KidsOut World Stories

Am Bus Dhan Sgoil Anonymous    
Previous page
Next page

Am Bus Dhan Sgoil

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 

 

 

Am Bus Dhan Sgoil
 

 

 

 

 

 

 

 *


’S e am bus an rud a b' fheàrr le Joaquin mu Shasainn. Gach latha bhiodh Joaquin agus a mhàthair a' dol air a’ bhus dhan sgoil ùir aige. Bu toigh leis a bhith a’ coimhead mun cuairt air gach neach-siubhail eadar-dhealaichte.

Anns a’ mhòr-chuid de dh’àitichean-suidhe bha daoine a’ dol dhan obair. Bha aodach spaideil orra agus bha iad a’ giùlan bhagaichean is màileidean-oifis. Ann an àitichean-suidhe eile bha sgoilearan mar Joaquin. Bha a’ mhòr-chuid dhiubh na bu shine agus bha aodach-sgoile orra.

’S e boireannach le falt geal aon den luchd-siubhail a b' fheàrr le Joaquin. Bha cù beag, donn aice na baga. Thuirt am boireannach gun robh an cù nearbhasach. Rinn Joaquin cinnteach a bhith socair leis.

Cha robh Joaquin eòlach air mòran Beurla, ach bha fios aig a mhàthair air tòrr. Nuair a ghabhadh iad am bus, bhiodh i a’ faighneachd airson na tiogaid. Bhiodh dràibhear a’ bhus a’ priontadh nan tiogaidean.

Gach madainn chanadh i, ‘Dà thiogaid-tillidh gu Blackfriars.’ Nuair a thigeadh iad far a’ bhus, dh’iarradh i air Joaquin ‘tapadh leibh' a ràdh. Bha na faclan a’ faireachdainn ùr ach dh’fhàs e cleachdte riutha.

Bha a’ mhòr-chuid de sgoilearan aig sgoil Joaquin à Sasainn. Bhiodh e na shuidhe leis fhèin gu math tric aig taobh a’ chlas. Bha an tidsear càirdeil ach bha Joaquin diùid. Cha toireadh e seachad freagairtean le barrachd air aon fhacal agus cha thogadh e a làmh. Bha dragh air an rud ceàrr a ràdh sa Bheurla. Cha bu toigh leis a bhith a’ dèanamh mhearachdan le gràmar neo le mar a chanadh e rudeigin. Bha Joaquin ag iarraidh a bhith misneachail le Beurla mus feuchadh e air bruidhinn, ach cha robh e a' gabhail cothrom feuchainn.

Aig toiseach an Dùbhlachd, bha fuachd air màthair Joaquin. Chuir i aodach blàth oirre fhèin agus Joaquin. Chuir i sgarfa fhada timcheall a h-amhach. Bha Joaquin air a bhith fuar roimhe ach bha geamhradh Bhreatainn searbh agus dorcha.

Bhìd a’ ghaoth a chorragan. Bha a mhàthair a’ crith agus a’ casadaich nuair a bha Iad a' coiseachd gu àite-stad a’ bhus. Rug Joaquin air a corragan fuar.

Ràinig am bus agus dh’fhuirich iad airson an luchd-siubhail eile a dhol air. Rinn màthair Joaquin casad eile agus thuirt i, ‘Faighneachd airson nan tiogaidean, Joaquin.’

Tharraing Joaquin anail dhomhainn. Ghabh e ceum air a’ bhus agus choimhead e mun cuairt. Mar a b' àbhaist, bha tòrr dhaoine ann. Bha an aire air fònaichean is leabhraichean. Bha a’ chailleach agus an cù an aon feadhainn a bha a’ coimhead suas. Rinn i gàire ri Joaquin.

Fhuair Joaquin beagan misneachd agus a’ coimhead suas ris an dràibhear thuirt e ann an guth modhail, ‘Dà thiogaid-tillidh gu Blackfries.’

Choimhead dràibhear a’ bhus sìos ris gu mì-chinnteach. ‘Blackfries?’

Dh’fhairich Joaquin aodann a’ fàs dearg, ‘Gu Blackfries. Tha an sgoil agam aig Blackfries.’

‘A bheil thu a’ ciallachadh Blackfriars?’

‘Tha,’ dh'aom Joaquin a cheann.

