KidsOut World Stories

An Sligeanach agus an Geàrr KidsOut    
Previous page
Next page

An Sligeanach agus an Geàrr

A free resource from

Begin reading

This story is available in:

 

 

 

 An Sligeanach agus an Geàrr

 

 

 

 

 

 

 

 *

Latha de na làithean, ann an achadh nach eil ro fhada air falbh, bha geàrr a bha toilichte agus làn spionnaidh agus sligeanach a bha an-còmhnaidh cadalach.  

B’ e Nollaig an t-ainm a bh’ air a’ gheàrr thoilichte agus b’ e Gilleasbaig a bh’ air an t-sligeanach chadalach. Bu toil le Gilleasbaig a bhith a’ suidhe agus ag ithe a dhiathad air a shocair fhad ’s a bhiodh Nollaig an geàrr a’ glamhadh sìos a dhiathad agus a’ ruith mun cuairt agus mun cuairt Ghilleasbaig gus an robh e ann an tuaineal.

Aon latha, thòisich iad ag argamaid.

‘Is mise am beathach as luaithe san t-saoghal mhòr,’ thuirt Nollaig. ‘Tha mi nas luaithe na peasan de shiota, cangarù a’ breabail agus rabaid a’ rèiseadh,’ bha e a’ bòstadh.

‘O, bi sàmhach,’ thuirt Gilleasbaig le osna. ‘Tha thu cho mòr asad fhèin! Mura bi thu faiceallach, thig thu gu deireadh gu math steigeach.’

‘Càite a bheil an deireadh steigeach sin ma-thà?’ dh’fhaighnich Nollaig. ‘A bheil e fada às an seo?’

Roilig Gilleasbaig a shùilean agus chùm e air a’ cagnadh nan duilleagan blasta leatais aige.

‘O, sguiribh a dh’argamaid, an dithis agaibh,’ thuirt lòn-dubh agus e a’ sgèith seachad.

‘Cha sguir, tha seo cudromach,’ thuirt Nollaig an geàrr. ‘Dearbhaidh mise dhuibh uile gur mise am beathach as luaithe air fad an t-saoghail mhòir!’

‘Ceart,’ thuirt Gilleasbaig an sligeanach. ‘Rèisidh mi thu ma-thà!’

Cha b’ urrainn do Nollaig an geàrr sguir a ghàireachdainn.

‘Fuirich thusa gus am faic thu,’ thuirt Gilleasbaig. ‘Iarraidh mi air Uallas an t-seann chailleach-oidhche ghlic an rèis a chur air dòigh dhuinn.’

Chuir Uallas, an t-seann chailleach-oidhche ghlic, an rèis air dòigh airson an ath latha. Chuir na beathaichean uile san achadh orra an t-aodach a b’ fheàrr a bh’ aca, chìr iad am bèin, thog iad leotha bratach airson a crathadh agus fhuair iad deiseil airson Nollaig agus Gilleasbaig a bhrosnachadh air adhart.

‘Air ur comharran! Deiseil! Mach à seo!’ dh’èigh Uallas. Agus siud an rèis a dhol!

Gu slaodach socair, dh’fhalbh Gilleasbaig an sligeanach agus gu luath luath rinn Nollaig an geàrr às na dheann-ruith gus an robh e gu math luath a-mach às an t-sealladh. Ann an da-rìribh bha e cho fada air adhart agus nuair a choimhead e air ais, cha robh sgeul ri fhaicinn air an t-sligeanach.

‘Mo chreach,’ smaoinich Nollaig. ‘Faodaidh mi a ràdh gu bheil mi air an rèis a bhuannachadh mar-thà! Tha mi a’ smaoineachadh gun laigh mi sìos fon chraoibh seo agus gun gabh mi norrag bheag, tha an latha cho teth.’ Ann an ùine glè ghoirid bha Nollaig an geàrr na shuain chadail.

Anns an eadar-ama, bha Gilleasbaig an sligeanach a’ gabhail air adhart air a shocair mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dha, agus e a’ còrdadh ris a bhith a’ faireachdainn teas na grèine air an t-slige aige. Air adhart, air adhart ’s air adhart chùm e a’ dol ’s e a’ togail bileag feòir bho àm gu àm agus ga ithe. Chùm e air seachad air a’ chraoibh dharaich, choisich e seachad air an drochaid air a shocair, lean e air seachad air a’ bhathaich far an robh an crodh, chùm e air fiù seachad air Nollaig an geàrr a bha fhathast agus srann aige fon chraoibh. Chùm Gilleasbaig a’ dol agus a’ dol gus an tàinig e chun na loidhne crìochnachaidh, far an robh Uallas an t-seann chailleach-oidhche ghlic agus na beathaichean eile uile anns an achadh, a’ feitheamh.

Chruinnich na beathaichean uile timcheall air Gilleasbaig ’s iad a’ bualadh am boisean ’s ag èigheach.

‘Math dha-rìribh! ’S math a rinn thu! Is tusa am buannaiche!’

Bha iad a’ dèanamh a leithid sin de dh’fhuaim agus gun do dhùisg Nollaig le briosgadh.

‘O mo chreach! Mo chreachs’! Dè tha a’ dol air adhart? Dè am fuaim a tha sin? Coma leat. B’ fheàrr dhomh an rèis a chrìochnachadh agus an uair sin faodaidh mi a dhol a dh’fhaighinn mo dhiathad,’ smaoinich e.

Rinn Nollaig an geàrr às sìos an cnoc a dh’ionnsaigh na loidhne crìochnachaidh. Ach nuair a ràinig e sin, fhuair e briseadh-dùil uabhasach nuair a chunnaic e Gilleasbaig an sligeanach le bonn òir a’ bhuannaiche mu amhaich.

‘Chan urrainn gu bheil seo ceart! Feumaidh gun d’ rinn e foill,’ dh’èigh Nollaig an geàrr. ‘Tha fios aig a h-uile duine gu bheil mise nas luaithe na esan!’

‘Cha do rinn Gilleasbaig an sligeanach foill,’ thuirt Uallas, an t-seann chailleach-oidhche ghlic. ‘Bhuannaich e gu h-onarach. Gu socair ach gu cinnteach agus gun ghèilleadh aig àm sam bith, fhuair Gilleasbaig seachad air an loidhne crìochnachaidh an toiseach.’

Bha Nollaig an geàrr a’ coimhead glè mhì-thoilichte agus bus mòr air. Bha Gilleasbaig an sligeanach a’ faireachdainn duilich air a shon agus dh’fheuch e ri chur ann an deagh shunnd.

‘Tog ort a Nollaig, cha robh ann ach rèis,’ thuirt Gilleasbaig. ‘Tha mi cinnteach gum buannaich thu an ath rèis. Ach b’ fheàrr leam fada gun robh sinn fhathast nar caraidean seach a bhith a’ buannachadh a h-uile rèis fon ghrèin.’

Agus on latha sin, thàinig iad gu bhith nam fìor dheagh charaidean agus cha robh Nollaig an geàrr a’ bòstadh tuilleadh às dèidh sin.

 

 

Taing

Sgrìobhadair

KidsOut

Eadar-theangachadh

Beathag Mhoireasdan

Ceòl Cuspair

 Snails and Turtles le Deep Blue Music/AudioJungle

Creideasan Ìomhaigh

Shutterstock

 

Enjoyed this story?
Find out more here