òg beinn òir a bha astar fada bhon mhuir.

Thuirt am fear beairteach, 'Tarraing bàta mòr sa bhad. Tha mi airson a dhol an sin a chruinneachadh òir.' 

Rinn an duine òg fiamh-ghàire air a shocair agus tharraing e bàta mòr. Leum an duine beairteach a-steach don bhàta agus thog e air a lorg an òir, ach nuair a sheòl am bàta gu meadhan na farraige tharraing Ma Liang tonn mòr a sgrios am bàta agus chan fhacas an duine beairteach a-rithist sa bhaile-fearainn a-riamh às dèidh sin.

An dèidh sin, bha an duine òg toilichte còmhla ri a theaghlach agus a’ cleachdadh na bruis-pheantaidh sheunta airson daoine bochda a chuideachadh, dìreach mar a dh’iarr an seann duine air a dhèanamh agus bha a’ bhruis-pheantaidh sheunta aithnichte agus gràdhaichte leis a h-uile duine.

 

 

Taing

Leughadair 

Raonaid Nic a' Phearsain

Ceòl Cuspair

 'Chinese in Russia' le maestro-misha2012/Audiojungle

Obair-ealain

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here