Choimhead cuid dhen luchd-siubhail eile suas bho na fònaichean aca. Bha coltas orra gun robh iad diombach mun dàil a bha Joaquin ag adhbharachadh. Nuair a phàigh màthair Joaquin airson nan tiogaidean, rug e air a làimh agus dh’fhalaich e aodann.

Bha Joaquin air a nàrachadh. Dh’fheuch e ri a mhàthair a chuideachadh ach dh’fhàilig e. A’ snòtadh, choimhead Joaquin air an làr airson a' chòrr den t-slighe. Nuair a thàinig iad far a’ bhus, cha tuirt Joaquin ‘tapadh leibh’ ris an dràibhear mar a b’ àbhaist. Bha aig a mhàthair ri taing a thoirt dha i fhèin.

Airson a'chòrr den latha, bha Joaquin fiu ’s nas sàmhaiche na b’ àbhaist. Cha do dh’fheuch e ri bruidhinn ris an tidsear, ged a bhrosnaich i e. Cha robh e airson bruidhinn air eagal ’s gun dèanadh e mearachd eile.

Nuair a thog màthair Joaquin e bhon sgoil, bha i a’ faireachdainn na b’ fheàrr na bha i sa mhadainn.

Rinn i gàire ri Joaquin nuair a thug e cudail dhi, ‘An robh latha math agad?’

Cha do fhreagair Joaquin.

Chrùb a mhàthair sìos ri a thaobh agus shlìob i a fhalt gu socair. ‘Joaquin, dè tha ceàrr?’

‘Tha mi air a bhith a’ faireachdainn diùid is draghail mu mo Bheurla. Dh’fheuch mi do chuideachadh agus cha b’ urrainn dhomh. Tha mi ag iarraidh mo Bheurla a bhith dìreach ceart, ach tha an t-eagal orm a bhith ga bruidhinn. Bhiodh e cho furasta nam biodh a h-uile duine ann an Sasainn a’ bruidhinn Spàinntis no rudeigin a bha mi a' tuigsinn. Tha e ro dhoirbh. Tha mi airson a dhol dhachaigh.'

Dh’èist màthair Joaquin gu dlùth.

Nuair a stad Joaquin greis gus a dheòir a shuathadh, thuirt i, ‘Tha e ceart gu leòr, a ghràidh. Bheir ionnsachadh rudan ùra ùine. Tha mi a’ tuigsinn sin. ’S e balach math a th’ annad airson a bhith ag iarraidh mo chuideachadh. Tapadh leat.’

Thug i pòg dha air a cheann, ‘Chan fheum thu a bhith ceart, coileanta air a h-uile càil. Chan eil duine sam bith sin. Chan fheum thu ach a bhith misneachail.’ Rinn i gàire. ‘Tha thu a’ dèanamh glè mhath agus tha mi moiteil asad. Na leig suas, Joaquin.’

Dh'aom Joaquin a cheann.

Air an t-slighe gu àite-stad a’ bhus, smaoinich e mu fhaclan a mhàthar agus mhothaich e gun robh i ceart. Bidh fiù ’s na daoine às fheàrr a’ dèanamh mhearachdan uaireannan. Shaoil Joaquin gur e an t-adhbhar a bha cuid de dhaoine cho math gun do sheas iad suas agus gun do dh’fheuch iad a-rithist. Ma bha coltas misneachail air agus nan cumadh e a cheann suas àrd, dh’fhaodadh e càil sam bith a dhèanamh.

Thàinig am bus gus an toirt dhachaigh. Bha am bus làn a-rithist agus mhothaich Joaquin do dhaoine ann an deiseachan spaideil, sgoilearan, agus boireannaich le coin, uile a’ bruidhinn ri chèile neo a’ coimhead air fònaichean. Bha iad a' bruidhinn le misneachd agus nan dèanadh iad mearachd, cha robh dragh aca.

Nuair a ràinig iad an àite-stad aca, thàinig Joaquin agus a mhàthair far a’ bhus. Thionndaidh Joaquin gu dràibhear a’ bhus agus le misneachd is sunnd thuirt e, ‘Tapadh leibh!’

Rinn dràibhear a’ bhus gàire agus thug e taing air ais. Fhad 's a bha Joaquin agus a mhàthair a' coiseachd dhachaigh, cho-dhùin e aig a’ cheann thall nach robh mearachdan cho dona sin.

Enjoyed this story?
Find out more here